GRD > Faidhle Eachdraidh > Blàir > Blàr Inbhir Ḷchaidh
Blàr Inbhir Lòchaidh hills
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Blàr Inbhir Lòchaidh - 1645
Cunntas

Chaidh an cath seo a chur gu ìre mhòr eadar dà chinneadh cumhachdach - Na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich. Bha Diùc Mhontròis a' strì air feadh Alba ann an adhbhar Rìgh Theàrlaich I aig an àm seo. Cha robh na Caimbeulaich air a thaobh idir. Gu dearbh b' ann a bha fearann nan Caimbeulach ann an Earra-Ghaidheal mar dhùthaich bheag leatha fhèin. Bha e torrach agus sìobhalta an taca ris a' chòrr den Ghaidhealtachd. Bha Inbhir Aora na bhaile mòr soirbheachail agus malairt a' dol eadar e is an Roinn Eòrpa. Bha gleanntan gorma le sprèidh mun cuairt air agus balla dìon de bheanntan àrda. Bha adhbhar aig na Caimbeulaich a bhith a' faireachdainn sàbhailte is seasgair.

Ach bha sùil Mhontròis air an t-saoibhreas seo agus thug e ionnsaigh air Earra-Ghaidheal a thogail creiche. Thug e dà mhìos ann - cha b' ann a' marbhadh ach ri fleadhachas.

Bha Diùc Earra-Ghaidheil air teicheadh gu Ròs Neimhidh a' feitheamh ri cobhair mus gairmeadh e a chinneadh gu sabaid. Nuair a rinn e sin cha b' e e fhèin a chaidh air an ceann idir ach Donnchadh Caimbeul à Achadh Breac.

Ged a thug e fada a' tional feachd thional e 3,000 agus thàinig Iarla Shìophoirt ga chuideachadh le 5,000. Bha Montròs a-nis air a ghlacadh agus b' fheudar dha gluasad an aghaidh nan Caimbeulach. Cha robh aige ach 1,500 an aghaidh 3,000 de na Caimbeulaich.

B' e an Fhaoilleach a bh' ann agus bha an aimsir uabhasach fuar le sneachd is deigh. An dèidh na dh'ith iad ann an Inbhir Aora cha robh aca a-nis ach min-choirce air a fliuchadh le uisge fuar.

Lean iad orra a choinneachadh an nàmhaid agus iad gus tuiteam le fuachd agus acras. Bha Montròs nan cois fad an t-siubhail. Air a' chiad là den Ghearran ràinig iad an Drochaid Ruadh, 13 mìle à Inbhir Lòchaidh. Ach cha robh dùil aig Montròs a dhol an taobh sin idir. Bha e na bheachd a thighinn air na Caimbeulaich gun fhios. Ghabh e bealach am measg nan cnoc agus mus do thuit an oidhche bha campa nan Caimbeulach na fhianais shìos fodha aig Inbhir Lòchaidh. Ged a chunnaic na Caimbeulaich iad cha do chuir iad dragh orra oir cha do shaoil iad nach b' e dìreach creachadairean a bh' annta. Ach nuair thàinig a' mhadainn thuig iad a' chaochladh agus dh'ullaich gach taobh iad fhèin airson a' bhatail.

Bha rèisimeidean Gallda aig na Caimbeulaich agus a' cuideachadh Mhontròis bha saighdearan Èireannach. Gu dearbha b' e na h-Èireannaich, fo smachd Alasdair MhicCholla agus O' Kean, a thug a' chiad ionnsaigh. Cha b' fhada a sheas na Goill a bh' aig na Caimbeulaich. Theich iad gu luath agus thug sin cothrom dha Montròs. Rinn na Caimbeulaich oidhirp mhath ach chaidh buaidh fhaighinn orra gun strì. Theich na bha beò agus mar gu tric a thachair, b' ann an dèidh a' bhatail a thòisich an lèirsgrios. Cha deach tròcair sam bith a shealltainn dha na Caimbeulaich. Bha cuirp nan Caimbeulach sgapte airson mìltean air bruachan Loch Lòchaidh agus Loch Iall.

Tha eachdraidh a' toirt cunntas gun robh 1,500 dhiubh ann - an aon àireamh 's a bh' aig Montròs gu lèir. Fhad 's a bha seo ri tachairt bha ceann-feadhna nan Caimbeulach na bhìrlinn air a shlighe gu Ròs Neimhidh.

Saighdearan ainmeil
Tha eachdraidh ag innse nach robh Earra-Ghaidheal fhèin no MacCailean Mòr mar a theirte ris, anns a' bhatal idir ach na bhìrlinn aig acair am meadhan Loch Lòchaidh. 'S dòcha gur e am bàrd, Iain Lom, as fheàrr a tha toirt cunntas dhuinn air a' bhatal ann an 'Là Inbhir Lòchaidh'. Chan eil esan ag ainmeachadh gun robh MacCailean no eadhon Montròs fhèin anns a' bhatal ach 's iongantach mur robh Montròs ann. 'S e glè bheag a chunntas a tha eachdraidh a' toirt dhuinn air a' bhatal co-dhiù; bha e dìreach mar aon de bhatail Mhontròis. B' e Iain Lom fhèin a bha ga fhaicinn cudthromach ann an eachdraidh nan Dòmhnallach agus chan eil fa-near dhasan ach a bhith a' càineadh nan Caimbeulach. Ach tha e a' dèanamh moladh mòr air Alasdair MacCholla mar a chì sinn bho na leanas:

Cha b' e siud an siubhal cearbach a thug Alasdair do Alba
Alasdair nan geurlann sgaiteach
Alasdair nan geurlann guineach
Alasdair MhicCholla ghasta
Làmh dheas a' sgoltadh nan caisteal
Chuir thu ruaig air Ghallaibh glasa

Gnìomhan
1. Saoil carson a bha na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich cho mòr an aghaidh a chèile aig an àm seo?
2. Dè do bheachd air MacCailean Mòr? Thoir adhbhar no dhà seachad.
3. Lorg air mapa na h-àiteachan a th' air an ainmeachadh anns a' chunntas.
4. Saoil carson a bha saighdearan Èireannach ann am feachd Mhontròis?
5. Saoil carson a sgrìobh Iain Lom mun bhatal?

Cothrom rannsachaidh
1. Leugh bàrdachd Iain Luim, 'Là Inbhir Lòchaidh' airson fiosrachadh fhaighinn air a' bheachd a bh' aigesan air a' bhatal.
2. Leugh tuilleadh ann an eachdraidh Bheurla mu chogaidhean Mhontròis.

Sgeulachdan
Na bhàrdachd chan eil Iain Lom a' dèiligeadh ri adhbhar a' bhatail idir. B' e bàrd nan Dòmhnallach agus b' ann gam moladh agus a' càineadh nan Caimbeulach a bha e an seo. Tha e a' bruidhinn an seo air 'an tionndadh duineil' a rinn na Dòmhnallaich.
Tha e ag ràdh gum faca e am batal bho 'bhràigh Caisteil Inbhir Lòchaidh' ach 's iongantach gun robh seo fìor oir bha saighdearan Earra-Ghaidheil an seo aig an àm. Tha facail ghrànda aige gan cleachdadh ag innse mar a thachair dha na Caimbeulaich agus a' sealltainn a' ghràin a bh' aige orra:

Sgrios oirbh mas truagh leam bhur càramh,
Ag èisteachd anshochair bhur pàistean
Caoidh a' phannail bh' anns an àraich
Donnalaich bhan Earra-Ghaidheil

Tha sgeul a' dol gun do dhiùlt Iain Lom com-pàirt a ghabhail anns an t-sabaid nuair a thabhann Alasdair MacCholla claidheamh dha. Thuirt e 'cathaichibh sibh-se agus innsidh mise'. Ach tha e follaiseach bhon bhàrdachd gun robh e an cois feachd Mhontròis.

Buaidh a' bhatail
Cha tug am batal buaidh mhòr sam bith air cor na rìoghachd. Ma bha buaidh sam bith aig Blàr Inbhir Lòchaidh b' e gun do chuir e às do chumhachd cogaidh nan Caimbeulach. Ged a bha na Caimbeulaich nan cinneadh cumhachdach fada an dèidh seo cha b' ann leis a' chlaidheimh a ghlèidh iad an cumhachd seo. Lean an t-eud eadar na Caimbeulaich agus na Dòmhnallaich fada an dèidh seo cuideachd mar a chì sinn aig mort Ghlinne Comhainn.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD