|
Caisteal Dhùn Robain
Eachdraidh
'S e Caisteal Dhùn Robain an caisteal as fhaide tuath de
chaistealan na h-Alba agus tha daoine air a bhith a' fuireach
ann on 15mh linn. 'S e cuideachd an caisteal mu dheireadh air
an deach seilbh a ghabhail rè àm cogaidh. 'S e seo
dachaigh sinnsireil teaghlach Shutharlanach, morairean Chataibh.
'S e an tiotal seo - Iarla Chataibh - an dara tiotal as aosta
am measg iarlan na h-Alba. 'S ann bho Normanach - Freskyn de Moravia
- aig àm Daibhidh I, a thàinig an teaghlach seo.
'S iongantach mur tug Rìgh Daibhidh an oighreachd seo dha.
Tha na togalaichean as aosta den chaisteal a' dol air ais gu 1275
ach 's ann bho na leasachaidhean a rinn Raibeart an 6mh Iarla,
aig deireadh na 14mh linne a thug an caisteal ainm.
An coimeas ri caistealan eile ann an Alba, cha
robh eachdraidh glè thrioblaideach aig Caisteal Dhùn
Robain idir. 'S dòcha gun robh e ro fhada tuath airson
ionnsaighean a thoirt air nuair bha caistealan eile gan leagail
gu làr aig àm cogaidh.
Dh'fhaodadh an tiotal, Iarla, a dhol gu mic
no gu nigheanan agus mar sin b' e Gòrdanaich an t-ainm
a bh' air Iarlan Chataibh anns an 15mh linn. Bha Iarlan Chataibh
a-riamh a' toirt taic don Riaghaltas. Nuair a ghabh am Prionnsa
Teàrlach seilbh air Caisteal Dhùn Robain ann an
1746 cha do sheas sin fada gus an d' fhuair an teaghlach air ais
e.
'S dòcha gur e a' Bhana-dhiùc
Ealasaid a b' iomraitich den teaghlach. Cha robh i ach bliadhna
a dh'aois nuair thàinig i a-steach air an oighreachd. Ann
an 1785 phòs i uachdaran à Sasainn, fear den fheadhainn
bu bheartaiche a bh' anns an Roinn Eòrpa aig an àm.
B' e glè bheag de dh'ùine a chaith i ann an Alba
an toiseach. Bu mhòr a b' fheàrr leatha a bhith
am measg uaislean na Roinn Eòrpa. Tha sgeulachd air innse
gum b' ise a thug aodach gu Marie Antoinette airson gum faigheadh
i a-mach às a' phrìosan. B' e Stafford an duine
aice, a' chiad Diùc Chataibh. Le chèile thòisich
iad, anns an 19mh linn, a' dèanamh leasachaidhean air a'
chaisteal agus air an oighreachd gu lèir. Bha an caisteal
agus an teaghlach aig ìre mhòr ann an cumhachd aig
an àm seo. B' ann leotha a bha Siorrachd Chataibh gu lèir
cha mhòr (mu 1,300,000 acair) agus b' e an Diùc
an t-uachdaran bu mhotha a bh' anns an Roinn Eòrpa. Chaidh
oighreachd mhòr eile fhàgail aige-san ann an Sasainn
agus tha e coltach gun robh iad le chèile a' cosnadh £300,000
gach bliadhna bho na h-oighreachdan sin.
Dh'adhbhraich na leasachaidhean a bha iad a'
dèanamh gun deach 5,000 de mhuinntir Chataibh a chur a-mach
às an dachaighean gun iochd gun tròcair. B' e seo
an t-àm ann an eachdraidh ris an canar 'Fuadach nan Gaidheal'.
Bha bàillidh aig a' bhana-dhiùc airson seo a dhèanamh
- Pàdraig Sellar - ainm a chuireas gaoir tro mhuinntir
Chataibh gus an là an-diugh. Ach ged a bha na fuadaichean
cho ceàrr ann an iomadh dòigh rinn a' bhana-dhiùc
leasachaidhean ann an Cataibh a thug linntean gun a thighinn do
Shasainn agus do Ghalldachd na h-Alba. Ged a chaidh mòran
den t-sluagh fhuadach bha an oighreachd agus an caisteal na bu
bheartaiche na gin anns an dùthaich. Thòisich gnìomhachasan
ùra, bha an t-iasgach soirbheachail agus bha dòighean
siubhail na b' fhasa.
Bha an caisteal air a chleachdadh mar ospadal
aig a' chiad agus an dara cogadh agus eadar 1963 agus 1972 na
sgoil phrìbhideach bhalach.
Ailtireachd
'S ann a tha Caisteal Dhùn Robain on taobh a-muigh coltach
ri na caistealan Gearmailteach a chithear ann an leabhraichean
de sgeulachdan sìthe. Air taobh tuath a' chaisteil tha
tùr a chaidh a thogail anns an 14mh linn ach tha beachd
a' dol gun robh tùr an seo anns an 13mh linn. Chan eil
fhios an robh caisteal air an làraich ron àm sin.
Rè na 17mh linne chaidh aitreabh mhòr
dhaingnichte a thogail anns an robh staidhre chruinn. B' ann anns
an 18mh linn agus an 19mh linn a chaidh na togalaichean eile a
chur ris. B' e an ridire Seumas Barry, ailteir Taigh na Pàrlamaid,
a dhealbhaich na chaidh a chur ris a' chaisteal anns an 19mh linn.
Anns an t-seòmar-bidhe chithear mullach a chaidh a dhealbhachadh
anns an Eadailt agus tron chaisteal gu lèir tha dealbhan,
obair-ghrèis agus àirneis a thàinig às
an Roinn Eòrpa.
Chaidh na togalaichean sin a mhilleadh le teine
ann an 1915 nuair a bha an caisteal na ospadal aig an Nèibhidh.
An dèidh a' chiad chogaidh rinn an ridire Raibeart Lorimer
leasachaidhean eile. Dh'atharraich esan am prìomh thùr
agus rinn e sgeadachadh mòr anns na rumannan am broinn
a' chaisteil.
Gnìomhan
1. Mìnich mar a dh'fhaodadh
an caisteal ainm a thoirt bho Dhiùc Raibeirt.
2. Seall nach robh a' Bhana-dhiùc
Ealasaid Gaidhealach na dòighean.
3a. Dè bu choireach cho
soirbheachail agus a bha teaghlach Shutharlanaich?
3b. Dè na nithean a tha
a' sealltainn gun robh iad soirbheachail agus beartach?
Cothrom rannsachaidh
1. Dèan tuilleadh rannsachaidh
air na thachair ann an Cataibh aig àm Fuadach nan Gaidheal.
2. Lorg bàrdachd sam bith
a chaidh a sgrìobhadh aig àm Fuadach nan Gaidheal.
3. Lorg a-mach cò a bh'
ann am Marie Antoinette agus carson a bha i anns a' phrìosan.
Annas
Tha taibhs ann an Dùn Robain mar ann an iomadh caisteal
eile. 'S e an taibhs seo Mairead, nighean an 14mh Iarla a bha
anns a' chaisteal anns an 17mh linn. Thuit Mairead ann an gaol
le fear aig nach robh aont a h-athar. Ghlas e i ann an lobht seach
nach gabhadh i am fear a bha esan a' meas freagarrach. Dìreach
nuair a bha Mairead a' feuchainn ri teicheadh tro uinneag thàinig
a h-athair a-steach don rum. Leis an eagal a ghabh i chaill i
a grèim air an uinneig agus thuit i gu a bàs. Chuir
a leannan, a bha a' feitheamh rithe fon uinneig, a h-athair fo
mhallachd. Sin as coireach gu bheil Mairead ri faicinn fhathast
shuas air an lobht anns a' chaisteal agus i a' gal airson a leannain
agus airson mar a chaidh a beatha a gheàrradh às
cho obann.
An caisteal an-diugh
Tha na mìltean de luchd-turais a' tadhal air a' chaisteal
gach bliadhna. Tha iad a' tighinn airson na tha am broinn a' chaisteil
fhèin fhaicinn ach cuideachd airson a' mhuseum agus nan
liosan a tha mun cuairt air. Tha a h-uile nì anns a' chaisteal
- na seòmraichean, na soithichean, an àirneis, an
t-aodach - air an cur air dòigh gus dealbh a thoirt seachad
air dòigh-beatha ann an linn Bànrigh Bhictoria.
Tha einnsean-smàlaidh bhon 19mh linn
ri fhaicinn cuideachd. Anns a' mhuseum chithear cruinneachaidhean
de nithean annasach a bh' aig an teaghlach tro na linntean. Tha
na liosan gan leasachadh gach bliadhna airson feuchainn rin dèanamh
coltach ri mar a bha iad ann an 1850 nuair chuir an t-ailtire
Barry air dòigh iad.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|