|
Cath Gairbheach - 1411
Cunntas
Aig toiseach na 15mh linne bha Tighearnas nan Eilean aig àrd
neart. Bha na h-eileanan mar rìoghachd bheag dhaibh fhèin
agus bha ùghdarras aca air pàirt de thìr-mòr
cuideachd. Seo mar a bha iad gam faicinn fhèin co-dhiù.
Ri àm Bhrus bha iad umhail don chrùn ach rè
nan trioblaidean an dèidh a bhàis cha robh iad den
bheachd gun robh ùmhlachd sam bith ri thoirt do neach sam
bith ach do Thighearna nan Eilean. Bha Tighearna nan Eilean cho
cumhachdach is gun robh treubhan eile ga fhaicinn mar rìgh
cuideachd.
Fhad 's a bha iad gan riaghladh fhèin
air taobh a-staigh an crìochan fhèin bha cùisean
ceart gu leòr. Ach nuair thàinig Siorrachd Rois
gu bhith bàn bha Dòmhnall, Tighearna nan Eilean,
den bheachd gum b' ann thuige-san bu chòir dha a dhol seach
gun robh ceangal-teaghlaich ann.
Chruinnich Dòmhnall, Tighearna nan Eilean
feachd de 1,000 de mhuinntir nan Eilean agus de mhuinntir thìr-mhòir.
Thionail Leòdaich Leòdhais agus Leòdaich
na Hearadh, Clann Fhionghain an t-Sratha, Clann Illeathain à
Muile, Camshronaich Loch Iall agus Clann Chatain à Bàideanach
a chuideachadh nan Dòmhnallach. Bha cabhlach mhòr
eireachdail aige airson na h-eileanaich a thoirt gu tìr-mòr.
Le claidheamhan, tuaghan agus biodagan thaom iad a-steach a Shiorrachd
Rois agus cha b' fhada gus an do ghabh iad a-null an dùthaich
sin air fad.
B' e am plana a bh' aige a dhol a dh'Obar Dheathain
a thogail creiche agus cumail air gu deas gus am biodh ear-thuath
na h-Alba gu lèir aige fo cheannsail. Bha e airson rìoghachd
Cheilteach a chruthachadh an sin. Cha bhiodh ach Lodainn agus
an taobh deas air fhàgail aig rìgh na h-Alba. Ach
cha b' urrainnear a leigeil às le seo.
Chruinnich Albany e fhèin feachd le Iarla
Mhàir air a ceann. Bha Màr air a dhearbhadh fhèin
mar shaighdear an-iochdmhor roimhe seo ach nuair phòs e
banntrach Iarla Mhàir ghabh e thairis an tiotal agus thionndaidh
e gu bhith na ridire laochail aig an robh ainm air feadh na Roinn
Eòrpa.
Choinnich an dà fheachd aig Harlaw ann
an Gairbheach. Ged a bha àireamh na bu mhotha aig Tighearna
nan Eilean bha saighdearan Mhàir eòlach ann an cogadh.
Bha iad uile còmhdaichte ann an culaidhean màille
agus iad den bheachd gum b' e fineachan letheach-lomnachd a bh'
anns na Gaidheil. Thòisich an t-sabaid cho luath 's a choinnich
iad, na Gaidheil a' dèanamh milleadh mòr le an claidheamhan.
B' e blàr fuilteach a bh' ann agus ged a sheas na Goill
còmhla gu daingeann bha uimhir de na Gaidheil ann agus
gun d' fhuair iad air an cuairteachadh. Lean an t-sabaid fad an
là. Bha na mairbh is na leòintich nan laighe air
feadh an fhaiche air an stampadh gun tròcair. Chaidh uimhir
a mharbhadh agus gum b' e an cath dearg a theirear ris a' bhatal.
Nuair thuit an oidhche thug an sgìos orra sgur.
Chaith Màr an oidhche air an fhaiche,
cha b' ann airson gun robh a' bhuaidh aca ach airson gun robh
iad cho claoidhte is nach b' urrainn dhaibh a dhol taobh sam bith
eile. Lean Dòmhnall, Tighearna nan Eilean, air gu Inbhir
Uraidh agus anns a' mhadainn thog iad orra gu siar. Cha do chaill
iad am batal ann an aon seagh ach chaill iad faisg air mìle
de laoich, nam measg cinn-cinnidhean Chloinn Mhic Illeathain agus
Chloinn an Tòisich. Cha robh de chridhe aca a leanadh orra
tuilleadh.
Saighdearan ainmeil
B' e an rud a bha iongantach mun bhatal seo nach b' ann eadar
Alba is Sasainn a chaidh a chur idir ach eadar Gaidheil agus Goill
na h-Alba airson an cultar fhèin. Bha misneachd mhòr
aig Dòmhnall, Tighearna nan Eilean, ann fhèin agus
na luchd-leanmhainn. Bha e de shliochd uasal, rìoghail,
na dhuine a fhuair foghlam an Oilthigh Oxford. 'S dòcha
gu bheil eachdraidh Shasannach a' toirt dealbh dhuinn air na Gaidheil
mar dhaoine borba, aineolach ach cha b' e sin idir a bh' annta
aig an àm ud. Bha foghlam aca nach robh aig tòrr
de na Goill ged a bha an cleachdaidhean fhèin aca.
Bha na h-eileanaich cho eòlach air a
bhith fo smachd Thighearnas nan Eilean agus nach robh guth aca
gun robh rìgh ann an Alba ach e fhèin. Mar sin cha
robh e doirbh dha feachd a thional. Bha armachd gu leòr
aca cuideachd agus bha an coltas cho iargalta agus gun do thuit
fearann Rois thuca gun strì.
Chan eil teagamh nach deach call mòr
a dhèanamh aig Cath Gairbheach agus nach b' e ceannard
mòr gaisgeil a bh' ann an Dòmhnall ach an dèidh
a' bhatail thill e air ais do na h-eileanan. Tha eachdraidh ag
innse gun do bhàsaich e na mhanach ann an Eilean Idhe.
Bha Iarla Mhàir a cheart cho gaisgeil
ach 's dòcha ann an dòigh nach robh cho uasal. Bha
e air a bhith an sàs anns na bliadhnaichean roimhe seo
ann a bhith a' creachadh dhachaighean is eaglaisean air taobh
tuath na h-Alba. Thug e air bantrach Iarla Mhàir a phòsadh
agus ghabh e fhèin a-null an tiotal sin.
On uair sin, ge bith carson, thionndaidh e gu
bhith na ridire cliùiteach agus bha e air a mheas mar phrìomh
ridire na h-Alba. Cha robh e doirbh dhasan, na bu mhò, feachd
a thogail agus ghiùlain e e fhèin a cheart cho gaisgeil
ri Tighearna nan Eilean anns a' bhatal.
Gnìomhan
1. Saoil carson a dh'fhàs
Tighearnas nan Eilean cho cumhachdach?
2. Dè do bheachd fhèin
air plana Tighearna nan Eilean airson dùthaich Cheilteach
a chruthachadh?
3. Sgrìobh beagan mun bhatal
bhon fhiosrachadh a th' agad an seo.
4. Smaoinich air dòigh anns
an robh Tighearna nan Eilean agus Màr coltach ri chèile.
Cothrom rannsachaidh
1. Rannsaich mun tiotal 'Tighearna
nan Eilean' agus dè a' chiad chiall a bh' aige.
2. Leugh tuilleadh mu Thighearnas
nan Eilean agus lorg air mapa am fearann a bha iad a' riaghladh.
3. Lorg carson a b' e Diùc
Albany a bha a' riaghladh Alba aig an àm seo.
Sgeulachdan
Bha am blàr seo cho ainmeil is gun deach òrain a
sgrìobhadh mu dheidhinn agus eadhon ann an Siorrachd Haddington
tha eachdraidh ag innse gum biodh balaich òga a' cluich
'Cath Gairbheach' mar ghèam.
Buaidh a' bhatail
Tha dà bheachd a' dol mu co aige a bha a' bhuaidh.
Tha cuid ag ràdh nach deach an là le taobh seach
taobh agus cuid eile gun deach an cath le Cloinn Dòmhnaill.
Ach co-dhiù cha d' fhuair Dòmhnall còir air
Siorrachd Rois mar a bha na dhùil.
An dèidh a' bhatail bha eagal air Albany
nach deach Tighearna nan Eilean dhachaigh ach airson tuilleadh
a thional agus rinn e inntinn an-àirde seo a stad. Thog
e feachd agus thug e ionnsaigh air. B' fheudar do Dhòmhnall
sìth iarraidh mu dheireadh. Dh'aontaich Albany ri seo ach
air a chùmhnantan fhèin - gun àicheadh
e gun robh còir sam bith aige air Siorrachd Rois agus gun
tugadh e ùmhlachd do chrùn Bhreatainn.
Chùm e ri fhacal ged nach do chùm
a mhac a thàinig às a dhèidh. Phàigh
e gu daor airson sin. Mar sin, ged nach eilear cinnteach cò
aige a bha a' bhuaidh anns a' bhatal fhèin bha e mar a'
chiad cheum air na h-eileanan fhaighinn fo cheannas na h-Alba
agus air briseadh cumhachd Thighearnas nan Eilean.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|