GRD > Faidhle Eachdraidh > Blàir > Blàr Sliabh an t-Siorraim
Blàr Sliabh an t-Siorraim - 1715 hills
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Blàr Sliabh an t-Siorraim - 1715
Cunntas

Tha eachdraidh a' toirt cunntas gun robh Gaidheil na h-Alba a' caoidh fògradh Rìgh Sheumais II. Nuair a bhàsaich Bànrigh Anna bha na Gaidheil sin an dòchas gum faigheadh iad a-nis an cothrom air Seumas Eideard, mac Sheumais II fhaighinn mar rìgh, ach nuair chaidh Rìgh Deòrsa I a ghairm mar rìgh air Breatainn ann an 1714 thuit an dòchas sin. Bha cùisean gu math troimh-chèile air feadh na dùthcha. Bha na h-Albannaich den bheachd gun robh cùisean air a dhol na bu mhiosa buileach dhaibh bho dh'aon na pàrlamaidean ann an 1707. Os ìosal bha ullachadh ga dhèanamh airson na Stiùbhartaich fhaighinn air ais agus cha b' fhada gus an tàinig sin am follais.

Air an 6mh Sultain chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach a thogail am Baile a' Chaisteil ann am Bràigh Mhàrr. Chaidh crann-tàra a-mach air feadh na Gaidhealtachd agus chaidh litrichean gu cinn-feadhna ag iarraidh taic anns an t-strì. B' e Iain, Diùc Mhàir, an ceannard agus cha b' fhada gus an robh feachd de 15,000 aige. B' e Peairt an t-àite cruinneachaidh.

Chaidh Diùc Earra-Ghaidheil a chur air ceann feachd an riaghaltais agus chruinnich 4,000 dhiubh aig Sruighlea. B' e Goill a bh' anns a' chuid mhòir den arm aige agus ged a bha eòlas-cogaidh aca bha iad air uimhir a chluinntinn mu na 'Gaidheil bhorba' agus gun robh eagal gu leòr orra a' dol gan coinneachadh. Ach nuair chuala Earra-Ghaidheal gun robh Màr a' tighinn chuir e arm ann an òrdugh aig Sliabh an t-Siorraim faisg air Dùn Bhlàthain.

Tha cunntas mun bhatal ag innse gur e 8000 a bh' aig Màr agus 3,500 aig Earra-Ghaidheal anns a' bhatal.

Bha làn fhios aig Earra-Ghaidheal càite an robh Màr ach tha sgeulachd a' dol nach do chreid Màr gun robh Earra-Ghaidheal air gluasad na aghaidh gus an do choinnich iad aig Sliabh an t-Siorraim. A rèir eachdraidh b' e bùrach dha-rìribh a bh' anns a' bhatal. Cha deach òrdugh no eòlas-cogaidh sam bith a chleachdadh oir thàinig an dà fheachd air a chèile, gun fhios, mar gum biodh.

Mar a b' àbhaist thòisich na Gaidheil le na musgaidean. Nuair sin thilg iad bhuapa iad agus lean iad a' sabaid le claidheamhan. Fhuair iad air pàirt de fheachd Earra-Ghaidheil a ruaigeadh gu ruig Dùn Bhlàthain. Ach fhad 's a bha seo a' dol air adhart bha Earra-Ghaidheal air pàirt eile de fheachd Mhàir a ruaigeadh.

Bha an àrach falamh ach a-mhàin na leòinte agus na mairbh. Aig tuath bha saighdearan Earra-Ghaidheil a' ruaigeadh saighdearan Mhàir agus aig deas bha saighdearan Mhàir a' dèiligeadh ri saighdearan Earra-Ghaidheil. Bha gach sgiath dheis air buaidh fhaighinn agus bha gach sgiath chlì air a ruaigeadh. 'S dòcha gur e rann de bhàrdachd Bheurla as fheàrr idir airson cunntas a thoirt air a' bhatal seo:

There's some say that we wan,
And some say that they wan,
And some say that nane wan at a', man;
But ae thing I'm sure,
That at Sherra-muir
A battle there was, that I saw, man;
And we ran, and they ran,
And they ran, and we ran
But Florence ran fastest of a', man.

A dh'aindeoin 's cho goirid 's a bha an t-strì bha call mòr ann. Chaill Earra-Ghaidheal 600 agus Màr 800, nam measg Iarla Srath Mhòir agus ceann-cinnidh òg Chloinn Raghnaill.

Saighdearan ainmeil
Tha e iongantach an taic a fhuair Màr air Ghaidhealtachd a dh'aindeoin 's an ainm a bh' aige mar thòin-chlòdhach (turn-coat). B' e 'Bobbing John' a theirte ris air sgàth 's gun robh e sia tursan air atharrachadh ùmhlachd. Bha cuid ag ràdh gun robh e air taobh nan Stiùbhartach a chionn 's nach tug Rìgh Deòrsa dreuchd dha anns an riaghaltas. Ge bith dè an t-adhbhar bha e eudmhor air an taobh aig an àm seo agus bha na Gaidheil cho mòr an aghaidh an Riaghaltais agus gun gabhadh iad ri ceannard sam bith.

Cha b' e saighdear ainmeil a bh' ann am Màr ach bha comas-labhairt aige a bha mìorbhaileach. Ron bhatal thug e òraid mhòr mhisneachail seachad agus chaidh a ràdh aig an àm gum b' e seo an aon ghnìomh cheart a rinn e a-riamh. Cha robh comas aige air òrdugh ceart a thoirt anns a' bhatal agus mur b' e cho eudmhor 's a bha na cinnidhean fhèin tha teagamh ann am biodh e air a dhol a shabaid idir.

Bha dùil aig Màr ri barrachd cuideachaidh bho Sheumas. Nuair thàinig seo bha a' chùis ro fhada. B' e saighdear agus seanalair gaisgeil a bh' ann an Earra-Ghaidheal. Bha fhios aige nach robh na h-àireamhan a bh' aig na Gaidheil aige ach bha fheachd ann an deagh òrdugh agus bha spèis aca dha. Ach an ath là cha robh cìocras mhòr sam bith air feuchainn ri buaidh a thoirt a-mach ged a thill iad a thogail creiche - buill-airm agus breacain nan Gaidheal. Anns an leabhar 'Bàrdachd Sìlis na Ceapaich' tha cunntas air a thoirt air gaisgich eile a bh' anns a' bhlàr ged is ann gu mòr bho thaobh nan Stiùbhartach a tha na cunntasan seo.

Gnìomhan
1. Saoil carson a chaidh Rìgh Seumas II fhògradh?
2. Saoil carson tha àireamhan eadar-dhealaichte air an toirt seachad anns a' chunntas?
3. Leugh tuilleadh mun bhatal agus feuch an tèid agad air dealbh a dhèanamh agus cunntas beag a sgrìobhadh.
4a) Dè a chanadh tu a tha a' bhàrdachd Bheurla a' dèanamh?
4b) Saoil dè an seòrsa neach a sgrìobh i?
5. Nad bheachd-sa, an robh an òraid a thug Màr seachad ron bhatal cudthromach? Thoir adhbhar seachad.

Cothrom rannsachaidh
1. Dèan rannsachaidh air Aonadh nan Crùn (1603) agus Aonadh nam Pàrlamaid (1707).
2. Lorg a-mach dè a bh' ann an 'Crann-Tàra'.
3. Leugh bàrdachd Sìlis na Ceapaich agus sgrìobh sìos ainmean nan gaisgeach a tha i a' moladh.

Sgeulachdan
Chaidh Ailean MacMhicAilein a mharbhadh anns a' bhatal. Tha cunntas againn gun do stad pàirt de a bhuidheann nuair chunnaic iad seo ach gun do dh'èigh Alasdair Dubh à Gleann Garaidh riutha, 'an-diugh, dìoghaltas, a-màireach, caoidh'. Tha e air aithris cuideachd gun d' fhuair Ailean ro-shealladh air a bhàs agus gum b' e fear de dhaoine fhèin a mharbh e is nach b' e an nàmhaid, fear aig an robh diomb dha.

Buaidh a' bhatail
Tha eachdraidh ag aontachadh nach do bhuannaich taobh seach taobh am batal seo. Ach, dhan Riaghaltas bha e cho math ri buaidh; chùm e Màr air an taobh tuath den Tatha agus chaidh dàil ann an adhbhar nan Stiùbhartach. Ghabh na Gaidheil uimhir de ghràin air Màr airson a neo-chomasachd is gun do dh'fhàg mìltean dhiubh. Mar sin nuair a thàinig Seumas às an Fhraing bha a' chùis a-cheana caillte. Cha do dh'fhuirich Seumas ann an Alba ach dà mhìos. Nuair a dh'fhalbh e a-rithist theich Màr na chois. Bha e a' coimhead mar gu feumadh Alba a bhith riaraichte le Deòrsa.

Ach mar a sheallas eachdraidh an dèidh seo cha b' ann mar sin a bha idir.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD