GRD > Beul-aithris > Lusan > Roid
Beul-aithris - Lusan


Roid
Mar a tha an t-ainm Beurla, bog-myrtle, ag innse 's ann ann am boglaichean a bhios an lus seo a' fàs agus, mar iomadh lus eile, bha na Ghaidheil ga chleachdadh ann an iomadh dòigh.

RoidTha fàileadh brèagha dheth agus bhiodh iad ga chur air aodach-leapa airson biastagan sam bith a chumail air falbh.

Eadhon anns an là an-diugh bidh sreapadairean ga chur nam bonaidean gus na meanbh-chuileagan a chumail air falbh. Tha an companaidh, Scotia Pharmaceuticals a' dèanamh acfhainn anns a bheil roid airson an aon adhbhair. Tha rannsachadh ga dhèanamh san Eilean Sgitheanach cuideachd an co-cheangal ri feartan an lusa seo.

Bhitear, agus 's dòcha gu bheilear fhathast, ga chleachdadh airson leann a dhèanamh. B' ann ann am manachainnean a bhitear a' dèanamh leann aig aon àm agus leughaidh sinn cunntasan mun lus seo ann an eachdraidh nam manachainnean.

Bha an rùsg ga cleachdadh airson cairt a chur ann an leathar is bhitear cuideachd ga chleachdadh airson coinnlean a dhèanamh. Gheibhear dathan buidhe, orains, donn is uaine bhuaithe agus bha e ga chleachdadh airson an clò Hearach a dhath gu o chionn glè ghoirid.

A rèir seann bheul-aithris bha an lus seo a' fàs uaine an oidhche ron Nollaig.

Bhatar cuideachd a' creidsinn gun robh feartan sònraichte aige airson droch shìthichean a chumail air falbh agus bhathas ga bhuain ann an ainm na Trianaid:
Tha mise gad bhuain
a roid ruadh rèidh
an ainm Athar nam buadh
an ainm mhic mo luaidh
an ainm Spiorad buan Dhè.

'S e lus suaicheantais nan Caimbeulach.