GRD > Beul-aithris > Lusan > Earr-thalmhainn
Beul-aithris - Lusan


Earr-thalmhainn
Chithear an earr-thalmhainn gu cumanta an cois an rathaid agus ann an achaidhean bàn air feadh na Gaidhealtachd. Tha an earr-thalmhainn a' cuideachadh nan lusan eile a tha ri thaobh gus fàs nas fheàrr, ge bith ciamar.

Earr-thalmhainnBha ar sinnsearan a' creidsinn gun robh an lus seo feumail airson fuil a chasg. Bha e math cuideachd airson goirteas cinn; bha duilleag ga chur suas cuinnein airson leigheas fhaighinn. Bha seo a' toirt air fuil a thighinn à sròinean agus bha sin a' toirt faochadh dhan cheann ghoirt. Nach b' iongantach sin agus an lus ga chleachdadh airson sruthadh fala a chasg!

Ann an Arcaibh bhathas a' dèanamh deoch le na duilleagan airson leann-dubh a chur fa sgaoil. Bhitear cuideachd ga chur ann an snaoisean airson na bodaich a chumail dòigheil!

Bha duilleagan an lusa seo gan goil ann am bainne, anns an robh clach quartz air a cur, san Eilean Sgitheanach mar leigheas airson a' chaitheimh. Ann an àiteachan eile bha e na leigheas airson fuachd is casadaich. Bhathas a' dèanamh acfhainn dheth air Ghaidhealtachd airson lotan air daoine is caoraich. Bha iomadh leigheas eadar-dhealaichte bhon earr-thalmhainn gan cleachdadh ann an diofar phàirtean de Alba, a leithid an dèideadh is an siataig.

Faodar a chur ann an saileadan no mar spìosraidh ann am brot is am biadh eile.

Tha e air a chur ann an siampù san là an-diugh gus nach caillear am falt! Bhitear cuideachd a' cruinneachadh barran an lusa mus tigeadh am blàth orra airson dath buidhe fhaighinn.

Bhiodh clann-nighean òga ga ghearradh nuair a bhiodh a' ghealach slàn is ga chur fon cluasaig gus am bruadraicheadh iad cò an leannan a bhiodh aca!

Chì sinn a' bheachd seo a' nochdadh anns an dà phìos bàrdachd a leanas:
Fàilte, fàilte earr-thalmhainn mhìn
agus trì uairean furan ort fhèin
foillsich dhomh ro èirigh grèin
cò am fear bhios dìleas dhomhs.


Cha robh an tè seo fortanach idir:
Gun dh'èirich mi moch-thràth madainn an-dè
is gheàrr mi an earr-thalmhainn do bhrìgh mo sgeul
an dùil gum faicinn-sa rùn mo chlèibh
ochoin gum facas 's a chùlaibh rium fhèin.


Bha an lus seo buadhmhor cuideachd mus fhalbhadh duine air turas; bhitear a' lùbadh an glùinean, a' cur an làimh dheis air an lus agus ag ràdh:
Ann an ainm an Athar, a' Mhic agus an Spioraid Naoimh biodh an turas soirbheachail.

Bha cumhachdan co-cheangailte ri buidseachd aig an lus seo cuideachd. Nan deigheadh duilleagan earr-thalmhainn a chur air sùilean neach bhathas a' creidsinn gum faiceadh an neach sin a-steach dhan ath-shaoghal. Bhathas a' creidsinn cuideachd nan cuireadh buidsich duilleagan an lusa seo nam bonaidean gun toireadh seo comas itealaich dhaibh.

Tha eòlas air an lus seo a' dol air ais cho fada 's a tha iomradh air batail ann an eachdraidh an t-saoghail oir b' e seo an lus leis am biodh seann shaighdearan a' casg sruthadh fala.

A rèir seann eachdraidh b' e seo an lus a chaidh a chur air lot bàsmhor Achilles. Tha sgeulachd eile ag ràdh gur e Achilles a thug ainm don lus seo oir 's e achillea millefolium ainm eile a th' air. Bu mhòr am beud nach robh e ri làimh aige nuair a chaidh a lot!