|
Còinneach agus garbhag an t-slèibhe
Còinneach
Bha còinneach air leth cudthromach
ann an leigheasan is ann a bhith a' casg fuil. Bhiodh daoine a'
nighe an casan ann an uisge far an deach còinneach a chur
an dèidh dhaibh a bhith sgìth air tilleadh fo thuras.
Chaidh corp gaisgich bho Linn an Umha a lorg agus lot air a' bhroilleach
aige air a lìonadh le còinneach agus bha an leaghas
seo ga chleachdadh eadhon anns an Dara Cogadh. Bha Girl Guides a'
cruinneachadh còinneach aig an àm sin airson a chur
air falbh gu na saighdearan.
Bhathas cuideachd ga chleachdadh mar bhadan air
leanabh.
Nuair bha taighean gan togail dheigheadh còinneach
a chur eadar na sglèataichean gus an t-uisge a chumail a-mach.
Tha an seanfhacal
seo a' guidhe soirbheachas:
Còinneach do thaigh, crìonach
a chonnadh blàth on bhoine, teth on teine
Nam biodh na nithean sin aig duine bhathas ga
mheas fortanach.
San là an-diugh tha e air a chleachdadh
ann an gàirneilearachd airson bhascaidean fhlùraichean.
Ann am boglaichean tha còinneach cudthromach agus cha bu
chòir a spìonadh às uair sam bith.
Garbhag an t-slèibhe
'S e lus annasach a th' ann an garbhag an
t-slèibhe a tha ri fhaighinn air feadh Alba air talamh àrd.
Bha e air a chleachdadh aig aon àm mar leigheas-sùla.
Bhathas cuideachd a' dèanamh fùdar-craicinn às.
Bhiodh na draoidhean ga chleachdadh mar dhìon
bho thubaistean. Dh'fheumte a ghearradh, gun iarann a chleachdadh,
leis an làimh dheis, a chur tro mhuinchill chlì a'
chòta, mar gum b' ann air dòigh falachaidh. Dh'fheumadh
aodach geal a bhith air an neach a bha ga ghearradh, e a bhith casruisgte
agus a chasan a bhith air a nighe agus dh'fheumadh ìobairt
de dh'aran is de dh'fhìon a dhèanamh cuideachd. Aon
uair 's gun deigheadh a ghearradh bhathas ga chur ann an clobhd
ùr.
Tha an rann
a leanas a' sealltainn gun robh dìon ann dhan neach-siubhail
nam biodh an lus seo aige air turas:
Fhir a shiùbhlas gu subhach
chan èirich dhut beud no pudhar
ris a' ghrèin no ris an dubhar
's garbhag an t-slèibhe air do shiubhal.
Bha garbhagan gan cleachdadh
ann an obair aodaich ann an Alba bhon 12mh linn.
|