GRD > Faidhle Eachdraidh > Caistealan > Caisteal Dhùn Èidinn
Caisteal Chiosmuil clouds
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Caisteal Dhùn Èidinn
Eachdraidh

Tha Caisteal Dhùn Èidinn air a thogail air creig bholcànach - pàirt den aon chreig agus a th' ann an Arthur's Seat. Ged nach eil e ach 437 troighean a dh'àird tha togalaichean a' chaisteil mar chrùn os cionn baile Dhùn Èidinn.

Thòisich an togalach a' gabhail a' chruth a th' air an-diugh mu dheireadh na 16mh linne ach tha cuid de na togalaichean nach eil ach 200 bliadhna a dh'aois. Tha nithean air a thighinn am follais tro leasachaidhean a tha a' dearbhadh gun robh togalach air a' chreig seo ann an Linn an Iarainn agus tha cunntas againn air aig àm nan Ceilteach mar 'Maidens Castle'. Bha daoine a' fuireach ann rè àm nan Ròmanach cuideachd. Tha sgeulachd a' dol mu luchd-leanmhainn Rìgh Mynyddog ann an 600 AC. Thuirt iadsan gum bàsaicheadh iad ann an seirbheis an rìgh anns an talla air mullach Din Eidyn'.

Nuair a ghabh na h-Anglaich seilbh air ann an 638 thug iad 'Edinburgh' air. Tro na linntean tha eachdraidh a' chaisteil air a bhith cho dlùth-cheangailte ri eachdraidh thrioblaideach na h-Alba agus nach urrainn dhuinn ach beagan innse ann an seo. Tha e coltach gun d' rinn Edwin, Rìgh Northumbria, ath-thogail air choreigin air a' chaisteal anns an 7mh linn agus bha e cuideachd na chaisteal aig Rìgh Calum III aig deireadh na 11mh linne. B' ann an seo a bhàsaich a' bhànrigh Mairead ann an 1093 an dèidh dhi cluinntinn mu bhàs an rìgh agus a mac bu shine.

Tha an togalach as aosta a th' ann an-diugh, an caibeal, mar chuimhneachan oirre ged is dòcha nach deach a thogail gu 1124 nuair a thàinig a mac a b' òige, Daibhidh I, gu bhith na rìgh. Feumar cuimhneachadh, ge-tà, nach robh Dùn Èideann air fhaicinn mar phrìomh-bhaile na h-Alba gu deireadh na meadhan linntean. Ron àm sin b' e am prìomh-bhaile baile sam bith anns an turchradh an rìgh a bhith aig an àm.

B' ann ann an 1107, rè àm Alasdair I, a chaidh fàrdach rìoghail a dhèanamh de chaisteal Dhùn Èidinn gu h-oifigeil. On àm sin b' ann an seo a bhiodh rìghrean na h-Alba a' fuireach nuair bhiodh iad ann an Dùn Èideann. Bho thoiseach na 16mh linne b' fheàrr leotha fuireach ann an Lùchairt Holyrood.

B' ann an 1174 a ghabh na Sasannaich seilbh air a' chaisteal airson a' chiad uair agus bha e aca gu 1313. Ann an 1367 thog Rìgh Daibhidh II tùr dha fhèin air taobh a-staigh ballachan a' chaisteil. Anns an 16mh linn thàinig Dùn Èideann gu bhith na phrìomh-bhaile na h-Alba ach mun àm sin bha an caisteal air a chleachdadh na bu trice mar ghearastan na mar àite-fuirich. B' ann ann an rum beag bochd den chaisteal a rugadh Seumas VI (Seumas I Shasainn) ann an 1566. Nuair thàinig esan gu bhith na rìgh air Sasainn cuideachd ann an 1603 b' e glè bheag de rìghrean a thàinig tuilleadh a dh'fhuireach anns a' chaisteal.

Ann an 1650 ghabh Cromwell seilbh air dha na Cùmhnantaich. Chaidh am Prionnsa Teàrlach a chumail a-mach às ann an 1745 ach chaidh prìosanaich Frangach a chumail ann aig àm Chogaidhean Napoleoin. On àm sin thàinig an caisteal gu bhith na shamhla air nàiseantachd agus na àite far am bi luchd-turais a' tighinn airson mothachadh fhaighinn air eachdraidh na h-Alba. Tha gnothaichean a' chaisteil air an riaghladh le Fear-Coimhid a' chaisteil - dreuchd a chaidh a h-ath-bheothachadh ann an 1936.

Ailtearachd
Chan eil togalaichean a' chaisteil a' toirt dealbh air aon àm ann an eachdraidh ach tha iad a' sealltainn mar a chaidh an togail agus an leasachadh tro na linntean a rèir feumalachdan nan ginealach. 'S e eòlas eachdraidheil a sheallas carson a chaidh an togail agus carson a tha cumadh sònraichte orra.

'S e glè bheag de dh'fhiosrachadh a th' againn mu chumadh a' chaisteil ro àm Bhrus oir leag esan e gu làr. 'S iongantach mur robh e air a chumadh à clachan agus à talamh timcheall air a' chreig. Air taobh a-staigh nam ballachan sin bhiodh togalaichean fiodha. Le leasachaidhean tro na bliadhnaichean dheigheadh ballachan cloiche agus aoil a thogail le turaidean orra an siud is an seo.

Tha caibeal Bànrigh Mairead an ìre mhath mar a chaidh a thogail agus tha feadhainn de na togalaichean eile a' dol air ais gu 1337. Tha fios againn gur e dìreach togalaichean air mullach na creige a bh' anns a' chaisteal anns nam meadhan linntean. 'S ann rè linn Sheumais IV agus nan rìghrean a thàinig às a dhèidh a chaidh na togalaichean a dh'aithnicheas sinn an-diugh a thogail. Bha an caisteal mar bhaile beag dheth fhèin le togalaichean agus goireasan airson feumalachdan na bha a' fuireach ann.

Gnìomhan
1. Ciamar a tha na h-ainmean a bh' air a' chaisteal anns an 7mh linn a' sealltainn dè an cànan a bh' aig na h-uachdarain?
2. Saoil dè na dòighean anns am biodh eachdraidh a' chaisteil dlùth-cheangailte ri eachdraidh na h-Alba?
3. Carson is e glè bheag de rìghrean a bhiodh a' fuireach anns a' chaisteal an dèidh 1603?
4. Smaoinich air a' chaisteal mar bhaile beag agus innis mu na nithean a bhiodh a' gabhail àite air taobh a-staigh a bhallachan.

Cothrom rannsachaidh
1. Lorg a-mach ann an leabhraichean eachdraidh ciamar a fhuair Rìgh Calum III agus a mhac bàs.
2. Lorg leabhrain mu dheidhinn a' chaisteil agus leugh mu na togalaichean inntinneach a tha air taobh a-staigh nam ballachan.
3. Ma bhios tu ann an Dùn Èideann gabh an cothrom rannsachadh pearsanta a dhèanamh air.

Annas
Tha mòran thaibhsean mun chuairt a' chaisteil - drumair gun cheann a' spaideireachd mu na baidealan agus feachd mhòr de shaighdearan ga leantainn, pìobaire a chaidh air chall anns an tunail dìomhair eadar an caisteal agus Lùchairt Holyrood agus eadhan cù a tha adhlaichte ann an cladh nam peata. Bidh iad sin air am faicinn o àm gu àm.

Ged a tha eachdraidh ag innse gun do rugadh Seumas VI anns a' chaisteal tha sgeulachdan a' dol nach b' e Stiùbhartach a bh' anns an leanabh seo idir ach 'Prionnsa riochdaichte'. Chaidh cnàmhan leanaibh a lorg ann an aodach sìoda air cùl ballachan na fàrdaich rìoghail ann an 1830 agus tha daoine den bheachd gum b' e seo an leanabh rìoghail.

An caisteal an-diugh
Tha an caisteal fhathast air a chleachdadh mar ghearastan agus 's ann an seo a tha Museum Seirbheisean Aonaichte na h-Alba agus Museum Nàiseanta a' Chogaidh. Tha mu mhillean luchd-turais a' tadhal anns a' chaisteal gach bliadhna. Tha a' chuid mhòr den luchd-turais sin ann an Dùn Èideann aig àm na Fèise anns an Lùnastal. Tha an caisteal a' tighinn beò dha-rìribh aig an àm seo nuair tha an Tattoo a' dol air adhart air an 'Esplanade' air beulaibh a' chaisteil.

B' ann ann an 1947 a thòisich seo an toiseach. Tha luchd-turais dèidheil air Mons Meg fhaicinn cuideachd. 'S e gunna sèist a tha seo a chaidh a thoirt mar ghibht do Rìgh Seumas II ann an 1457. Tha mòran nithean inntinneach rim faicinn anns an talla mhòr mar shuaicheantasan, culaidhean airm agus suaicheantas rìoghail. Tha Caisteal Dhùn Èidinn dha-rìribh na shuaicheantas airson Alba agus tha eachdraidh na h-Alba air a foillseachadh an seo.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD