GRD > Faidhle Eachdraidh > Blàir > Blàr Allt a' Bhonnaich
Blàr Allt a' Bhonnaich - 1314 hills
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Blàr Allt a' Bhonnaich - 1314
Cunntas

Sia mìosan an dèidh bàs Uilleim Ualais ann an 1306 chaidh Raibeart Brus a ghairm na rìgh air Alba. Bha e air e fhèin a dhearbhadh tro na bliadhnaichean mar ghaisgeach mòr. Bha sluagh na h-Alba gu lèir leis agus aig an àm seo bha a' chuid mhòr de na Sasannaich air am fuadach à Alba. Ann an 1314, b' e Caisteal Shruighlea an aon ghearasdan mòr a bha fhathast aig na Sasannaich. Bha sluagh a' chaisteil nan èiginn agus air leigeil fhaicinn dha Eideard II, Rìgh Shasainn, mur cuireadh e cobhair thuca ro Là Leth an t-Samhraidh gun robh iad a' dol a ghèilleadh.

Bha feachd Eideird trì mìle à Shruighlea an là ron sin is e dol tarsainn air Allt a' Bhonnaich. Bha 3,000 saighdear-eachraidh agus 15,000 saighdear-coise ann. Bha an sgiathan a' deàrrsadh anns a' ghrèin agus bha brataichean brèagha a' crathadh os an cionn.

Tha cunntas ag innse nach robh feachd den t-seòrsa seo a-riamh roimhe air Sasainn fhàgail. Nam biodh iad air a bhith loidhnichte ceann gu ceann bhiodh iad air sìneadh a-mach airson fichead mìle.

Bha Brus air cluinntinn gun robh na Sasannaich a' tighinn agus bha e le fheachd fhèin a' feitheamh riutha ann an coille faisg air Allt a' Bhonnaich. Cha robh aige ach 8,000 saighdear ach bha iad eudmhor agus eòlach ann an cath.

Bha an talamh eadar Brus agus Allt a' Bhonnaich na bhoglach ach bha saighdearan Bhrus air a chladhach na thuill. Bha na tuill seo air an còmhdach le sgrathan tana agus bha spìcean iarainn air an cur dhan talamh airson na h-eich Shasannach a leòn.

Nuair thug a' chiad Shasannaich an ionnsaigh chaidh casan nan each dha na tuill agus b' fheudar dhaibh teicheadh. Dh'fheuch buidheann eile ri fhaighinn chun a' chaisteil le a bhith a' cuairteachadh na coille ach thàinig sleaghadairean orra bho thalamh àrd agus thàinig orra-san teicheadh cuideachd.

Ged a thug an dà thachartas sin misneachd dha Brus bha an oidhche a-nis a' tuiteam agus bha uallach air airson an làrna-mhàireach agus fios aige le cinnt a-nise gun robh feachd Shasainn mòr agus cumhachdach. Ach b' e a' chiad shealladh a chunnaic Rìgh Eideard an ath mhadainn sleaghadairean Bhrus a' tighinn dhan ionnsaigh a-mach às a' choille.

Bha Brus air arm a roinn ann an ceithir pàirtean. Thug Iarla Ghloucester ionnsaigh le shaighdearan-eachraidh ach rinn sleaghadairean Bhrus milleadh mòr ged a bha culaidhean-màille air na Sasannaich. Chaidh Gloucester fhèin agus mòran de ridirean a mharbhadh.

Dhlùthaich na sleaghadairean air na Sasannaich, gam bruthadh air ais, gus mu dheireadh nach robh rum aca gluasad. Thàinig na boghadairean a-nise a-steach dhan t-strì cuideachd agus bha na Sasannaich gam marbhadh air gach taobh. Bha am batal a-nise air tionndadh na lèir-sgrios. Theich saighdearan-coise Eideird nuair a thuig iad mar a bha cùisean a' dol. Cha robh dòigh-teichidh ann ach thairis air Allt a' Bhonnaich agus chaidh àireamh mhòr a bhàthadh no a shaltairt gu bàs fo na casan anns an ruaig. A rèir cunntais bha uimhir de chuirp anns an allt agus gun robh e comasach coiseachd air am muin gun taobh eile.

Am meadhan na bha seo de lèir-sgrios chunnacas buidheann eile le brataichean ri gaoith a' nochdadh a-mach às a' choille. Cha robh seo ach luchd-leanmhainn a bha air a bhith ann an campa Bhrus agus a thàinig a mhisneachadh nan saighdearan ach shaoil na Sasannaich gur e feachd eile a bh' ann agus leig iad roimhe buileach. Bha am batal seachad an dèidh sin le call mòr air taobh nan Sasannach.

B' ann air fìor èiginn a thàrr Eideard fhèin às. Rinn e air Caisteal Shruighlea ach cha leigeadh am fear-coimhead a-steach e. Mu dheireadh thug e a-mach Dunbar far an d' fhuair e soitheach a thug dhachaigh e.

