Balgain-buachair
agus crotal
Balgain-buachair
Cha robh meas mòr sam bith aig na seann
Ghaidheil air balgain-buachair ged a bha iad a' fàs gu math
bitheanta mun cuairt orra agus b' ann a bha eagal orra bhuapa ann
an dòigh air choreigin; bha iad dhen bheachd gun dèanadh
iad call nan deigheadh an ithe. Eadhon chun là an-diugh tha
cuid nach cleachd iad airson biadh.
Chaidh feadhainn a lorg ann an Skara Brae ach
thathas a' meas gur ann airson connadh no airson leighisean a bha
iad.
San là an-diugh, a thuilleadh air a bhith
gan cleachdadh ann am biadh, thathas a' dèanamh pàipear
a-mach asta. Thathas cuideachd gan cleachdadh airson a bhith a'
dath.
Crotal
Tha cuid a chanas gur e crotal 'duine bochd'
saoghal nan lusan agus chan eilear buileach cinnteach dè
an teaghlach lusan dom buin e. Ged a ghabhas crotal ithe b' ann
airson a bhith a' dath a bha e air a chleachdadh.
Tha iomadach gnè dhiubh ann ged is e crotal
a chanar riutha uile. Tha crotal a' fàs air craobhan is air
clachan ach tha an t-seòrsa a tha a' fàs air na clachan
nas fheàrr airson dath. Anns na h-eileanan b' e an crotal
a bha a' dath a' chlò Hearaich.
Nam biodh aodach air iasgairean a bh' air a dhath
leis a' chrotal dh'fheumadh dath gorm a bhith air oir bhathas a'
creidsinn gun tilleadh rud a chaidh a thoirt bhon chreig chun na
creige; mar sin bha an t-iasgair air a dhìon bho bhith air
a bhàthadh.
'S e crotal a bhiosar a' cleachdadh airson an
dath a chur ann am pàipear litmus. Bhitear cuideachd a' pronnadh
crotal is ga chur ann am brògan gus nach sèideadh
na casan air turas fada.
Bha an crotal buidhe a chithear air clachan
mar ann an cladh ga chleachdadh mar leigheas airson a' bhuidhich
agus bhathas ga chleachdadh cuideachd airson dathan pinc, gorm is
purpaidh a dhèanamh.
|