GRD > Faidhle Eachdraidh > Blàir > Blàr Chùil Lodair
hills
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Blàr Chùil Lodair - 1746
Cunntas

Ged a bha cùisean a' coimhead cho dorch do na Stiùbhartaich an dèidh Blàr Sliabh an t-Siorraim cha robh na Seumasaich nan tàmh idir.

Ann an 1745 thàinig am Prionnsa Teàrlach, Mac Sheumais Eideird an t-seann Agarach, air tìr ann an eilean Èirisgeigh. Cha robh na chois ach seachdnar ach cha b' fhada gus an d' fhuair e taic gu leòr agus ràinig e Gleann Fhionghain far an do thog e a bhratach ri crann. Thug e misneachd dha na Gaidheil agus thàinig iad nan ceudan ga chuideachadh. Thug iad ionnsaigh air Dùn Èideann far an do dh'fhuirich iad airson ùine mhòir agus far an do ghairm e athair na rìgh. A sinn chaidh iad a Shasainn, a' buannachd an siud 's an seo air an t-slighe agus am Prionnsa den làn bheachd gun robh taic dol a thighinn thuige à Sasainn cuideachd. Ach cha tàinig sin agus nuair ràinig e cho fada deas ri Derby chaidh comhairleachadh dha tilleadh. Cha robh na Gaidheil a-riamh dèidheil air a bhith fada air falbh bhon dachaighean agus bha còig mìosan a-nis bho chaidh iad an cois Theàrlaich. Fhad 's a bha Teàrlach ann an Sasainn bha an riaghaltas a' cruinneachadh feachd airson stad a chur air. Chaidh arm mòr a chruinneachadh.

An àite feuchainn ri tuilleadh taic fhaighinn b' ann a bha Teàrlach ag argamaid ri a cheannardan fhèin air an t-slighe air ais a dh'Alba. Bha na Gaidheil air am beatha a chur ann an cunnart iomadh uair air sgàth nan Stiùbhartach ach cha b' e an taing a b' fheàrr a fhuair iad bho Theàrlach. Bha e a' tilgeil orra nach robh iad a' dèanamh càil ach an dleastanas. Nan deigheadh iad na aghaidh ann an nì sam bith cha robh aige orra ach brathadairean. Bha earbsa gu lèir ann am buidheann Èireannach a bha na arm. Cha robh e na iongnadh a-rèist ged nach biodh cùisean dòigheil agus ged a bha cinnidhean ga fhàgail.

Ged a thug Teàrlach buaidh an siud 's an seo air a shlighe gu tuath bha feachd an riaghaltais air a shàil fo stiùireadh Diùc Chumberland. Nuair a ràinig Teàrlach faisg air Inbhir Nis chuala e gun robh Cumberland a' dlùthachadh. Bha pàirt de fheachd Theàrlaich sgapte air feadh na Gaidhealtachd ach chaidh fiosan cabhagach a-mach gan cruinneachadh. Bha dùil aig an Iarla Seòras Moireach gun deigheadh aca air a thighinn air Cumberland anns an dorch ach cha do thachair cùisean mar sin. Cha robh Moireach idir airson a dhol a shabaid air mòinteach Dhruim Athaisidh, ach b' e sin an t-àite a chomhairlich na h-Èireannaich dha Teàrlach agus ghabh e ri sin. Cha d' fhuair iad air a thighinn air na Sasannaich leis an oidhche oir bha na Gaidheil sgìth agus acrach agus bha beul an là ann mus do ràinig iad Cùil Lodair. Laigh iad a chadal, sgìth acrach 's mar a bha iad ach aig aon uair deug chunnacas feachd Chumberland a' tighinn. Tha iomadh cunntas sgrìobhte air a' bhatal seo. Tha cuid ag ràdh gun robh 5,000 aig Teàrlach a' dol a-steach dhan t-strì. Bha cuid eile cho sgìth 's nach do dhùisg fuaim nan gunnachan iad agus chaidh am mort, far an robh iad. Bha àireamh mhòr aig Cumberland de shaighdearan eòlach. A thuilleadh air trì rèisimeidean-eachraidh agus buidheann làmhachais bha trì buidhnean-cath de Ghoill Albannach, buidheann-cath Gaidhealach agus buidheann de chloinn Chaimbeul aige. Tha eachdraidh ag innse gun robh barrachd Albannaich an aghaidh Theàrlaich na bha leis. An coimeas ri feachd a' Phrionnsa bha feachd Chumberland air fois agus biadh fhaighinn agus bha iad deiseil airson cogadh.

Thòisich am batal mu uair feasgar le gunnachan Theàrlaich. Bha na Gaidheil a' sabaid an aghaidh na gaoithe is bha na frasan sneachda a' milleadh an lèirsinn. Bha gunnachan Chumberland a' dèanamh milleadh mòr agus am Prionnsa a' cumail nan Gaidheal air ais gus an tigeadh na Sasannaich na b' fhaisge. Mu dheireadh leum na Gaidheil dhan t-strì agus ged a bha gach gunna a bh' aig Cumberland a' losgadh orra thàinig iad air adhart. Rinn iad call air a' chiad dà loidhne aig Cumberland ach sheas an treas loidhne gu daingeann le am bèigleidean a' marbhadh gach duine mar a thigeadh. Sgap na Gaidheil is iad a-nise a' faighinn losgadh bho gach taobh. Dh'fheuch na h-Èireannaich is na Gòrdanaich ri casg a chur air na Sasannaich ach cha robh feum sam bith annta an aghaidh eachraidh Chumberland. Bha am batal seachad agus theich Teàrlach le a bheatha.

B' fheàrr gum b' e sin na bhiodh ri aithris ach b' ann an dèidh seo a thòisich a' bhrùidealachd.

Chaidh saighdearan Chumberland tron fhaiche a' mort nan leòinteach agus air feadh na dùthcha mun cuairt a' marbhadh gun tròcair gach neach ris an coinnicheadh iad. Bha saighdearan Chumberland fhèin ag aithris mun chasgairt uabhasach a chaidh air adhart. Gu dearbha, b' e a shaighdearan fhèin a thuirt gun robh e na bu choltaiche ri bùidsear na ri saighdear Crìosdaidh. Theich am Prionnsa dha na h-eileanan agus ged a bha airgead cinn £30,000 air cha deach a bhrath agus chaidh aige mu dheireadh air teicheadh gu sàbhailteachd na Fràinge.

Ma chaidh bàrdachd a sgrìobhadh mu chogaidhean cinnidh eile chaidh an t-uabhas a sgrìobhadh mun bhatal seo agus mun Phrionnsa fhèin. Gheibhear a' chuid mhòr dhiubh ann an Beurla is ann an Gàidhlig anns an leabhar 'Highland Songs of the Forty Five'.

Saighdearan ainmeil:
Ged a b' e am Prionnsa Teàrlach agus Cumberland a bha a' stiùireadh nam feachd ann an aon seagh bha a' bhuaidh an urra ri an saighdearan. Cha robh eòlas-cogaidh sam bith aig Teàrlach no eadhon eòlas air an dùthaich no air na cinnidhean ach 's dòcha tro bheul-aithris. Ged a thàinig na cinnidhean ga chuideachadh cha b' e saighdearan proifeasanta a bh' annta. Bha iad deònach gu leòr sabaid air a thaobh airson greis ach bha obair-fearainn aca a dh'fheumadh iad a fhrithealadh. Mar sin dh'fhàs iad sgìth den dàil is den àbhachdas a bha am Prionnsa a' dèanamh agus thrèig iad e.

Cha robh tuigse sam bith aig Teàrlach air na nithean seo agus chuir esan earbsa anns na saighdearan Èireannach aige. Ged a bha eòlas-cogaidh aca cha robh iad eòlach air Alba fhèin no air na cinnidhean. Bha eòlas aig Seòras Moireach agus bha fios aige gun robh Teàrlach a' dol ceàrr ach chan èisteadh Teàrlach ris. B' fheàrr leis comhairle an Èireannaich - Iain Uilleam O' Sullivan. Bha e cho làn uaill is nach robh e an dùil gun deigheadh buaidh fhaighinn air co-dhiù.

'S dòcha nach robh Diùc Chumberland air a mheas ann an Sasainn mar cheannard-cogaidh ainmeil ach bha e gaisgeil agus e airson sealltainn dha athair (Rìgh Deòrsa) gun deigheadh aige air Alba a cheannsachadh. Bha earbsa aig a shaighdearan ann agus bha e faiceallach na dhèiligidhean riutha. Bha feachd mhòr aige cuideachd. Bha saighdearan Chumberland cuideachd air biadh is air fois fhaighinn agus mar sin bha iad na bu deiseil airson sabaid.

Ach a dh'aindeoin nan sgeulachdan a tha a' dol mun Phrionnsa tha 'Bliadhna Theàrlaich' air a dhol sìos ann an eachdraidh mar bhliadhna shònraichte agus Teàrlach fhèin mar Phrionnsa àlainn, gaisgeil. Tha dà bheachd a' dol, ged a tha eachdraidh gu ìre air sgleò a chur air uireasbhaidhean Theàrlaich agus 's e an romansa as motha a tha tighinn am follais an-diugh.

Gnìomhan
1. Nam b' e tu fhèin Teàrlach dè a bhiodh tu air a dhèanamh an dèidh Ghlinn Fhionghain?
2. Sgrìobh còmhradh goirid a dh'fhaodadh a bhith eadar Teàrlach is Seòras Moireach ann an Derby.
3. Dèan coimeas eadar feachd Theàrlaich agus feachd Chumberland.
4. Dèan postair, anns a' Ghàidhlig, den t-seòrsa a dh'fhaodadh a bhith air a chuairteachadh a' sireadh fiosrachadh mu Theàrlach.

Cothrom rannsachaidh
1. Leugh cunntasan nas mionaidiche mu Bhliadhna Theàrlaich ann an leabhraichean-eachdraidh.
2. Leugh pàirt den bhàrdachd a th' anns an leabhar 'Highland Songs of the Forty Five' gu h-àraidh na leanas: Là Chùil Lodair, Òran don Phrionnsa Teàrlach, An Suaithneas Bàn.
3. Leugh an sgeulachd 'An Taghadh' le Iain Mac a' Ghobhainn.
4. Dèan rannsachadh anns an sgìre agad fhèin air àiteachan co-cheangailte ris a' Phrionnsa.
5. Dèan rannsachadh agus sgrìobh ainmean nan cinneadh a bha a' sabaid còmhla ri Teàrlach aig Cùil Lodair.

Sgeulachdan
Tha sìthean brèagha a' fàs air eilean Èirisgeigh nach eil ri fhaighinn ann an àite sam bith eile air Ghaidhealtachd agus a rèir bheul-aithris b' e am Prionnsa Teàrlach a thug ann e. 'S e Flùr a' Phrionnsa a chanar ris. Tha lusan againn mar chuimhneachan air Cumberland cuideachd - ann an Sasainn, am flùra, Sweet William, ach ann an Alba an lus, Stinking Billy!

Tha iomadh sgeul a' dol mu bhrùidealachd Chumberland agus mu ghaisge nan Gaidheal. Tha aon ag innse mar a dh'iarr Cumberland air fear de cheannardan fhèin, Maidsear Wolfe, Gaidheal leòinte a mharbhadh. Dhiùlt Wolfe seo, ag ràdh gum b' fheàrr leis a dhreuchd a leigeil seachad na a leithid sin a dhèanamh. Rinn saighdear cumanta seo dha Cumberland. Bliadhnaichean an dèidh seo bha Wolfe air ceann feachd ann an Canada agus tha e air aithris gun robh taobh aig na Gaidheil ris air sgàth seo.

Buaidh a' bhatail
B' e seo am batal mu dheireadh a chaidh a chur air fearann Bhreatainn. Ged nach do sheas e ach gann uair-a-thìde bha buaidh mhòr aige air a' Ghaidhealtachd agus air Alba gu lèir. Ann an seo thuit dòchas nan Seumasach gu bràth. Bha rìgh Shasainn agus an Riaghaltas a' faicinn nan Seumasach mar reubalaich air taobh a-muigh an lagha. Bha iad eadar-dhealaichte ann an dòigh-beatha agus ann an cànan bhon chòrr den rìoghachd.

A thuilleadh air a' mhort is a' mharbhadh a chaidh air adhart airson mìosan an dèidh a' bhatail chaidh gearasdain a thogail airson rian a chumail - Cill Chuimein, Dùn Deòrsa, Inbhir Nis agus An Gearasdan fhèin. Chuir Cùil Lodair crìoch air dòchas nan Stiùbhartach ach cuideachd thàinig crìoch air seann dòigh-beatha nan Gaidheal.

Chaidh achd a chur tron Phàrlamaid a' casg armachd a bhith aig na Gaidheil, gan casg bho a bhith a' cleachdadh a' bhreacain agus bho a bhith a' cluich na pìoba. Ann an dòigh, bha seo na adhbhar air Fuadach nan Gaidheal oir cha robh feum tuilleadh aig ceann-feadhna air a chinneadh. 'S iongantach gun tèid am batal seo agus na thàinig na dèidh à cuimhne Gaidheil gu bràth ge bith dè an taobh air a bheil iad.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD