GRD > Faidhle Eachdraidh > Caistealan > Caisteal Inbhir Nis
Caisteal Chiosmuil clouds
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Caisteal Inbhir Nis
Eachdraidh

Chan eil fios le cinnt càite an robh a' chiad chaisteal ann an Inbhir Nis. Tha beachd laìdir a' dol gun do thog Rìgh Brude gearastan anns an 6mh linn air Creag Phàdraig mu mhìle a-mach à bhaile Inbhir Nis. Bha sin a' samhlachadh gum b' e Inbhir Nis prìomh-bhaile a rìoghachd agus 's dòcha gur ann à sin a thàinig an tiotal a chluinnear gu math tric anns a' Bheurla - Capital of the Highlands.

Co-dhiù b' ann chun a' chaisteil seo a thàinig Colum Cille a thadhal air Rìgh Brude ann an 565.

Chan eil guth tuilleadh ann an eachdraidh air caisteal ann an Inbhir Nis gus an cluinn sinn mun chaisteal a bh' aig MacBheatha. Bha an caisteal seo air a thogail air cnoc ris an canar Cnoc a' Chrùin agus a rèir eachdraidh b' ann an seo a chaidh Rìgh Donnchadh a mhort ann an 1039. Leag mac Dhonnchaidh, Calum a' Chinn Mhòir, an caisteal seo gu talamh agus thog e caisteal eile dha fhèin ann an 1057. Tha Caisteal Inbhir Nis mar a dh'aithnicheas sinn an-diugh e air a thogail air an aon làraich seo. Tha sràid ann an ceàrnaidh a' Chrùin air a bheil an t-ainm 'Auldcastle Road' agus 's iongantach mur a bheil seo a' dol air ais gu àm Chaisteal MhicBheatha.

Rè na Meadhan Linntean bhiodh rìghrean na h-Alba a' fuireach ann an Caisteal Inbhir Nis nuair bhiodh iad a' tadhal no air iomairt aig tuath. Tha cunntas againn gun robh caisteal cloiche aig Rìgh Daibhidh ann an Inbhir Nis mu 1135. Ann an 1303 ghabh feachd Eideard I à Sasainn an caisteal a-null ach fhuair Raibeart Brus air ais e ann an 1307.

Chùm Rìgh Seumas I pàrlamaid anns a' chaisteal ann an 1427 agus thug e cuireadh don h-uile baran agus ceann-feadhna aig tuath a thighinn chun seo. Ghabh Tighearna nan Eilean seilbh air a' bhaile agus air a' chaisteal ann an 1455 agus chaidh Morair Hunndaidh a chur mar fhear-riaghlaidh air ann an 1508. Chaidh iarraidh air tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh airson an caisteal a neartachadh.

Anns an 16mh linn chaidh Màiri à Guise a chumail na prìosanach anns a' chaisteal. Bha seo air sgàth gun robh Iarla Ghallaibh a' cur às a leth gun robh i a' dìon fhear-reubainn.

'S iomadh uair a thuit an caisteal ann an làmhan eadar-dhealaichte rè Cogaidhean Saoraidh na h-Alba.

Ann an 1562 nuair bha Màiri Stiùbhart air chuairt ann an Inbhir Nis chaidh iarraidh oirre gun a cas a chur a-steach air doras a' chaisteil. Chuir i an oidhche seachad ann an taigh air Sràid na Drochaid. Dh'atharraich riaghladair a' chaisteil inntinn an ath là agus leig e a-steach i. Bha na cinnidhean a bha dìleas do Mhàiri - Na Frisealaich, Clann an Tòisich agus na Rothaich - cho feargach mun tachartas seo agus gun tàinig iad le feachd chun a' chaisteil. Ghabh iad a-null e agus chaidh am fear-riaghlaidh a chur gu bàs.

B' e Inbhir Nis prìomh-àros nan Cùmhnantach agus bha ùidh mhòr aig Tòmas Cromwell ann cuideachd bho 1652 gu 1657. Thog e tùr mhòr faisg air a' chaladh ach chaidh seo a leagail gu talamh nuair thàinig Teàrlach II gu bhith na rìgh ann an 1660.

Nuair a bha na Seumasaich ag èirigh an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach na h-18mh linne thuit an caisteal nan làmhan-san ach cha robh e fada gus an do ghabh na Hanobharanaich seilbh air.

An dèidh ar-a-mach 1715 rinn Seanailear Wade leasachadh mòr air ach ann an 1746 dh'òrdaich am Prionnsa Teàrlach gun deigheadh an caisteal a leagail gu talamh gus nach fhaigheadh na Hanobharanaich e. Dh'òrdaich e aon de na saighdearan Frangach aige teine a chur ris a' chaisteal. Chaidh an saighdear seo a mharbhadh anns an ùpraid ach sguab cumhachd an fhùdair-gunna an cù aige don abhainn. Thàrr an cù bochd às ach a-mhàin gun do chaill e earball.

On uair sin gu 1834 bha an caisteal na làrach fhalamh. Bhiodh luchd-togail ga chleachdadh mar chuaraidh agus bha pàirt dheth cuideachd aig breabadairean. Ann an 1934 chaidh an làrach a ghlanadh agus chaidh tòiseachadh air togail a' chaisteil is aithne dhuinn an-diugh. Chaidh a thogail ann an dà phàirt agus bha an obair deiseil ann an 1846.

Ailtireachd
'S iongantach mur e togalaichean de fhiodh agus de ùir a bh' ann an Inbhir Nis an toiseach oir tha caisteal Rìgh Dhaibhidh air ainmeachadh gu sònraichte mar chaisteal cloiche. 'S cinnteach gur iomadh leasachadh a chaidh a dhèanamh bho dheireadh na 14mh linne gu toiseach na 15mh linne. Tha cunntasan clàraichte airson nam bliadhnachan 1412 gu 1415 a' sealltainn gun deach turaidean a chur air agus balla a chur mun chuairt air còmhla ri leasachaidhean eile. Chan eil càil ri fhaicinn dhe na seann chaistealan an-diugh ach staidhre gu Sràid a' Chaisteil agus tobar a thàinig am follais an dèidh maoim-slèibhe ann an 1909. B' e fear, Uilleam Burn, à Dùn Èideann, a dheilbhich a' chiad pàirt a chaidh a thogail ann an 1834. 'S e clach-ghainmhich dhearg a th' anns an togalach agus aig an àm sin chosg e £10,000 a chur an àirde. B' e seo an taigh-chùirt. Tha cumadh an taigh-chùirt seo fhathast dìreach mar a bha e an uair sin - na leth chearcall. B' e Tòmas MacIlledhuinn a dheilbhich an dara pàirt den chaisteal ann an 1846 agus tha an tùr ochd-cheàrnach aige-san a' tighinn glè mhath air tùr chruinn Bhurn. Tha balla turaideach a' ceangal an dà pàirt seo den chaisteal ri chèile.

Gnìomhan
1. Dèan loidhne-tìm a' tòiseachadh aig 565 a' sealltainn an liuthad 'uachdaran' aig an robh seilbh air Caisteal Inbhir Nis gus an là an-diugh.
2. Dè a tha a' sealltainn gur h-iongantach mur robh Inbhir Nis na àite gu math cudthromach tro na linntean?
3. Saoil carson a thug Rìgh Seumas I cuireadh do dh'uaislean a' chinne-tuath gu Caisteal Inbhir Nis ann an 1427?
4. Carson nach deach cead a thoirt do Mhàiri Stiùbhart fuireach anns a' chaisteal?

Cothrom rannsachaidh
1. Lorg a-mach carson a chaidh Colum Cille a thadhal air Rìgh Brude agus mu chàil sam bith annasach a thachair.
2. Lorg fiosrachadh anns an dealbh-chluich 'Macbeth' mu na h-adhbharan airson Rìgh Donnchadh a bhith air a mhort.
3. Leugh tuilleadh mu Sheanailear Wade agus sgrìobh beagan mu leasachaidhean eile a rinn e ann an Alba.
4. Ciamar a thàinig saighdear Frangach gu bhith ann an Inbhir Nis ann an 1745?

Annas
Anns na linntean a dh'fhalbh bha na h-uaislean cho borb ann an Inbhir Nis agus nach robh suim sam bith aca de neach nach b' urrainn cuideachadh air an fhearann no bith-bèo a dhèanamh dha fhèin. Mus tàinig àm Taighean nam Bochd bhiodh an fheadhainn a bha lag-inntinneach air an cur a-steach do chladhain fon talamh shìos aig beul na h-aibhne. Bha biadh agus deoch ga cur thuca bhon chaisteal ach cha robh mòran frithealaidh eile air a dhèanamh orra.

Nuair dh'èireadh an abhainn leis an làn thigeadh an t-uisge sin a-steach don chladhan far an robh na bochdan. Bha fear de na bochdan sin air an robh an t-ainm 'Coise Fliuche' air sgàth mar a bha e a' gearain gach uair a thigeadh an làn. Tha cuid den bheachd gu bheil am manadh aige ri chluinntinn fhathast ri àm muir-làn timcheall a' chaisteil.

An caisteal an-diugh
'S e oifisean a th' anns a' mhòr-chuid den chaisteal an-diugh - oifisean comhairle, oifisean nam poileas agus taigh-cùirt.

Ged a tha an t-seann chumadh air a' phrìomh rum-cùirt chaidh leasachadh a dhèanamh air ann an 1983. Chaidh cumail ri pàirt den stoidhle a bh' air bho thùs. Chaidh leasachadh mòr a dhèanamh air mullach a' chaisteil agus air na ballachan anns na bliadhnachan mu dheireadh oir bha iad air crìonadh ach dh'fheuch an luchd-leasachaidh ri seo a dhèanamh cho fad 's a ghabhadh a rèir na seann stoidhle.

Chan eil e ceadaichte do luchd-turais a dhol air feadh a' chaisteil idir ach bidh taisbeanadh beag eachdraidheil ann am pàirt dheth a h-uile samhradh. A dh'aindeoin sin 's fhiach do neach a dhol suas thuige agus suidhe air suidheachan a' gabhail tlachd às na seallaidhean àlainn mun cuairt.

Tha an carragh-cuimhne a th' air taobh a-muigh a' chaisteil a' tàladh mòran luchd-turais thuige. 'S e seo carragh-cuimhne do Fionnghal NicDhòmhnaill a bha cho dìleas don Phrionnsa Teàrlach ann an 1746.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD