|
Caisteal Dhùntuilm
Eachdraidh
B' ann aig Dòmhnallaich Shlèite a bha Caisteal Dhùntuilm
agus bha e air a thogail air rubha ann an ceann a tuath an Eilean
Sgìtheanaich. Tha eachdraidh ag innse gur ann air seann
làrach, 's dòcha a' dol air ais gu Linn an Iarainn,
a chaidh an caisteal a thogail anns na Meadhan Linntean.
Tha cunntas ann cuideachd gun robh an t-ainm
'Dùn Dhaibhidh' air a' chaisteal agus gun robh seo a chionn
's gun robh e na dhachaigh aig na Lochlannaich nuair bha seilbh
aca air na h-eileanan. Nuair a chaill na Lochlannaich an t-ùghdarras
seo an dèidh Cùmhnant Pheairt ann an 1266 b' iomadh
uachdaran a ghabh seilbh air a' chaisteal agus air fearann Throndairnis
gu h-àraidh Tighearna nan Eilean agus Morairean Rois.
Airson a' chuid mhòr den ùine
bha e aig na Leòdaich mar bhasaillean Rois. B' ann aig
an àm seo a thugar an t-ainm Dùntulm air. Mu 1476
bha Iain, Tighearna nan Eilean, gu mòr fo bhuaidh an rìgh
ach nuair thàinig a mhac, Aonghas Òg, gu ìre bha
e airson a chòir-bhreith fhaighinn air ais. Ann an 1482
thug e ionnsaigh air Trondairnis agus ghabh e seilbh air a' chaisteal.
Nuair a bhàsaich Aonghas Òg ann an 1490 ghabh bràthair
athar, Uisdean à Slèite, seilbh air an oighreachd.
Chunnaic na Leòdaich gun robh cothrom aca fhèin
a-nise feuchainn ri Trondairnis fhaighinn air ais dhaibh fhèin
agus fhuair iad sin - chaidh Trondairnis agus Caisteal Dhùntuilm
a chur air seilbh Torcaill MhicLeòid às na Hearadh.
Tron 16mh linn bha an Crùn a' tighinn
a-steach dha na buairidhean a bha eadar na Leòdaich agus
na Dòmhnallaich mun chaisteal agus mun fhearann airson
feuchainn ri smachd a chumail orra. Ach lean na buairidhean agus
mu dheireadh chaidh loingeas a chur air dòigh ann an 1540
airson seòladh chun nan eilean. Bha an rìgh fhèin,
Seumas V, air bòrd. Chòrd an caisteal ris agus mhol
e tuilleadh leasachaidhean a bhith air a dhèanamh air.
Ma chaidh sin a dhèanamh cha do mhair e fada oir tha cunntas
againn, uaireigin eadar 1577 agus 1595 gun robh an caisteal gun
cheann agus falamh.
Tro na bliadhnaichean suas chun na 17mh linne
bha na Dòmhnallaich agus na Leòdaich a' sabaid mun
chaisteal agus mun fhearann. Ann an 1618 chaidh cùisean
a rèiteach gu ìre nuair chaidh cùmhnant sgrìobhte
a dhèanamh eadar Dòmhnall Gorm Òg Shlèite
agus Ruairidh MacLeòid. Phàigh na Dòmhnallaich
suim shònraichte do Ruairidh agus a rèir na cùmhnaint
dh'fheumadh na Dòmhnallaich an dachaigh a dhèanamh
ann an Dùntulm. Dh'aontaich Dòmhnall Gorm Òg ri
seo agus thòisich e a' cur leasachaidhean mòra air
adhart.
Air sgàth staid na làraich an-diugh
chan eil e furasta fios a bhith againn dè na leasachaidhean
a chaidh a dhèanamh anns na bliadhnaichean sin. Tha cunntas
againn air cuid de na nithean uabhasach a thachair anns a' chaisteal
- daoine gan cur dhan toll dhubh agus gam fàgail ann gus
am bàsaicheadh iad.
Tha eachdraidh cuideachd ag innse mu choinneamh
anns a' chaisteal aig an robh Sir Iain MacLeòid Dhùn
Bheagain, Sir Lachlan MacFhionghain an t-Sratha, Iarla Shìophoirt,
Alasdair MacGilleCaluim, Ratharsair agus Dòmhnall Dòmhnallach
Shlèite. B' e adhbhar na coinneimh dòigh cur às
do phòidsearachd! Thòisich cùisean a' fàs
na bu shìtheile. Ghabh na Dòmhnallaich Clann MhicArtair
mar phìobairean agus tha cunntas againn air cuirmean-ciùil
a' gabhail àite anns a' chaisteal. Ach ged a bha Dùntulm
mar sin bha na Dòmhnallaich fhathast a' gluasad gu taighean
mòra eile mar a bh' aca ann an Armadal.
Bha na Dòmhnallaich a' toirt taic do
na Seumasaich agus tha cunntas againn air fèis-dannsa a
bhith air a chumail ann an Dùntulm an oidhche ro ar-a-mach
1715. Chaill na Dòmhnallaich an caisteal an dèidh
sin, agus 's e 1732 an cunntas mu dheireadh a th' againn air mar
dhachaigh nan Dòmhnallach. An dèidh seo thòisichear
ga leagail airson taigh mòr ùr ann an Mogastad.
Mar sin b' e eachdraidh gu math buaireasach a bh' aig Dùntulm
agus a' chuid mhòr den sin air sgàth 's na strì
a bha eadar Dòmhnallaich agus Leòdaich an Eilein
Sgìtheanaich.
Ailtireachd
Air sgàth is cho beag agus a tha air fhàgail den
chaisteal chan urrainn fiosrachadh mun ailtireachd a bhith ach
gann. Bha e air a thogail air rubha 30m os cionn na mara - deagh
àite gearastain. Bheir an corra dhealbh a th' againn den
chaisteal, ged nach eil iad glè mhath, beachd air an t-seòrsa
cumaidh a bh' air.
Tha cunntas againn cuideachd gun robh dealbh
de bhìrlinn Chloinn Dòmhnaill air obrachadh ri taobh
uinneige agus gun robh staidhre chas air taobh a-muigh a' chaisteil.
Tha e coltach gun robh dà uinneag mhòr ann air dà
thaobh den chaisteal far am biodh duine air faire. Ri muir-làn
bhiodh an caisteal air eilean air falbh bhon tìr. 'S iongantach
mur robh togalaichean a' chaisteil air taobh a-staigh balla turaideach
ach mar a chaidh clachan a thoirt às airson Taigh Mhogastaid
tha e doirbh a ràdh.
Gnìomhan
1. Leugh an cunntas air eachdraidh
a' chaisteil a-rithist agus seall gun robh rudan uabhasach a'
gabhail àite ann agus cuideachd rudan mar a dh'fhaodadh
tachairt ann an caistealan an-diugh.
2. Seall ri mapa den Eilean Sgitheanach,
lorg far a bheil Caisteal Dhùntuilm agus feuch ri obrachadh
a-mach dè a tha an t-ainm a' ciallachadh.
3. Carson a dheigheadh an caisteal
a thoirt do Thorcaill MacLeòid às na Hearadh sa
15mh linn?
Cothrom rannsachaidh
1. Lorg fhèin dealbhan sam
bith den chaisteal.
2. Dèan tuilleadh rannsachaidh
air na buairidhean a bha eadar Dòmhnallaich agus Leòdaich
an Eilein Sgitheanaich.
Annas
'S e taibhsean nan Dòmhnallach fhèin a tha rim faicinn
agus rin cluinntinn ann an Dùntulm. Bha fear de chinn-feadhna
nan Dòmhnallach, Dòmhnall Gorm Mòr, airson
a bhean a chur bhuaithe agus sùil aige ann an tèile.
Chuir e dhachaigh i gu Dùn Bheagan (b' i piuthar MhicLeòid).
Bha i air sùil a chall ann an tubaist roimhe seo agus airson
a tàmailt a dhèanamh na bu mhiosa chuir e i air
falbh air each còmhla ri searbhant agus cù. Cha
robh anns gach creutair sin ach aon sùil an urra. Chaidh
na Leòdaich às an ciall agus bha iomadh batal eatorra
ri linn seo. Tha e coltach gu bheil Mairead bhochd fhèin
ri faicinn a' dol tron chaisteal a' gul. Tha cuid ag ràdh
gun tàinig dìoghaltas air na Dòmhnallaich
nuair thuit leanabh bho uinneag à gàirdeanan banaltraim
gu a bhàs. Chaidh an nurs a pheanasachadh gu goirt airson
a mì-fhaicill agus cluinnear ise a' sgiamhail cuideachd.
An caisteal an-diugh
Air sgàth agus mar a bha na bh' air fhàgail den
chaisteal a' crìonadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh
ghabh Comhairle an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse
a-null e ann an 1993. Tha iad air prògram leasachaidh a
chur air dòigh ach bheir sin iomadh bliadhna agus tha e
doirbh smaoineachadh air dè na ghabhas a leasachadh a dhèanamh
air. A dh'aindeoin staid a' chaisteil tha gu leòr luchd-turais
ga thadhal. Tha suidheachadh a' chaisteil cho brèagha agus
's dòcha gu bheil sin fhèin gan tàladh.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|