GRD > Beul-aithris > Lusan > Cluaran
Beul-aithris - Lusan


Cluaran, deanntag, buaghallan agus beàrnan-brìde

Cluaran
Mar a tha fios aig a h-uile duine, 's e suaicheantas na h-Alba ach chan eil a h-uile duine eòlach air carson a thàinig an lus seo gus an t-urram seo fhaighinn. A rèir seann sgeul nuair thàinig na Lochlannaich a thoirt ionnsaigh air Alba ann an Blàr na Leargaidh Ghallda thàinig iad gu tìr air tràigh air an oidhche is thug iad am brògan dhiubh gus nach cluinnear iad. Ach bha an tràigh làn chluaran is bha na lusan sin cho bìdeach 's gun do dhùisg an èigheachd aca muinntir an àite is fhuair iad air ruaig a chur orra. An dèidh Blàr na Leargaidh Ghallda fhuair an cluaran an t-urram a bhith na lus sònraichte na h-Alba.

Nochd cluarain air buinn airgid aig àm Righ Seumas III ann an 1470 agus nuair a phòs Rìgh Seumas IV Mairead Tudor agus sgrìobh Uilleam Dunbar bàrdachd aig an àm, 'The Thrissil and the Rose'.

Tha iomadach seòrsa cluarain a' fàs ann an Alba is tha iomadh ainm orra m.e. deanntag, dìogan, fòghnan is mar sin air adhart. 'S e am fòghan a th' air ainmeachadh san òran nàiseanta, 'Fòghan na h-Alba'.

Aig cruinneachaidhean Gaidhealach no Albannach bithear uaireannan ag òl deoch-slàinte na dùthcha mar a leanas:
Dùthaich nan cluaran, nam fuaran, nan cuaran is nam fuar-bheann

Anns na Meadhan Aoisean nuair bha ùidh mhòr ann an cràbhachd bhathas a' creidsinn gur e bainne Muire a bh' anns na sgalan geala a bh' air duilleagan an lusa seo agus chanadh cuid cluaran a' bhainne ris.

Bha cluaran eile air ainmeachadh air Naomh Benedict is bhathas a' creidsinn gun robh feartan draoidheil aige. Bhathas ga chur airson ithe mar ghlasraich. San là an-diugh tha daoine a' creidsinn gu bheil e math mar thonaig is airson càil a thoirt dhut dhad bhiadh.

CluaranDeanntag
Tha cuid a chanas nach buin an deanntag do theaghlach nan cluaran idir, gur e lus tur eadar-dhealaichte a th' innte ach a-mhàin gu bheil i bìdeach. Tha dì-mheas mòr ga dhèanamh oirre mar raoineig ged a bha i feumail aig aon àm.

Sna seann làithean ged a bhathas a' creidsinn gur ann bho chnàmhan nam marbh a bha i a' fàs bha aodach ga dhèanamh a-mach às na snàthainneanan aice agus bhathas ga h-ithe mar ghlasraich. Anns an earrach nuair a bhiodh biadh eile gann bha daoine ga h-ithe mar sheòrsa de lit oir bhathas a' creidsinn gun robh i math airson an fhuil a ghlanadh.

Seo mar a sgrìobh am bàrd, Tòmas Caimbeul, san 18mh linn:
'Ann an Alba, tha mi air deanntagan ithe, tha mi air cadal air siotaichean deanntaig is tha mi air biadh ithe bho chuibhrig-bùird deanntaig. Tha i math airson ithe nuair a tha na duilleagan òg, meanbh; nuair a tha iad aost tha iad math mar lìon airson aodach a dhèanamh. Chuala mi mo mhàthair ag ràdh gun robh aodach deanntaig nas seasmhaiche na anart sam bith.'

Tha Walter Scott cuideachd anns an leabhar, Rob Roy, a' toirt iomradh air feumalachd na deanntaig.

Ann an Leòdhas is san Eilean Sgitheanach bha duilleagan na deanntaig air an gearradh mìn, air am measgachadh le uighean amh is air an cur air maol duine nach fhaigheadh cadal.

Ann an Leòdhas bha freumhan na deanntaig air am bruich le beirm airson faochadh bho chasadaich. Bidh daoine a' cur duilleagan na deanntaig air pàirtean den cuirp airson faochadh bhon t-siataig. Aig àm a' chiad chogaidh bha an stuth uaine a bh' anns an deanntaig ga chleachdadh airson chlorophyll.

A rèir eachdraidh bha saighdearan Ròmanach nach robh idir eòlach air fuachd geamhradh Albannach, gam bualadh fhèin le deanntagan airson cumail blàth.

Bha teatha is brot air a dhèanamh le deanntagan cuideachd. B' e càl deanntaig a chanar ris a' bhrot seo. Tha reasabaidh à Ìle ag iarraidh na leanas:

 Làn aparain de dheanntagan
 à làn dùirn de mhin
 Dà ghallan uisge
 Pìos de fheòil-mairt saillte.

'S cinnteach gun robh an teaghlach mòr!
Tha brot deanntaig air fàs gu math fasanta san là an-diugh.

Bhitear cuideachd a' dèanamh siorap dheanntaig agus eadhon ann an Hiort, a rèir Mhàrtainn Mhàrtainn, bhathas a' dèanamh leann le deanntagan aig amannan sùbhachais san 18mh linn. Bhathas a' creidsinn gun robh teatha a bh' air a dèanamh le cluarain math dha duine a bha fo sprochd. San là an-diugh gheibhear pocannan-teatha dheanntag ri cheannach airson togail a thoirt do dhuine. Bha deanntagan gan cur an àite binid airson càis a dhèanamh.

'S dòcha gur ann ann an Sealtainn a bha an cleachdadh a b' annasaiche co-cheangailte ri deanntagan; bhiodh iad a' cruinneachadh duilleagan na deanntaig air Oidhche Shamhna is gan cur eadar siotaichean an leannain gus an tuiteadh iad ann an gaol leotha. Chan eil fhios an do dh'obraich seo!

Bhitear cuideachd a' cruinneachadh dheanntagan an oidhche ro 23mh Ògmhios bho fearann bana-bhuidsichean is gan cur fo na peilichean-bainne gus nach fhaigheadh iad air an toradh a thoirt bhon chrodh.

Gheibhear dath buidhe is uaine bho dheanntag ma thèid a buain mus fhosgail am blàth is bha uair a bha sin air a chleachdadh ann an dèanamh a' chlò Hearaich.

'S dòcha gur e an t-adhbhar gun robh deanntagan gan cleachdadh cho cumanta gun robh iad a' fàs ann an òcraichean air cùl gach taigh. Chithear deanntagan fhathast a' fàs far an robh taighean uaireigin.

Buaghallan
Mar a tha an t-ainm ag innse 's e lus a tha seo a bhios a' toirt buaidh. Tha an lus seo ri fhaicinn ann an achaidhean feurach, air bruaichean is air talamh bàn bhon Ògmhios chun Dàmhair.

Bha na seann dhaoine a' creidsinn gun cumadh an lus seo luchain air falbh bhon bhàrr. Aig àm nuair a bhathas a' creidsinn sna sìthiche bha dùil gum biodh na daoine beaga sin air oidhcheannan fiadhaich ri fasgadh a' bhuaghallain agus gum biodh iad a' marcachd air airson siubhal bho eilean gu eilean, bho Alba gu Èirinn is gu Eilean Mhanainn.

Anns na h-eileanan an iar bha bun a' bhuaghallain air a chleachdadh airson clèibh a dhèanamh. Bha e cuideachd na cuip airson crodh, eich is cloinn!

Bha sùgh a' bhuaghallain air a chleachdadh airson tinneasan sùla, lotan is amhachan goirt agus bha fuar-lit dheth math airson an t-siataig. Ach ged a tha e math airson leigheasan tha e na chunnart do bheathaichean a bhios ga ithe. Tha seo air a bhith na uallach do thuathanaich anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Chaidh Achd a chur a-mach ann an 1959 a bha ag ràdh gum feumadh tuathanaich talamh anns an robh am buaghallan a' fàs a dhìon le stuthan ceimigeach.

Thig dathan buidhe is uaine bho na duilleagan aige.

Beàrnan-brìde
Buinidh an lus seo don aon teaghlach cuideachd is 's e lus a th' ann a tha gu math cumanta air Ghaidhealtachd.

Mar na lusan eile dhen t-seòrsa bha duilleagan is freumhan an lusa gan goil is gan gabhail airson stamagan a ghlanadh a-mach. Bhathas a' creidsinn gur e Brìghde fhèin a bh' air na feartan leighis sin a thoirt don lus. Bidh daoine fhathast ag ithe nan duilleagan ann an sailead is uaireannan a' dèanamh deoch a-mach asta. Bha sùgh an lusa seo ga chur air foinnichean is tro thìde dh'fhalbhadh iad.

Gheibhear dath buidhe bhon lus.