GRD > Faidhle Eachdraidh > Caistealan > Caisteal Dhùn Bheagain
Caisteal Chiosmuil clouds
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Caisteal Dhùn Bheagain
Eachdraidh

Tha Caisteal Dhùn Bheagain air a bhith ann an teaghlach MhicLeòid o 1200 agus an-diugh tha Iain MacLeòid, ceann-feadhna nan Leòdach a' fuireach ann.

'S ann air eilean beag a tha e air thogail air an iar-thuath den Eilean Sgitheanach. An toiseach chan fhaighear thuige ach bhon mhuir ach tha drochaid a-nise tarsainn air 'allt' a bha uaireigin na staing. 'S e beagan fiosrachaidh a th' againn mu chaisteal sam bith air an làraich seo ann an linntean fad às ged a tha an t-ainm 'Dùn Bhegan' a' samhlachadh toiseach Lochlannach agus gu dearbha bho shuidheachadh a' chaisteil dh'fhaodadh gun robh togalach air choreigin ann ann an Linn an Iarainn.

Bha na Lochlannaich air seilbh a ghabhail air an Eilean Sgitheanach anns an 12mh linn. Mu 1231 b' e Leòd an ceann-feadhna a bh' air an oighreachd agus tha e coltach gur e ogha do Rìgh Mhanainn agus nan Eilean a bh' ann. B' ann ann an 1266 a chaidh Eilean Mhanainn agus na h-Eileanan Siar a-null chun a' Chrùin. 'S iongantach mur a b' e Leòd no a mhac, Tormod, a ghabh Dùn Bheagan mar dhachaigh a' chinnidh.

Chan eil fhios le cinnt dè an seòrsa caisteil a bh' ann aig an àm sin. Chithear fhathast pàirt de chlachaireachd caisteal na 13mh linne. Ged a tha cunntas againn air eachdraidh nan Leòdach 's e glè bheag den sin a tha ag innse dhuinn mu dè a bha a' gabhail àite am broinn a' chaisteil.

Tha aon sgeulachd againn mu bhorbachd nan Leòdach nuair a dh'òrdaich an 5mh ceann-feadhna gun deigheadh an dithis fhear a bha a' suirghe air a chlann-nighean a shadail thar balla a' chaisteil gu am bàs. Tha cunntas againn cuideachd air Alasdair Crotach, ceann-feadhna anns an 16mh linn, a thog tùr nan sìthichean agus a rinn mòran airson na h-ealain a bhrosnachadh. B' e duine foghlamaichte a bh' ann an Alasdair agus b' e a mhisnich clann Mhic Cruimein gu colaiste phìobaireachd fhosgladh ann am Boraraig. 'S dòcha gur e uaigh fhèin a tha a' sealltainn nas fheàrr na càil sam bith eile an ùidh a bh' aige anns na h-ealain. Tha i ri faicinn ann an Eaglais Naomh Chliamhain ann an Roghadal na Hearadh. Chaidh a crìochnachadh ann an 1528, 18 bliadhna ro a bhàs agus 's i an eisimpleir as fheàrr air snaidheadh cloiche anns na h-eileanan an iar.

Bha eachdraidh a' chaisteil gu math buaireasach an dèidh àm Alasdair le freumhan den teaghlach a' dleasadh còir air agus a' mort a chèile ri linn. Nuair a thàinig Ruairidh Mòr gu bhith na cheann-feadhna ann an 1595 shìthich a' chòmhstri a bha eadar buill an teaghlaich agus fhuair esan cuideachd air sìth a dhèanamh eadar na Leòdaich - agus na Dòmhnallaich. Rinn e cuirm mhòr anns a' chaisteal ann an 1601 agus thug e cuireadh do na Dòmhnallaich thuice. Sheas a' chuirm seo fad seachdain agus chaidh ainm Ruairidh fad is farsaing airson na chaidh de fhìon òl. Ann an 1625 bha fiachan £509 air airson fìon a-mhàin.

B' ann aig an àm seo a thàinig na soithichean ainmeil sin chun a' chaisteil - Cupa Dhùn Bheagain agus an Còrn a ghabhas aon liotair agus a bha aig gach oighre ri thraoghadh nuair thigeadh e gu aois. Mu àm Ruairidh Mhòir bha a' Ghaidhealtachd gu ìre bho smachd an Riaghaltais agus chaidh leasachaidhean a dhèanamh ris a' chaisteal agus àirneis a chur ann a bha a rèir fasan an là.

Bha dòigh-beatha an teaghlaich gan cur ann am fiachan gu math tric. Anns an t-17mh linn bha na Leòdaich a' toirt an taic dha Cromwell agus chuir feachd Chromwell fad a' gheamhraidh seachad anns a' chaisteal ann an 1654-55. Nuair a thàinig Iain Breac gu bhith na cheann-feadhna anns an 18mh linn bha uimhir de fhiachan air an teaghlach agus gun do rinn esan inntinn suas seo a phàigheadh agus an teaghlach a chur air bun-stèidh ceart an àite a dhol an lùib ar-a-mach nan Stiùbhartach. Chaidh aige air sin a dhèanamh agus rinn e leasachaidhean mòra ris a ' chaisteal na là.

Nuair a bha teaghlaichean eile a' caitheamh an cuid a' toirt taic do na Stiùbhartaich bha Caisteal Dhùn Bheagain mar ionad ealain. Bha pìobaireachd, ceòl na clàrsaich, sgeulachdan agus òrain rin cluinntinn anns a' chaisteal agus luchd-ealain bho air feadh na dùthcha a' tadhal. Bha seo mar Linn an Àigh agus gun mòran ghuth air trioblaidean na dùthcha. Chaidil Dr Johnson agus Seumas Boswell ann an Dùn Bheagan nuair bha iad air an turas iomraiteach do na h-eileanan ann an 1773 agus thadhal Sir Walter Scott ann ann an 1814.

Chan eil càil a bheir sealladh cho math dhuinn air na bha dol anns a' chaisteal ri bàrdachd Màiri Nighean Alasdair Ruaidh agus bàrdachd a' Chlàrsair Dhoill.

Ach, 's dòcha gur ann aig deireadh na 20mh is toiseach na 21mh linne a dh'fhoillsich ceann-feadhna nan Leòdach an dòigh a b' annasaiche buileach air airgead a thogail - dòigh a chuir fearg mhòr air na Sgitheanaich is air muinntir na Gaidhealtachd 's nan Eilean. Chuir e sanas do na pàipearan-naidheachd gun robh e dol a reic pàirt den Chuileann is e a' lorg ceannaiche. Bha e ag iarraidh £10 millean not oirre. Ma bha mòran san Eilean Sgitheanach na aghaidh roimhe airson cuingealachdan eile a bha e a' feuchainn ri chur air chois tha a' chùis seo a' dearbhadh gu bheil an ceangal eadar uachdaran is sluagh air briseadh gu tur is gu bheil là mòr nan Leòdach dha-rìribh seachad.

Ailtireachd
Nuair bha Leòd na cheann-feadhna bha balla àrd le aon gheata a' cuairteachadh a' chaisteil. B' e an aon gheata seo an aon dòigh air faighinn a-steach don chaisteal gus an deach fosgladh eile a dhèanamh ann an 1748. 'S iongantach mur e togalach fiodha le tughadh air a bhiodh air taobh a-staigh a' bhalla seo.

Tha an tobar a chithear fhathast air beulaibh a' chaisteil a' dol air ais chun an ama seo. Ron àm seo ('s dòcha 1000 bliadhna ron seo) bhiodh togalach air choreigin air an làraich.

'S e Tùr nan Sìthichean a' chiad thogalach air an urrainn dhuinn deit a chur le cinnt sam bith. Thog Alasdair Crotach seo anns an 16mh linn. Rinn Iain Breac e fhèin, mòran leasachaidhean anns an 17mh linn ach b' ann aig deireadh na h-18mh linne a chur Tormod, an 25mh ceann-feadhna, ceann ùr air a' chaisteal agus a thàinig an cumadh a th' air an-diugh air.

Gnìomhan
1. Saoil carson is ann air eilean beag a bha Caisteal Dhùn Bheagain air a shuidheachadh?
2. Innis dè a bh' ann an 'staing' agus dè an t-adhbhar air a shon.
3. Saoil dè an t-ainm a bh' air na Lochlannaich aig an robh caisteal an seo an toiseach?
4. Saoil ciamar a thàinig an t-ainm 'MacLeòid' air a' chinneadh seo?
5. Carson, nad bheachd-sa, a bha na Leòdaich a' dol ann am fiachan cho tric?

Cothrom rannsachaidh
1. Lorg sgeulachdan mu theaghlach MhicCruimein.
2. Ma gheibh thu cothrom tadhal ann an Eaglais Roghadail gus am faic thu uaigh Alasdair Chrotaich agus uaigh Màiri Nighean Alasdair Ruaidh.
3. Rannsaich carson a dheigheadh an tiodhlacadh ann an Roghadal.
4. Leugh pàirt den bhàrdachd a sgrìobh Màiri Nighean Alasdair Ruaidh agus an Clàrsair Dall mu na Leòdaich agus mun chaisteal.

Annas
Ge bith dè cho doirbh 's a tha uirsgeulan rin creidsinn 's iongantach mur eil tomhas den fhìrinn annta, agus nuair a tha fianais maireann gus daingneachadh na sgeòil chan urrainn a chur an suarachas buileach. Sin mar a tha a' bhratach-sìthe a tha air a ghlèidheadh gu cùramach anns a' chaisteal. Tha e coltach gun do phòs aon de chinn-feadhna nan Leòdach bean-shìthe ach nach fhaodadh i fuireach còmhla ris ach fichead bliadhna. Bha aice an uair sin ri tilleadh gu a daoine fhèin. B' ann aig drochaid - Drochaid na Sìthe - faisg air Dùn Bheagan a dhealaich iad agus a rèir na sgeòil thug i a' bhratach-sìthe dha an sin. Dh'innis i dha gun robh cumhachd aig a' bhratach na Leòdaich a dhìon bho chunnart nan deigheadh a sgaoileadh - ach chan fhaodar a sgaoileadh ach trì uairean a-mhàin. Tha eachdraidh ag innse gun do chuidich a' bhratach seo na Leòdaich dà uair mu thràth ge bith an tèid a cur gu feum tuilleadh. A thuilleadh oirre sin tha iomadh sgeulachd eile am measg nan Leòdach mun bhratach seo.

An caisteal an-diugh
On chaidh an caisteal fhosgladh gu poblach airson luchd-tadhail o chionn còrr agus dà fhichead bliadhna tha àireamh luchd-tadhail air a dhol suas bho ceudan gu mìltean. Chan eil duine a thèid don eilean nach tadhal anns a' chaisteal agus tha e mar gach àite de sheòrsa an-diugh, uidheamaichte le bùth-cofaidh agus liosan airson airgead a dhèanamh.

Ged nach tug na Leòdaich taic don Phrionnsa Teàrlach tha dual den fhalt aige agus aodach ri fhaicinn anns a' chaisteal. 'S e sin agus a' bhratach-sìthe agus còrn Ruairidh Mhòir as inntinniche don luchd-turais. An dèidh nithean luachmhor den t-seòrsa sin, gheibh luchd-turais beagan de chlisgeadh nuair thig iad tarsainn air an Toll Dhubh. Bhiodh prìosanaich air a sadail sìos an seo gus am bàsaicheadh iad - agus tha e fhathast air a chumail mar a bha e anns na h-amannan uabhasach sin.

Tha rum air a chur air leth airson taisbeanadh-ciùil far am faicear pìoban a bh' aig Clann MhicCruimein tro na linntean a thuilleadh air eisimpleirean de Cheòl Mòr. Tha cuirm-chiùil an t-sionnsair-airgid air a cumail gach bliadhna anns a' chaisteal agus cuideachd Fèis Cheòl Clasaigeach. Mar sin tha an caisteal a' cumail ris an t-seann dhualchas mar ionad-ealain.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD