|
Blàr na Leargaidh Ghallda
- 1263
Cunntas
Aig deireadh an t-samhraidh 1263 dh'fhàg cabhlach mhòr
Nirribhidh airson ionnsaigh a thoirt air Alba. Bha eileanan Innse
Gall, Muile, Cinn Tìre agus eileanan Chaolas Chluaidh air
a bhith fo cheannas Nirribhidh airson ceudan bliadhna. Ach bha
rìghrean na h-Alba a-nis air fàs cumhachdach agus
bu mhath leotha am fearann seo a bhith aca fhèin. B' ann
an sin a bha sluagh na h-Alba air a bhith o thùs agus bha
e na adhbhar thàmailt gum biodh coigrich a' sealbhachadh
fìor chridhe na rìoghachd.
Chaidh oidhirpean a dhèanamh tro na bliadhnaichean
air toirt air sluagh nan àiteachan sin ùmhlachd
a thoirt do Alba ach eadhon an corra uair a dh'aontaicheadh iad
ri sin cha b' urrainnear earbsa a bhith anns an leithid de dh'aonta.
Gu dearbha bha an sluagh sin nan 'rìoghachdan beaga' leotha
fhèin agus cha robh iad airson a bhith fo smachd Nirribhidh
no fo smachd na h-Alba.
Bha adhbharan fhèin aig Rìgh Nirribhidh
airson feuchainn ris an fhearann seo a dhleasadh dha fhèin.
B' e fuil Lochlannach a bha a' ruith tro chuislean sluagh nan
àiteachan sin agus mar sin bha e ga fhaicinn fhèin
mar an rìgh. Bha eagal air nan cailleadh e am fearann sin
gum biodh Sealtainn agus Arcaibh ann an cunnart cuideachd. Bha
na h-eileanan sin a' cumail beartas ri Nirribhidh agus chan fhaodadh
iadsan air chor sam bith a bhith air an call.
Chuir Rìgh Alasdair III teachdairean
a Nirribhidh a dh'fheuchainn a thighinn gu co-chòrdadh
mun fhearann ach cha ghabhadh Rìgh Haco ri cùmhnantan
sam bith. Bha e air inntinn a dhèanamh an-àirde
ionnsaigh a thoirt air Alba.
B' e soithichean fada brèagha a bh' anns
a' chabhlach, cuid dhiubh le 30 ràmh agus air an sgeadachadh
le snaidheadaireachd òr. Nuair a chuala Rìgh Alasdair
mun fheachd seo bha fios aige nach dèanadh e a' chùis
nan aghaidh. Mar sin dh'fheumadh e smaoineachadh air plana air
choreigin a-rithist a dh'fheuchainn ri cùmhnant sìthe
a dhèanamh. Dh'iarr e air na manaich an tìde a ghabhail
agus gun a thighinn gu cùmhnant sam bith ann an cabhaig.
Bha fios aige fhèin carson.
Air an là mu dheireadh den t-Sultain
bhris an aimsir le stoirm mhòr. Bha cabhlach Haco ann an
Caolas Chluaidh agus chaidh an sgapadh agus am milleadh. Chaidh
cuid dhiubh a bhriseadh air cladach na Leargaidh Ghallda. An ath
là chaidh Haco fhèin air tìr le feachd làidir
gus freasgairt air na soithichean sin ach thàinig feachd
Albannach na aghaidh agus b' fheudar dhasan tilleadh gu muir.
Bha e ro aost airson sabaid. Lean an t-sabaid ri oir a' chladaich.
Tha aon chunntas ag ràdh gun robh 1500 saighdear Albannach
air eich ann an culaidhean màille ach chan eil fios cinnteach
an robh sin ceart. Bha gu leòr ann, co-dhiù, airson
sgrios a dhèanamh air na Lochlannaich. Mharbh iad a' chuid
mhòr dhiubh - 25,000 a rèir cunntais - agus ruag
iad an còrr air ais gu muir.
Saighdearan ainmeil
Chan eil eachdraidh glè shoilleir mu na ceannardan a bh'
aig Alba ach tha fios nach robh an rìgh fhèin ann
idir. Tha dà ainm a' nochdadh ann an cunntasan - Sir Piers
Curie agus Alasdair, an ceathramh àrd Stiùbhart.
Tha e air a ràdh mun Stiùbhartach gun do nochd esan
le còmhlan shaighdearan nuair nach robh cùisean
a' dol buileach cho math dha na h-Albannaich. Sgap e na Lochlannaich,
ruaig agus mhort e àireamh mhòr dhiubh. Tha cunntas
againn gun robh Sir Piers Curie air a sgeadachadh le culaidh airm
òraichte agus le crios làn sheudan. Bha e a' marcachd
timcheall air buidheann de na Lochlannaich nuair a mharbh aon
de na Lochlannaich e le aon bhuille de a chlaidheamh. Cha robh
e càil ach air bualadh an talamh nuair chaidh an crios
a stialladh dheth.
Gnìomhan
1. Saoil carson is ann anns na
h-eileanan agus air oirthìr na h-Alba a thuinich na Lochlannaich?
2. Saoil carson nach robh an sluagh
seo airson a bhith fo smachd Alba no fo smachd Nirribhidh?
3a) Saoil carson a bha na manaich
casruisgte?
3b) Carson a dh'iarr Rìgh
Alasdair air na manaich an tìde a ghabhail a' tighinn gu
co-chòrdadh ri Haco?
Cothrom rannsachaidh
1. Rannsaich
nas urrainn dhut mu teachd nan Lochlannach a dh'Alba an toiseach.
2. Dearbh
gu robh na Lochlannaich ann an àitichean sònraichte
tro na h-ainmean-àite a dh'fhàg iad.
3.
Feuch an lorg thu 'Saga' sam bith agus sgrìobh sìos
i.
Sgeulachdan
Nuair bha Haco a' dlùthachadh ri cladach na Leargaidh Ghallda
bha na stoirmean cho dona agus gun robh na Lochlannaich a' creidsinn
gur ann ri draoidheachd a bha na h-Albannaich.
Bha na h-Albannaich fhèin, air an làimh
eile, den làn bheachd gur i an Naomh Mairead a bha air
a thighinn a dhèanamh cobhair orra.
Theich Haco gu Arcaibh ach bha e cho claoidhte
is nach do mhair e fada. Chaidh e gu eaglais mhòr an Naomh
Magnus agus dh'iarr e gun deigheadh am Bìoball agus 'Beatha
nan Naomh' a leughadh dha. Ach, eadhon aig uchd bàis dh'fhàs
e sgìth dhiubh sin agus 's ann a dh'iarr e leabhar-eachdraidh
rìghrean Lochlann a bhith air aithris. Agus mar sin bhàsaich
e fada bho dhùthaich fhèin.
Buaidh a' bhatail
An dèidh a' bhatail cha robh e fada gus an d' fhuair Rìgh
Alasdair ceannas air na h-eileanan. Thàinig Magnus, mac
Haco, gu cùmhnant sìthe agus reic e Innse Gall agus
Eilean Mhanainn ri Alba airson 4,000 merk agus 100 merk gach bliadhna
an dèidh sin.
Bha Innse Gall mar phàirt de Alba mu
dheireadh thall ged a bha bliadhnaichean mòra ri dhol seachad
mus tàinig Arcaibh agus Sealtainn fo cheannas na h-Alba.
Gu h-iongantach, ann an 1281 phòs Eric,
ogha Haco, nighean Rìgh Alasdair. B' e an nighean aca-san
Maighdeann Nirribhidh, oighre dhligheach crùn na h-Alba
nuair a bhàsaich Rìgh Alasdair.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|