GRD > Beul-aithris > Lusan > Lusan beannaichte agus mallaichte
Beul-aithris - Lusan


Lusan beannaichte agus mallaichte
Bha na seann Ghaidheil a' meas iomadh lus beannaichte, no mallaichte, a rèir dè an co-cheangal a bha iad a' dèanamh riutha.

Beannaichte:
Mothan

Canar lus beannaichte ris an lus seo, lus beag a tha a' fàs gu nàdarrach air feadh Alba. Fhuair e an t-ainm beannaichte air sgàth gur e, a rèir seann bheul-aithris, a' chiad lus air an do sheas Crìosd nuair a dh'èirich e aig an aiseirigh. Tha ceangal aige ri Colum Cille is ri Brìghde cuideachd.

Bha dòigh sònraichte air an lus seo a bhuain mar a chì sinn bhon
rann a leanas, ged a tha ainm eile air an seo:

Buainidh mise am monalan
luibh a bheannaich Crìosd
luibh Choluim Chille chonnail
luibh Moire, luibh Brìghde.

Nan deigheadh an rann seo a ràdh mus deigheadh an lus a bhuain bha an neach a bha ga bhuain gu bhith làn chràbhachd, gliocais is air a dhìon bhon droch-shùil.

Bhitear a' crochadh an lus os cionn an dorais gus nach fhaigheadh sìthichean a-steach a thàladh muinntir an taighe air falbh. Bhathas ga chleachdadh cuideachd aig àm breith chloinne airson dìon dhan mhàthair is dhan phàiste.

Sa bhàthaich, bha e a' dìon crodh, laoigh is a' bhainne. Bha dìon air bainne ma bha a' bhò ag ionaltradh air an lus seo.

Bha feartan co-cheangailte ri gaol aige cuideachd is bhiodh clann-nighean ag òl an t-sùgha, a' fliuchadh am bilean leis is eadhon a' cur cearcall dheth nam beòil nuair a bhiodh iad airson leannan a thàladh. Nan toireadh balach pòg do thè mar seo chan fhaigheadh e cuidthteas i gu bràth!

Achlasan Choluim ChilleAchlasan Choluim Chille
A thuilleadh air an ainm seo chanar 'allas Muire', 'eala bhuidhe', 'lus na Maighdinn Muire' is 'lus na fala' ris an lus seo.

Bhathas a' creidsinn gun robh an lus seo gràdhaichte aig Colum Cille is mar sin bha dìon co-cheangailte ris. 'S dòcha gur ann bho pàganachd a ghabh Crìosdaidheachd am beachd seo a-null oir bha e ga chleachdadh airson teintean Bealltainn a chur thuige aig aon àm.

Bhiodh daoine a bha a' creidsinn ann an saobh-chràbhadh a' toirt an lusa seo leotha dhan h-uile àite airson dìon bho bhuidseachd, airson sìth is pailteas a bhith nan dachaigh is torachas san fhearann. Bhiodh iad cuideachd ga chur dhan pheile bainne mus deigheadh an toradh a thoirt às a' bhainne.

Bha e na b' fheàrr nan tigeadh tu air an lus seo gun fhios. Chuireadh tu an uair sin e nad achlais chlì, mar a rinn Colum Cille, is gheibheadh tu leigheas bhon eucail a bh' ort. Aig àm nuair a bha bodaich nan cnàmh anns a h-uile coimhearsnachd bhiodh iad a' suathadh an lusa seo ri na cnàmhan an dèidh an cur nan àite.

Bhitear cuideachd ga chleachdadh ann an dèanamh leanna is ga chur dhan uisge-beatha airson blas math a thoirt air. Gheibhear dath dearg bho na flùraichean aige.

Brisgean
Ged nach ann san aon dòigh a tha brisgean beannaichte bha meas mòr aig na Gaidheil air. Tha am brisgean ri fhaighinn ris a' chost air feadh Alba agus air talamh bàn a-staigh san tìr. B' e lus a bh' ann a bha cudthromach do na Gaidheil is b' e 'an seachdamh aran' a chanadh iad ris.

Chì sinn sin bhon rann a leanas:
Brisgean beannaichte an earraich
seachdamh aran a' Ghaidheil.

Mus tàinig buntàta dhan Ghaidhealtachd bhiodh na Gaidheil ag ithe seo còmhla ri annlan. Bha blas milis air agus mar sin bha e math airson an t-acras a chur air falbh. Aig àm nam Fuadaichean nuair a bha cruadal mòr ann bha an lus seo feumail. Chan itheadh na caoraich e idir ged a bha crodh, eich, mucan is eadhon tunnagan dèidheil air.

B' ann nuair a bhitear a' treabhadh na talmhainn a nochdadh am brisgean anns an sgrìob agus uaireannan nuair a bha biadh gann dheigheadh talamh a threabhadh a dh'aona ghnothaich airson brisgean fhaighinn.

B' ann gan goil no gan ròstadh a bhiodh iad agus ann an Hiort bhiodhte gan ith le geir eòin. Uaireannan dheigheadh am pronnadh airson lit no aran a dhèanamh. Bhathas ga chleachdadh airson leigheasan dha amhachan no stamagan goirt.

Mallaichte:
A' chuilc

Bha an lus seo mallaichte oir b' e a chaidh a chleachdadh aig a'
chrann-ceusaidh airson deoch shearbh a thoirt dha Crìosd:

A' chuilc gun bheannachd
a' chuilc gun bhuaidh
a' chuilc len tugadh
deoch an fhuais.

A dh'aindeoin sin bhathas a' goil nam freumhaichean aige le beirm ann an Leòdhas airson leigheas dha casadaich. Bhitear a' tughadh thaighean leis cuideachd. Ach bha na sìthichean a' dèanamh shaigheadan le cuilc airson daoine a chur fo gheasaibh.