GRD > Beul-aithris > Lusan > Teaghlach nan curranan
Beul-aithris - Lusan


Teaghlach nan curranan

Tha grunn lusan a bhiodh na Gaidheil a' cleachdadh no bhon robh eagal aca a' tighinn a-steach dhan earrainn seo.

IteothaIteotha
Seo an lus ris an canar hemlock sa Bheurla. 'S e lus phuinnseanta a th' ann ach bha e air a chleachdadh airson leigheas agus draoidheachd.

Airson leigheas, bhitear ga chleachdadh mar phràmhan ro obair-lannsa agus bha beagan dheth ga thoirt seachad airson leigheas don dèideadh, an triuthach is a' chuing. Ach nan deigheadh cus dheth a ghabhail bha e marbhtach.

Bha an lus seo math airson aillse a leigheas; bhathas a' cur fuar-lit dheth air an lot aillse is bheireadh e an aillse a-mach le na freumhan dìreach mar a bha an lus fhèin a' tighinn às an talamh le na freumhan.

Bhathas a' fàgail air bana-bhuidsich Albannach gum biodh iadsan a' cleachdadh an lusa seo is bhiodh sìthichean a' tomadh an saigheadan ann an driùchd iteotha! Tha e ri fhaighinn air talamh bàn san earra-dheas ann an Alba.

An curran fiadhaich
Aig aon àm bha muinntir na Hearadh a' cleachdadh sìol an lusa seo nuair bhiodh iad a' dèanamh leann oir bha iad dhen bheachd gun robh e a' toirt blas math air an leann.

Bha e cuideachd, mar iteotha, air a chleachdadh airson aillse a leigheas is ann am fuar-litean, còmhla ri mil, airson lotan a shlànachadh.

Tha e a' fàs timcheall oirthir na h-Alba.

Bha an curran na shamhla spioradail agus cuideachd airson torachas, sliochd is clann. Bhiodh boireannaich ga thoirt dha fir, ach cha toireadh na fir do bhoireannaich e idir! Aig fèill an fhoghair bhiodh eileanaich Innse Gall ga chruinneachadh.