|
Raineach
Tha raineach de dhiofar ghnè gu math
pailt air Ghaidhealtachd is mar sin chan eil e na iongnadh ged a
bhiodh iad a' nochdadh ann am beul-aithris nan Gaidheal. Bhathas
a' creidsinn gun robh cumhachd aig raineach a chumadh bhuidsichean
air falbh.
Chan eilear ro chinnteach an robhar a' cleachdadh
raineach ann am biadh. Bha raineach, gu h-àraidh an raineach
beag a bhios a' fàs tro bhallaichean is chlachan air a chleachdadh
airson iomadh leigheas, gu h-àraidh airson casadaich, giorrad
analach, a' bhuidheach agus clachan anns na dubhagan. Bhathas cuideachd
a' creidsinn gun glanadh e na sgamhanan is an fhuil is gun seacadh
e atan.
Bha seòrsa eile, lus luan, bho robh
eagal aig na Gaidheil oir bha iad a' creidsinn gun tilgeadh na h-eich
an cruthan nam biodh an lus seo a' fàs far an robh iad ag
ionaltradh.
An raineach mòr
Seo an seòrsa bu chudthromaich is
a b' fheumaile. Bha e air a chleachdadh air feadh Alba airson leapannan
dha daoine is beathaichean agus cuideachd airson tughadh a chur
air taighean. Bhathas a' creidsinn gun robh rudeigin anns an raineach
a bha a' cumail bhiastagan air falbh agus tha saidheans air sin
a dhearbhadh san là an-diugh.
Bha freumhan an rainich air a chleachdadh airson
cungaidh-leighis airson trioblaidean splaing. Bha iad cuideachd
air an cleachdadh airson dath buidhe no soilleir uaine fhaighinn.
Bha connadh ga dhèanamh le freumhan an rainich cuideachd
agus nuair dheigheadh a losgadh bha an luath sin math airson todhar
na talmhainn. Bha na cnapan a bhiodh sa luath gan cleachdadh an
àite siabainn airson aodach a nighe!
Ann am meadhan na 18mh linne bha Eilean Mhuile
a' dèanamh prothaid mhath à bhith a' reic luath an
rainich. Aig aon àm bha croitearan a' faighinn beagan tuarastail
bho bhith a' reic luath an rainich ri factaraidhean gloine is siabainn
ann an Glaschu. Suas gu 1750 dh'fhaodadh neach pàirt den
mhàl a phàigheadh le raineach! Tha cunntas ann gun
do dh'iarr an Ridire Gilleasbaig Caimbeul à Cnapadal, nuair
a thug e còir-talmhainn dha mhàladairean, sia deug
a chairtean rainich a bhith air a lìbhrigeadh gu a dhachaigh.
Bha dìon air raineach is cha robh e ceadaichte
a bhuain ach aig àm àraidh den bhliadhna ach bha raineach
a' milleadh àiteachan ionaltraidh agus mar bu mhotha a gheibheadh
de dh'fheum a thoirt às, b' ann a b' fheàrr. Bho sguir
daoine ga bhuain tha e a-nise a' gluasad a-nuas gun talamh ìosal
far a bheil e a' milleadh an fhraoich is an fheòir.
Bha saobh-chràbhadh co-cheangailte
ris an raineach o chionn fhada cuideachd; b' ann aig seas-ghrian
meadhan an t-samhraidh a bhitear ga bhuain airson a chleachdadh
ann an geaslanachd.
|