|
An Uiseag
Tha fios aig a h-uile neach gu bheil guth
brèagha aig an uiseig agus tric bithear a' samhlachadh guthan
dhaoine ri guthan uiseagan ma bhios iad math air seinn.
Bidh an uiseag a' seinn is i a' dìreadh suas dhan adhar agus
is iomadh pìos bàrdachd a th' againn sa Ghàidhlig
a' moladh seinn na h-uiseige. Tha na bàird Beurla, gu h-àraidh
Keats is Wordsworth, ga moladh cuideachd.
A
rèir fionnsgeulan na h-Àirde an-Ear b' i an uiseag
a' chiad chreutair a bh' air an talamh agus 's ann aig geata Nèimh
a tha i a' seinn. Tha dualchasan eile ga ceangal ri Spiorad na h-Eòrna
agus ri Chrìosd a thuirt, "is Mise an t-aran fìor
a thàinig a-nuas à Nèamh." Tha i na samhla
air Crìosd cuideachd seach gum bi i ag ithe is a' marbhadh
bhiastagan a bhios am measg a' bharra; tha na biastagan seo nan
samhla air an t-Sàtan. Air sgàth gur ann air an talamh
a tha i a' neadachadh tha i air a faicinn, mar a bha Crìosd
fhèin, mar eadar-mheadhanair eadar nèamh is talamh
agus mar shamhla air a' phòsadh eadar nèamh is talamh.
Seach gum bi i a' seinn àrd sna speuran thathas den bheachd
gur ann a' toirt taing do Dhia a tha i. Tha cuid a' creidsinn gu
bheil i, na h-òran, ag ùrnaigh airson nan daoine a
bhios a' cur a' bharra, agus cuideachd airson an fheadhainn a bhios
a' cur sìol an t-soisgeil. Mar seo tha i na samhla air sagartachd.
'S i an uiseag a bhios ag innse mu thoiseach an là nuair
a bhios i a' seinn sa chamhanaich. Anns an t-seagh seo tha i co-cheangailte
ri leannanachd oir le a seinn sa chamhanaich bha i ag innse gun
robh an t-àm ann dha leannain a bhith a' dealachadh.
Ach ged a tha seinn na h-uiseige cho brèagha thathas ag ràdh
nach bi i a' seinn idir ann an cèidse.
Tha i cuideachd na samhla air saorsa, aoibhneas, òige is
sonas. Bidh cuid anns an Fhraing a' falbh le casan uiseige nam pòcaidean
is iad a' creidsinn gun toir sin soirbheachadh dhaibh.
Tha dualchas na Gàidhlig
a' leantainn a' cheangail seo ri Chrìosdaidheachd nuair a
tha e a' mìneachadh guth na h-uiseige mar a leanas:
Is minig, minig, minig
a thig Crìosd an riochd a' choigrich
is minig, minig, minig
a thig Crìosd an riochd a' choigrich
Tha seanfhacal Gàidhlig ag
ràdh:
Chan eil deathach an taigh na h-uiseige
Tha seo a' ciallachadh gu bheil a taigh
glan ged, 's dòcha, nach eil e spaideil.
Bha uiseagan co-cheangailte ri Oisean anns na h-eileanan agus cuid
a' creidsinn gu bheil a' bhàrdachd aige beò ann an
seinn na h-uiseige. Canar Eun Moire ris an uiseig cuideachd ann
an cuid de dh'àiteachan. Bha e air a mheas seilbheach nan
deigheadh nead uiseige a lorg ach b' e rud eile a bh' ann nan deigheadh
a creachadh! Tha e coltach gu bheil teanga na h-uiseige làn
spotan agus thigeadh an aon àireamh de mhallachdan ri sin
air neach sam bith a chreachadh nead uiseige.
Ainmean eile airson uiseag:
Fosgag Moire
Reubhag
Riabhag
Topag
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|