Saighdearan ainmeil
Bha ainm Bhrus air bilean an t-sluaigh fada roimhe seo oir bha e air iomadh batal a chur an aghaidh nan Sasannach. Sheall e anns an ullachadh a rinn e ron bhatal gun robh deagh eòlas-cogaidh aige. Shuidhich e an t-arm ann an coille far am biodh sealladh aca air an dà rathad chun a' chaisteil agus bha boglaichean agus Allt a' Bhonnaich fhèin eadar e agus na Sasannaich. Cha do charaich esan às a' choille gus am fac e saighdearan-eachraidh nan Sasannach a' dol fodha anns na tuill agus anns na boglaich.

Bha fios aig Brus gun robh na Sasannaich ann an teinn agus abair gun d' rinn iad sgrios! Bha ceannardan gaisgeil aig Brus - a bhràthair Eideard, Seumas Dùbhghlas agus Randolph, Iarla Moray, ach ged a dhearbh iadsan an gaisgeachd b' e eòlas-cogaidh Bhrus fhèin a thug a' bhuaidh.

Cha b' e ceannard-cogaidh a bh' ann an Rìgh Eideard idir. Bhiodh e air a bhith mòran na bu thoilichte mur biodh aige ri dhol a shabaid idir. Bha athair air òrdugh fhàgail aige air leabaidh a bhàis e a dhol an aghaidh nan Albannach a' giùlain a chùmhant-san ach bha Eideard II ro dhèidheil air subhachas airson ùidh sam bith a bhith aige ann am buaidh-cogaidh.

B' e droch shuidheachadh a thagh e airson a' bhatail agus dh'fhàg sin gun deach an glacadh ann an àite far nach fhaigheadh iad às. A dh'aindeoin sin bha saighdearan gaisgeil aige. Nam measg bha Giles de Argentine a chomhairlich dhan rìgh teicheadh nuair thuig e nach robh an là a' dol leotha. "Air mo shon-fhìn," thuirt e, "cha do theich mi a-riamh." Le na facail sin mharcaich e gu a bhàs.

Gnìomhan
1. Sgrìobh cunntas goirid mun dà fheachd.
2. Thoir adhbharan seachad airson buaidh nan Albannach aig Allt a' Bhonnaich.
3. Dèan dealbh den bhatal bhon fhiosrachadh tha seo no ann an leabhraichean eachdraidh.
4. Saoil carson nach deach Rìgh Eideard a leigeil a-steach a Chaisteal Shruighlea?
5a) Dè do bheachd air Giles de Argentine? Thoir adhbharan seachad.
5b) Saoil càite an d' fhuair e an t-ainm.

Cothrom rannsachaidh
1. Leugh an leabhar 'I was at Bannockburn' le Agnes Mure NicChoinnich.
2. Leugh sgeulachd no dhà a-mach às an leabhar, aon dhiubh don chlas.
3. Ma tha cothrom agad, tadhal air Blàr Allt a' Bhonnaich agus gabh brath air an fhiosrachadh a th' aca an sin.

Sgeulachdan
Mus do thòisich na h-Albannaich a' sabaid air madainn a' bhlàir lùb iad an glùinean ann an ùrnaigh. Nuair chunnaic Eideard iad dh'èigh e, "tha iad a' guidhe airson tròcair." "Tha," arsa fear de cheannardan, "ach chan ann bhuat-sa ach bho Dhia."

A dh'aindeoin 's gu bheil aonad luchd-turais is eile far a bheilear ag ràdh a bha Blàr Allt a' Bhonnaich tha beachdan a' dol cuideachd nach b' e seo suidheachadh a' bhatail idir. Mar a leugh sinn chaidh na Sasannaich a bhruthadh gus an robh iad ann an staing. Ach cha robh an leithid sin de dh'àite cumhang ann an Allt a' Bhonnaich idir. Ged a bha boglaich is tuill ann bhiodh cothrom gu leòr aca tilleadh an taobh a thàinig iad.

Cha robh dòigh aig Rìgh Eideard Caisteal Shruighlea a ruighinn na bu mhò seachad air na h-Albannaich. Tha luchd-sgrùdaidh den bheachd gur ann ann an àite an ear-thuath air baile Allt a' Bhonnaich a bha am batal.

Buaidh a' bhatail
B' e seo a' bhuaidh bu mhotha a bh' aig Alba a-riamh an aghaidh nan Sasannach. Thog na saighdearan creach mhòr - aodaichean, seudan agus soithichean prìseil a bha Rìgh Eideard agus a ridirean air a thoirt leotha. Bha àireamh mhòr de na Sasannaich air an cumail nam prìosanaich agus thàinig orra suimean mòra airgid fhaighinn mus d' fhuair iad ma sgaoil.

Bha a' bhuaidh air saorsa a thoirt dha Alba mu dheireadh thall agus bha faireachdainn aig Albannaich a-nise gum b' e aon sluagh agus aon nàisean iad.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD