|
Blàr Drochaid Bhothwell - 1679
Cunntas
An dèidh bàs Oliver Crombail thill Rìgh Teàrlach
II bho fhògradh agus bha gàirdeachas mòr
ann an Alba ach cha do mhair e fada. Bha Teàrlach air na
Cùmhnantan a shoidhnigeadh agus mar sin bha sluagh na h-Alba
den bheachd gum biodh cead aca an creideamh clèireach a
chleachdadh. Ach fhuair iad a-mach nach leigeadh iad a leas cus
earbsa a chur ann an geallaidhean Theàrlaich. Chuir e an
neo-bhrìgh na laghannan a chaidh an stèidheachdadh
le pàrlamaid nan Cùmhnantach. Thug e easbaigean
air ais airson an eaglais a riaghladh agus gus a chuideachadh
fhèin ann a bhith a' riaghladh na dùthcha. Chaidh
suas ri 300 ministear nach gabhadh ri na h-easbaigean seo a chur
a-mach às am parraistean agus chaidh 'curaidean umhail'
a chur nan àite.
Dh'èirich an sluagh an aghaidh seo. An
àite a dhol do na h-eaglaisean b' ann a thòisich
iad a' dol gu coinneamhan-fhalachaidh a-muigh is am ministearan
fhèin air an ceann. Chaidh laghannan borb a thoirt a-mach
nan aghaidh; bha eadhon binn-bàis air searmonachadh aig
coinneamhan-fhalachaidh; bha càin air a chur air daoine
nach frithealadh eaglais no parraist.
Bha ceatharnaich-creiche air an cleachdadh airson
dèanamh cinnteach gun robhas a' cumail ri na riaghailtean
sin agus bha na laghannan air an sparradh gu neo-thruacanta.
Mu dheireadh thall thàinig air na Cùmhnantaich
ar-a-mach follaiseach a dhèanamh. B' e bìobaill
a bh' aca aig na coinneamhan an toiseach ach cha b' fhada gus
am b' fheudar dhaibh buill-airm a thoirt leotha. Ann an 1679 chaidh
blàr a chur aig Drumclog eadar na Cùmhnantaich agus
feachd fo stiùireadh Iain Ghreumaich à Claverhouse.
Sgiùrs na Cùmnantaich iad air
ais a Ghlaschu. Thug a' bhuaidh seo misneachd dhaibh agus thàinig
Cùmhnantaich eile a thoirt taic dhaibh, ach thòisich
iad ag argamaid nam measg fhèin agus mar sin chaill iad
an neart a dh'fhaodadh a bhith aca. Bha cuid nach robh ag iarraidh
ach saorsa adhraidh agus cuid eile ag iarraidh cuidhteas de Theàrlach
agus a chuid easbaigean.
Bha ministearan a' searmonachadh an aghaidh
bheachdan eadar-dhealaichte. Fhad 's a bha seo a' dol air adhart
cha robh guth aca dèanamh cinnteach an robh iad uidheamaichte
airson sabaid. Thug seo cothrom don riaghaltas feachd a thogail.
Chaidh Diùc Mhonmouth a chur à Sasainn le saighdearan
nan aghaidh. Bha 15,000 duine aig an riaghaltas.
Nuair nochd feachd an riaghaltais faisg air
Drochaid Bhothwell bha na Cùmhnantaich fhathast ag argamaid.
Bha an drochaid àrd agus cumhang le geata na meadhan. Chùm
300 de na Cùmhnantaich dìon air an drochaid ach
rinn gunnachan mòra agus bèigleidean nam marcaichean
a' chùis orra agus fhuair saighdearan an riaghaltais a-null
chun taobh eile.
Cha robh eòlas-cogaidh sam bith aig a'
chuid mhòr de na Cùmhnantaich. Mar sin cha do mhair
am batal fada. Nuair loisg na gunnachan orra sgap iad. Chaidh
400 dhiubh a mharbhadh agus chaidh 1200 a chumail nam prìosanaich.
Chaidh an toirt gu cùirt ann an Dùn Èideann. Chaill
dithis dhiubh an cinn agus chaidh còignear a chrochadh
air mòinteach Magus. Den chòrr chaidh cuid a leigeil
ma sgaoil agus cuid fhògradh gus a bhith nan tràillean
ann an Barbados. Ach chaidh an t-soitheach air an robh iad fodha
ann an Arcaibh agus iadsan glaiste fo rum.
Saighdearan ainmeil
Cha b' urrainnear a ràdh gun robh saighdearan ainmeil sam
bith air taobh nan Cùmhnantach. B' e Raibeart Hamilton
a bh' air ceann nan Cùmhnantach ach cha robh eòlas-cogaidh
no smachd sam bith aige. Chaidh a thaghadh dìreach air
sgàth 's cho eudmhor 's a bha e air taobh creideamh nan
Cùmhnantach.
Bha duine no dhithis ann mar Hackton agus Cleland
aig an robh eòlas-cogaidh agus a bhiodh air gabhail cùisean
os làimh nam biodh na ministearan air a' chead sin a thoirt
dhaibh. Cha robh fa-near dha na ministearan ach iarraidh air an
t-sluagh marbhadh gun ghuth air feuchainn ri òrdugh a chur
ann an cùisean. Bha Hackton os cionn na buidhne a bha a'
dìon na drochaid ach cha robh gu leòr shaighdearan
còmhla ris airson seo a choileanadh.
Nam biodh saighdearan ceart air taobh nan Cùmhnantach
's iongantach mur biodh iad air a' chùis a dhèanamh
oir cha b' e ceannard ainmeil a bh' ann an Diùc Mhonmouth
idir.
Gnìomhan
1a) Carson a bha gàirdeachas
ann an Alba nuair thill Rìgh Teàrlach II?
1b) Carson nach do mhair e fhada?
2. Dè a bh' ann an coinneamhan-fhalachaidh?
3. Innis beagan mu bhlàr
Dhruimclog
4. Carson nach do bhuannaich na
Cùmhnantaich Blàr Drochaid Bhothwell?
5. Dè a thachair dha na
Cùmhnantaich a chaidh a chumail nam prìosanaich?
Cothrom rannsachaidh
1. Leugh an earrann sna duilleagan
seo mu Mhairead NicUilleim.
2. Dèan tuilleadh rannsachaidh
air na Cùmhnantaich.
Sgeulachdan
Cha do ghabh Raibeart Hamilton pàirt sam bith anns a' bhatal
ged a b' e an ceannard a bh' aig na Cùmhnantaich. Fhad
's a bha càch a' sabaid bha esan a' cur croiche an-àirde
far an dèigheadh na prìosanaich a chrochadh. Bha
an t-uabhas ròpa aige ann an cairtean airson na croiche
seo agus e cho cinnteach gun deigheadh seo a chur gu feum.
Buaidh a' bhatail
Cha deach maitheanas sam bith a shealltainn dha na Cùmhnantaich
no dha na Clèirich anns na bliadhnaichean an dèidh
a' bhatail seo.
Bha binn bàis air neach sam bith a fhrithealadh
na coinneamhan fhalachaidh. Bha Claverhouse a' sireadh neach sam
bith a bha fon amharas seo agus a' dèiligeadh riutha gu
an-iochdmhor. Bha daoine a' creidsinn gun robh e air anam a reic
ris an t-Satan agus nach gabhadh a mharbhadh ach le peilear airgid.
Bha cùisean cho dona rè
rìoghachadh Theàrlaich II agus a bhràthair
Sheumais VII agus gum b' e na 'Killing Times' a theirte riutha
anns a' Bheurla.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|