GRD > Faidhle Eachdraidh > Blàir > Blàr Coille Chnagaidh
Blàr Coille Chnagaidh - 1689 hills
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Blàr Coille Chnagaidh - 1689
Cunntas

Chaidh Blàr Coille Chnagaidh no Cath Raon Ruairidh mar a theirte ris uaireannan, a chur eadar Iain Greumach à Claverhouse agus Màidsear Uisdean MacAoidh à Sgobhairidh.

Eadhon mus deach Uilleam à Orainds a ghairm mar rìgh bha Rìgh Seumas II air tilleadh os ìosal às an Fhraing agus e ann an Eirinn.

Cha b' fhada gus an deach oidhirpean a dhèanamh air Seumas a thoirt air ais a dh'Alba. Bha Claverhouse a' dèanamh ar-a-mach an aghaidh Uilleim air Ghaidhealtachd oir bha na Gaidheil a' faicinn Sheumais mar an rìgh dligheach.

Chaidh Claverhouse tron Ghaidhealtachd a' cruinneachadh feachd a bhiodh comasach air Seumas fhaighinn air ais air crùn na h-Alba. Anns gach àite thàinig cinnidhean ga chuideachadh agus eadhon air Ghalldachd fhuair e taic. Ged a thug na cinnidhean taic dha Claverhouse aon uair 's gun do chruinnich iad thòisich na seann thrioblaidean aca fhèin agus bha seo a' dèanamh trioblaid dha Claverhouse cuideachd agus e a' feuchainn ri òrdugh a chumail orra. Cho luath 's a chuala MacAoidh gun robh a' Ghaidhealtachd air èirigh thàinig e gan coinneachadh le feachd. Ged a b' e saighdear eòlach a bh' ann am MacAoidh fhèin bha cuid mhath de a shaighdearan nach robh ann am batal a-riamh nam beatha. Gu dearbha b' ann a bhiodh cuid de shaighdearan MhicAoidh air taobh Chlaverhouse nam bu dùraig dhaibh.

Aig toiseach an Ògmhios choinnich MacAoidh ri buidheann de Chloinn Mhic Illeathain ach chaidh ruaig e chur air gu luath. Thuit mòran creiche an làmhan nan Gaidheal. Bha an leithid seo na thrioblaid cuideachd agus na Gaidheil ag iarraidh dhachaigh. Thuig Claverhouse seo agus leig e leotha a dhol dhachaigh airson greis aon uair 's gun d' fhuair e gealltanas bhuapa gun tilleadh iad.

Chuir e fhèin an samhradh seachad ann an Loch Abar agus airgead cinn £20,000 air ach cha bhrathadh duine e.

Chùm an dà fheachd bho chèile airson faisg air dà mhìos ach thug caisteal Bhlàr Athail cùisean gu ceann. Bha an caisteal seo ann an suidheachadh cumhachdach agus bha gach taobh ga iarraidh.

Choinnich an dà fheachd aig bealach Coille Chnagaidh faisg air Baile Chloichridh air 27 Iuchar. Bha feachd MhicAoidh air a' chòmhnard aig ceann shuas a' bhealaich agus Claverhouse air na cnuic os an cionn.

Thug an dà fheachd greis a' coimhead a chèile ach mu dheireadh thàinig na Gaidheil air feachd an riaghaltais le ionnsaigh mhòir. Loisg iad am musgaidean an toiseach ach an uair sin thilg iad bhuapa iad agus thòisich iad a' sabaid len claidheamhan mar dhaoine às an ciall.

Chaidh buidhnean-cath MhicAoidh a bhriseadh agus a sgapadh. Cha do mhair am batal ach deich mionaidean, ach bha e marbhtach. Chaidh còrr is 30% den 2,000 a bh' ann am feachd Chlaverhouse a mharbhadh agus 60% den 4,000 a bh' ann am feachd MhicAoidh.

Bha a' bhuaidh le na Gaidheil ach chaidh Claverhouse fhèin a mharbhadh. An dèidh a' bhatail chaidh na Gaidheil tro champa an riaghaltais a' togail creiche.

Saighdearan ainmeil
Bha Uisdean MacAoidh na shaighdear ainmeil roimhe seo. Bha e na sheanalair agus air a bhith a' sabaid anns an Roinn Eòrpa ach cha robh mòran eòlas-cogaidh aig cuid de a shaighdearan ged a bha barrachd dhiubh ann na bh' aig Claverhouse.

Bha brùidealachd air a chur às leth Iain Ghreumaich aig àm cogaidhean nan Cùmhnantach agus gu dearbha tha dà ainm air a thoirt dha anns a' Bheurla - Bloody Clavers agus Bonnie Dundee. Ach dè an t-ainm a tha fìor?

Tha mòran chunntasan againn air mar shaighdear gaisgeil a' dèanamh a dhleasdanais. Gu dearbha b' ann mar seo a bha e anns a' bhatal seo; bha e a' sabaid airson cùis a bha e fhèin a' faicinn ceart.

Ron bhatal chaidh iarraidh air Claverhouse gun chom-pàirt sam bith a ghabhail ann. Bha e air fheachd a chruinneachadh agus air a cur ann an deagh òrdugh agus bhatar a' meas nach bu chòir dha a bheatha a chur ann an cunnart mar shaighdear cumanta. Cha do ghabh e ris a' chomhairle seo oir thuirt e, "Dè am beachd a bhios aig mo shaighdearan orm ma nì mi an leithid sin?" Gheall e gum b' e seo an turas mu dheireadh a chuireadh e a bheatha ann an cunnart.

Agus sin mar a bha oir chaidh a mharbhadh anns a' bhatal.

Sgrìobh Iain Lom bàrdachd mun bhatal - Cath Raon Ruairidh - agus ann an seo tha e a' moladh saighdearan ainmeil eile a thuilleadh air Claverhouse.

Gnìomhan
1. Saoil carson a bha na Gaidheil cho dìleas dha Rìgh Seumas II?
2. Saoil dè na seann thrioblaidean a dh'èirich am measg nan cinneadh?
3. Dè do bheachd fhèin air Claverhouse airson a dhol a shabaid? Thoir adhbharan seachad.

Cothrom rannsachaidh
1. Leugh tuilleadh mu eachdraidh na dùthcha aig an àm seo agus mu Uilleam à Orainds.
2. Leugh tuilleadh mun Ghreumach ann an leabhraichean-eachdraidh.
3. Leugh bàrdachd Iain Luim mun bhatal agus sgrìobh sìos ainm nan saighdearan eile a tha e moladh.

Sgeulachdan
Tha fios le cinnt gun deach Claverhouse a mharbhadh anns a' bhatal ach tha caochladh bheachdan a' dol mu càite an d' fhuair e buille a' bhàis.

Tha cuid ag ràdh gun deach a leòn na chliathaich dheis fon chulaidh-airm aige. Tha cuid eile a' dèanamh a-mach gur ann na shùil a chaidh a leòn. Tha cuid ag ràdh gun deach adhlaiceadh anns a' bhad, cuid eile nach deach.

Saoilidh sinn bho bhàrdachd Iain Luim gun robh a chorp rùisgte ('s dòcha gum biodh e na b' fhasa a ghiùlain mar sin). Bha fasan ann aig an àm a bhith a' rùsgadh chorp an dèidh bhlàr. Tha Iain Lom cuideachd ag ràdh gur e a thaobh dheis a chaidh a leòn.

Ge bith dè a tha ceart tha culaidh-airm Chlaverhouse ri fhaicinn ann an caisteal Bhlàr Athail agus chan eil toll sam bith ann.

Buaidh a' bhatail
Mhill bàs a' Ghreumaich a' bhuaidh. Ged a chruinnich na Gaidheil a-rithist fo stiùireadh Choirnealair Cannon an aghaidh nan Camshronach aig Dùn Bhlàthain chaill iad gu dona.

Tha cuid a chanas nach b' e batal cudthromach a bh' ann an Coille Chnagaidh agus cuid eile a thèid cho fada ri ràdh gur ann an seo dha-rìribh a chaill nan Stiùbhartach - fada mus robh guth air Cùil Lodair.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD