|
Caisteal Inbhir Lòchaidh
Eachdraidh
Tha Caisteal Inbhir Lòchaidh dà mhìle tuath
air baile a' Ghearasdain. Ged nach eil ann ach làrach lom
an-diugh tha eachdraidh gu math iomraiteach agus buaireatach co-cheangailte
ris a' chaisteal seo. Tha e soilleir bhon dòigh-togail
agus a' chlachaireachd gur e caisteal aost a tha seo - co-dhiù
cho fada air ais ann an eachdraidh ri linn Eideird I à
Sasainn. Tha e coltach gur ann leis an teaghlach Comyn a bha e
anns an 14mh linn agus b' iadsan fìor luchd-taic Eideird.
Ach tha beul-aithris a' toirt cunntas gun robh
caisteal ann an Inbhir Lòchaidh roimhe sin agus gum biodh
rìghrean agus uaislean na Roinn Eòrpa a' coinneachadh
ann airson gnothaichean eatorra fhèin a chur air dòigh
- nàdar de àrd-choinneamh mar a bhios a' dol air
adhart an-diugh aig sluagh poileataigeach. Chan eil fhios dè
cho fìrinneach agus a tha an sgeul sin. 'S iongantach mur
robh togalach mòr air choreigin ann fada air ais ann an
eachdraidh. Tha eachdraidh a' chaisteil ag iadhadh trì
linntean - bho Chogaidhean Saoraidh na h-Alba gu Cogaidhean Mhontròis
anns an 17mh linn.
Gheibhear tòrr den eachdraidh sin ann
am bàrdachd Iain Lom Dhòmhnallaich. Ann an 1431
chaidh batal fuilteach a chur faisg air Inbhir Lòchaidh
eadar na Dòmhnallaich agus feachd Iarla Mhàrr agus
Chataich. Bha seo air sgàth 's gun do chuir an rìgh,
Seumas I, Tighearna nan Eilean dhan phrìosan, aig beag
adhbhar am beachd nan Dòmhnallach. Chuir na Dòmhnallaich
ruaig air an nàimhdean agus chaill an t-Iarla Catach a
bheatha. B' ann an dèidh a' bhatail seo a chaidh an t-òran
'Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh' a sgrìobhadh.
Ann an 1645 chaidh batal mòr eile a chur an seo eadar na
Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich. B'
e seo am batal mun do sgrìobh Iain Lom a' bhàrdachd,
'Là Inbhir Lòchaidh'.
Dhìrich
mi moch madainn Dòmhnaich
Gu bràigh Caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi an t-arm dol an òrdugh,
'S bha buaidh a' bhlàir le Clann Dòmhnaill.
B' e Montròs an t-àrd-oifigeir
a bh' aig Rìgh Teàrlach I ann an Alba aig an àm
seo agus mar sin bha e fhèin agus na Dòmhnallaich
càirdeil ri chèile. Thog Montròs agus arm
creach ann an Earra-Ghaidheal agus air sgàth seo a-mach
a ghabh na Caimbeulaich às an dèidh. Choinnich an
dà arm ri chèile aig Inbhir Lòchaidh. Chaill
na Caimbeulaich - chaidh mu 1500 dhiubh a mharbhadh anns a' bhatal.
Theich MacCailein, Iarla Earra-Ghaidheil agus ruaig na Dòmhnallaich
na Caimbeulaich eile. Sgrìobh Bhaltar Scott mun bhatal
seo cuideachd anns an leabhar 'A Legend of Montrose'. Ach ged
a tha bàrdachd Iain Luim a' toirt cunntas dhuinn air batail
is laoich 's e bàrdachd eile, 'Còmhradh eadar fear-turais
agus seann Chaisteal Inbhir Lòchaidh' as fheàrr
a tha a' toirt sealladh dhuinn air nithean a bha a' gabhail àite
am broinn a' chaisteil.
Bha uair a bha mi àlainn
ùr,
Rìghrean is flaithean ann am mhùr.
Anns a' bhàrdachd seo
tha an caisteal ag innse mu na h-atharrachaidhean a tha air a
thighinn air ach tha e cuideachd ag ràdh:
Gum faicear mise nam thaigh rìgh
Mun tig an saoghal seo gu crìch.
Ailtireachd
Ged a tha an caisteal na làrach tha e furasta beachd a
ghabhail air dè an seòrsa cumaidh a bh' air. Bha
e mar chaistealan Sasannach le ballachan tiugha air an robh turaidean
cruinn aig gach oisinn agus clais uisge mun cuairt air. Cha robh
fosglaidhean airson shaigheadan ann am balla a' chaisteil fhèin
idir mar a bhiodh ann am feadhainn eile. B' ann anns na turaidean
a bha na fosglaidhean seo. Bha dà gheata a' dol thuige
- aon a' fosgladh gu Abhainn Lòchaidh.
Gnìomhan
1a. Saoil dè na gnothaichean
air am bitear a' beachdachadh aig àrd-choinneamhan Inbhir
Lòchaidh?
1b. Saoil an robh an leithid de
choinneamhan ann co-dhiù? Thoir adhbhar seachad airson
do bheachd.
2. Leugh na rannan bàrdachd
a leanas agus sgrìobh mu dhòigh-beatha anns a' chaisteal.
A Thalla
nan triath,
As am b' àbhaist bhith triall
Cinn-fheadhna nan laoch 's nan sàr;
Aite-còmhnaidh nan rìgh
Is maithean na tìr;
Cha till iad a-rithist gu bràth.
Chan
eil gleusadh air pìob,
Chaill a' chlàrsach a clì,
Na teudan air dhìth gun seòl;
Chan eil nì mar a bhà,
Na th' air fhàgail gun stàth,
Gun fhèist is gun tràghadh nan còrn.
3. Nad bheachd-sa,
an robh fosglaidhean nan saighead na b' fheàrr a bhith
ann am balla a' chaisteil no anns na na turaidean? Thoir adhbhar
seachad.
4. Saoil carson a bha geata a'
fosgladh gu Abhainn Lòchaidh?
5. Carson a bhiodh cumadh Sasannach
air Caisteal Inbhir Lòchaidh?
Cothrom rannsachaidh
1. Leugh a' chuid as fhasa de bhàrdachd
Iain Luim gus am faigh thu beachd air eachdraidh na dùthcha
aig an àm.
2. Ma gheibh thu cothrom èist
ris an òran 'Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh'.
Annas
A thuilleadh air na batail fuilteach a bha air an cur faisg air
Caisteal Inbhir Lòchaidh bha nithean oillteil a' tachairt
na bhroinn cuideachd. Aig toiseach cùise nuair bha an caisteal
aig na Comanaich (Comyn) phòs an t-Iarla tè òg
de na Dòmhnallaich. Bha an t-Iarla na sheann duine aig
an àm agus bha dithis mhac aige. Air oidhche na bainnse
bha e a' faireachdainn cho sgìth agus gun do dh'iarr e
air a mhac bu shine a dhol a chadal còmhla ri bean na bainnse.
Chuala athair na h-ighne seo agus thuirt e rithe i sgreuch a leigeil
nam brathadh e oirre. Cha robh fada gus an cuala e sgreuch. Leum
e a-steach don t-seòmar agus thug e an ceann bho mhac an
Iarla. Bha am bràthair a b' òige faisg air làimh
agus nuair chuala esan an sgreuch chaidh e fhèin a-steach
don rum. Chaill esan a cheann mar a chaill a bhràthair.
Anns a' mhadainn nuair dhùisg am bodach chunnaic e cinn
a mhic air beulaibh a' chaisteil. Ghabh e an t-eagal agus ruith
e le bheatha gu Cill Chuimein. Agus tha e coltach gur ann mar
sin a fhuair am baile sin ainm.
An caisteal an-diugh
Tha Caisteal Inbhir Lòchaidh na làrach agus chan
eil e ceadaichte do luchd-turais a dhol na bhroinn. Tha e fo chùram
'Historic Scotland' agus tha a' bhuidheann seo ga leasachadh gu
ìre an-dràsta. Tha taigh-òsta mòr
brèagha faisg air air a bheil an t-ainm Caisteal Inbhir
Lòchaidh. 'S e fìor uaislean a bhios a' tadhal an
seo no uaislean an t-saoghail pop agus film, leithid Mel Gibson
is Liam Neeson. Chaidh a thogail an lùib sgeama rainsidh
anns na 1950'an - 'The Great Glen Cattle Ranch'.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|