|
Blàr Drochaid Shruighlea - 1297
Cunntas
An dèidh bàs Mhaighdeann Nirribhidh cha robh fhios
co aige a bha còir dligheach air crùn na h-Alba.
Chaidh iarraidh air Rìgh Eideard Shasainn a' chùis
a rèiteach agus thagh e Iain Baliol oir bha e den bheachd
gum biodh e furasta brath fhaighinn air. Ach cha do ghabh Baliol
a chomhairle mar a bha an dùil agus thàinig Eideard
gu tuath le feachd mhòr. Dh'fhàg e saighdearan agus
luchd-riaghlaidh ann an Alba agus thill e a Shasainn le Baliol
mar phrìosanach. Thug e leis cuideachd Clach Sgàin
agus cunntasan na h-Alba agus e den làn bheachd gum b'
e esan a-nise rìgh na h-Alba. Ach dh'èirich sluagh
na h-Alba an aghaidh na ceannairce seo. Air an ceann bha dithis
ghaisgeach - Uilleam Ualas aig deas agus Anndra Moray aig tuath.
Chaidh leotha cho math agus gun do dh'fhuadaich iad na Sasannaich
à taobh tuath na h-Alba agus rinn iad cùisean gu
math doirbh dhaibh aig deas. Chuir Eideard feachd 10,000 gu tuath
airson Alba fhaighinn air ais. Bha saighdearan eòlach ann
à Northumberland agus à Siorrachd Yorc, boghadairean
Cuimreach agus ceudan de ridirean ann an culaidhean màille.
Thug e suim mhòr airgid dha sheanalairean agus thuirt e
riutha a chosg gu lèir nam feumadh iad air ceannsachadh
nan Albannach. Nuair chuala Ualas agus Moray mun fheachd seo thàinig
iad còmhla agus iad gus coinneachadh ris a' nàmhaid
faisg air Sruighlea.
Cha robh na saighdearan aca cho eòlach
no cho uidheamaichte ri na Sasannaich. Gu dearbh cha robh iad
a-riamh air sabaid ann am blàr mòr. Ach bha uaill
mhòr aca ann an Ualas agus ann am Moray agus bha iad eudmhor
airson saorsa na h-Alba. Cha robh an àireamh shaighdearan
aig Ualas agus a bha aig na Sasannaich ach bha e eòlach
air a dhùthaich fhèin agus bha e gleusta.
Nuair a ràinig na Sasannaich Sruighlea
bha na h-Albannaich ann an òrdugh catha air talamh àrd
air an taobh tuath de abhainn For. Eadar iad agus an drochaid
bha boglaich. Chunnaic Surrey, aon de cheannardan nan Sasannach,
gun robh na h-Albannaich ann an suidheachadh làidir oir
dh'fheumadh iadsan a dhol tarsainn air an drochaid agus bha i
cho caol agus nach gabhadh i ach dithis còmhla. Bha esan
airson dàil a chur dhan chùis gus am faiceadh e
dè a thachradh. Ach cha robh Cressingham, an ceannard eile,
den aon bheachd. Bha esan den bheachd gun cosgadh dàil
airgead agus thug e an òrdugh seachad a dhol air adhart.
A-null gun deach iad, dithis is dithis, agus
Ualas gan coimhead gun ghluasad. Aon uair is gun robh àireamh
thall air an robh e an dùil an dèanadh e a' chùis
shèid e a chòrn. Ghluais na h-Albannaich an aghaidh
nan Sasannach. Chaidh cuid dhiubh a ghlasadh na drochaid gus nach
fhaigheadh an còrr tarsainn. Tha cunntas eile ag innse
gun robh Ualas air pàirt de na maidean-taice a bh' anns
an drochaid a thoirt às ro làimh agus nuair thàinig
na Sasannaich cha robh aige ach an còrr a thoirt às
agus mar sin a' dèanamh dà leth air feachd Shasainn.
Bha 5,000 de na Sasannaich a-nise air an glasadh eadar Ualas agus
an drochaid agus gun dòigh aca air faighinn às.
Bha feachd Ualais air am muin, gam marbhadh le claidheamhan is
tuaghan. Rinn iad casgairt mhòr agus chaidh àireamh
mhòr de na Sasannaich am bàthadh anns an abhainn
nuair bha iad a' feuchainn ri teicheadh. B' e fear ris an canar
Marmaduke an aon cheannard Sasannach a fhuair air a shlighe a
dhèanamh air ais tarsainn air an drochaid. Bha Surrey a'
coimhead chùisean bhon taobh eile. Thug e òrdugh
an drochaid a chur na teine agus theich e. Lean an ruaig e air
ais a Shasainn. Thug e mach a dhachaigh ach bha an ruaig cho teann
is gun do bhàsaich an t-each aige. Chaidh Cressingham a
mharbhadh. Bha uimhir de fhuath aig na h-Albannaich dha airson
a phròis agus an-iochdmhorachd is gun do shlaod iad a chraiceann
far a chorp.
Cha do ghabh Ualas prìosanaich idir.
Chaidh a h-uile duine a chaidh a ghlacadh a mharbhadh. A rèir
eachdraidh chaidh 20,000 Sasannach a mharbhadh. B' e àireamh
glè bheag de na h-Albannaich a chaill am beatha anns a'
bhatal.
Saighdearan ainmeil
Chan eil teagamh nach b' e gaisgeach mòr làidir
a bh' ann an Anndra Moray. B' esan a ruaig na Sasannaich a-mach
à taobh tuath na h-Alba.
Ach 's e ainm Ualais a tha air a thighinn a-nuas
tro na ginealaichean mar an gaisgeach a thug saorsa air ais a
dh'Alba. Rugadh e faisg air Pàislig agus na òige
cha d' fhuair e trèanadh sam bith mar shaighdear. Ach 's
iongantach mur iomadh uair a bha e sabaid a dh'aindeoin sin. Bha
coltas saighdeir air le làrach leòin air aodann
agus bha còrn aige nach sèideadh duine sam bith
ach e fhèin. Bha e bras na nàdar agus deas gu buille
a thoirt. Bha adhbhar sònraichte aige airson a bhith cho
nimheil an aghaidh nan Sasannach; tha cunntas ag innse gun do
mhort Sasannaich a bhean agus gun do chuir iad a dhachaigh na
theine an dèidh dha-san saighdear Sasannach a mharbhadh.
Bha Iarla Surrey na dhuine gaisgeil cuideachd.
Bha e air a bhith na fhear-coimhid ann an Alba. Mus do thòisich
an t-sabaid chuir e dithis mhanach gu Ualas a dh'iarraidh air
gèilleadh. Ach chuir Ualas air ais iad ag ràdh nach
gèilleadh iadsan gu bràth agus gun robh iad deiseil
airson na sabaid.
B' e fear-eaglaise a bh' ann an Cressingham
gun mhòran eòlas air cath agus 's esan a thug an
t-òrdugh a dhol tarsainn air an drochaid. Cha do mhair
e fhèin fada anns an t-strì.
'S dòcha gur e fear eile, Marmaduke Twenge,
as motha air a bheil eachdraidh a' toirt cunntas gaisgeil. B'
esan a' chiad fhear a chaidh tarsainn agus ged a chaidh àite
a shealltainn dha far am faodadh e snàmh air ais dhiùlt
e sin a dhèanamh. Ged a bha àireamh mhòr
den bhuidhinn aige air a thrèigsinn thàinig aige
air a shlighe a dhèanamh gu sàbhailte gu taobh eile
na h-aibhne.
Gnìomhan
1. Saoil carson is ann faisg air
Sruighlea a chaidh an cath a chur?
2. Dè do bheachd air mar
a dhèilig Ualas ri na Sasannaich an dèidh a' bhatail?
3. Saoil carson a chaidh manaich
a chleachdadh airson fiosan a thoirt bho na Sasannaich gu Ualas?
4. Tha thu nad neach-naidheachd
cogaidh aig àm a' bhlàir. Sgrìobh na chunna
tu a' tachairt, gun a bhith a' gabhail taobh seach taobh.
Cothrom rannsachaidh
1. Dèan tuilleadh rannsachaidh
air beatha Ualais ann an leabhraichean-eachdraidh.
2. Feuch am faigh thu a-mach cò
a bh' ann am 'Blind Harry' agus dè a sgrìobh e mu
Ualas.
Sgeulachdan
B' e drochaid fhiodha a bh' air an abhainn aig an àm seo
agus bha i cho cumhang 's nach fhaigheadh ach dithis a-null oirre
còmhla. Tha sgeulachd a' dol gun do gheàrr Ualas
na maidean-taice air taobh tuath na drochaid air dhòigh
is nan deigheadh cudthrom mòr sam bith orra gun tuiteadh
an drochaid gu h-iomlan agus sin mar a thachair do chuid de na
Sasannaich.
Buaidh a' bhatail
Bha a' bhuaidh cho iomlan is gur e seo an là a b' fheàrr
a bha am beatha Ualais a-riamh. Bha Surrey agus a chuid shaighdearan
air an ruagadh a Shasainn agus thuit creach mhòr an làmhan
Ualais. Bha Alba saor mu dheireadh thall.
Sgrìobh Ualas gu dà bhaile
anns a' Ghearmailt - Lubeck agus Hamburg - a thabhann malairt
a-rithist agus iad a-nise saor bho chumhachd Shasainn. Ach bha
gort air feadh na rìoghachd. An àite a bhith mothachail
air staid nan daoine b' ann a bha aire Ualais air a' bhuaidh a
fhuair e a chumail. Tha eachdraidh a' toirt cunntas nach do mhair
a' bhuaidh ach ged nach do mhair dhùisg Blàr Drochaid
Shruighlea uaill nàiseantachd ann an sluagh na h-Alba.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|