|
Caisteal Leòdhais
Eachdraidh
Tha Caisteal Leòdhais air a thogail air taobh tuath caladh
Steòrnabhaigh ann an sealladh a' bhaile. 'S e togalach
àlainn a th' ann suidhichte am measg chraobhan agus o chaidh
a thogail ann an 1847 tha e air a bhith an teis-mheadhan eachdraidh
agus thachartasan a' bhaile.
Ach cha b' e seo a' chiad chaisteal a bh' ann
an Steòrnabhagh idir. Nuair bha Clann MhicLeòid
nan cinn-feadhna ann an Leòdhas bhon 14mh gus an 16mh linn
bha caisteal ann an Steòrnabhagh. B' ann air creig ann
an caladh Steòrnabhaigh a bha an caisteal seo agus chaidh
a leagail nuair chaidh cidhe a dhèanamh an sin is nuair
bha cumhachd nan Leòdach gu mòr air crìonadh.
Bha na Leòdaich a' sabaid nam measg fhèin agus ri
na Fìobhaich airson a' chaisteil agus na h-oighreachd tron
15mh agus 16mh linntean. B' e fear dhiubh ris an canar Niall Odhar
bu choireach ri tòrr de na buairidhean a bha dol air adhart.
An dèidh bàs Nèill Odhair
ann an 1613 thàinig mòran den aimhreit gu crìch
agus fhuair na Sìophortaich, Clann MhicChoinnich Chinn
Tàile, ùghdarras ann an Leòdhas. B' e Loidse
Shìophoirt dachaigh Chloinn 'ic Choinnich agus b' ann air
an làraich sin no mar leasachadh air an togalach sin a
thàinig Caisteal Leòdhais gu bith. Thàinig
ùghdarras Chloinn 'ic Choinnich gu crìch ann an
1815.
Chaidh an t-eilean a reic ris an Ridire Seumas
MacMhathain ann an 1844. Bha MacMhathain air fhortan a dhèanamh
ann am malairt opium. Ged a bha Clann 'ic Choinnich air adhartas
a dhèanamh ann an Leòdhas an lùib an iasgaich
bha bochdainn mhòr ann nuair a thàinig MacMhathain
agus cha robh ùidh sam bith aige-san anns an iasgach. B'
e sgeama airson caisteal a thogail a' chiad rud anns an deach
e an sàs. Chaidh tòiseachadh air a' chaisteal seo
agus air coillteachadh mu thimcheall air ann an 1847. Chaidh clach-buinn
a' chaisteil a stèidheachadh le Ruairidh Moireasdan a bh'
air ceann nan saor-chlachairean anns a' bhaile.
A thuilleadh air a' chaisteal chaidh loidseachan-seilge
a thogail air feadh an eilein. Chaidh taighean-glainne a thogail
an cois a' chaisteil far an robh planntraisean agus lusan annasach
a thug MacMhathain às an àird an ear. Am broinn
a' chaisteil bha àirneis agus obair-ghrèis den t-seòrsa
bu daoire a bha ri fhaighinn aig an àm. Tha e coltach gun
do chosg an caisteal £100,000. An dèidh bàs
MhicMhathain fhèin cha robh teachd-a-steach ann airson
an oighreachd a ruith agus ann an 1918, chaidh Leòdhas
agus an caisteal a reic ri Morair Leverhulme.
Nuair a fhuair Leverhulme an caisteal thòisich
e a' cur a dhreach fhèin air. Chuir e àirneis ùr
do gach rum agus bha e gu math cùramach gum biodh dathan
a' tighinn air a chèile. Rinn e an seòmar-dainns
na bu mhotha agus chuir e dealan, teasachadh, fònaichean,
glagan agus seòmairean-cadail a bharrachd dhan chaisteal.
Bha dùil aige an togalach fhèin a leasachadh agus
a leudachadh ach cha deach seo air adhart idir. Rinn e cuideachd
raon teanais.
Tha eachdraidh eilein Leòdhais bho 1918
gu 1922 dlùth cheangailte ri Leverhulme. B' ann bhon chaisteal
a bha e a' riaghladh a chùisean ach ged a bha na nithean
sin a' dol air adhart tron là b' ann air an oidhche a bha
an caisteal a' tighinn beò. Cha mhòr gun robh oidhche
nach robh rudeigin a' dol air adhart ann - cuirmean, bàllaichean
no dannsan. Tha cunntas againn gun robh bàlla mòr
anns a' chaisteal air 11 Lunastal 1918 aig an robh 140 neach bho
Loidse nan Saor-chlachairean agus bàlla eile an ath oidhche
aig an robh 200. Chaidh aoigheachd a thoirt do oifigearan an Nèibhidh
an ath sheachdain an dèidh seo. A h-uile uair a bhiodh
soitheach mhòr no duine uasal sam bith ann an Steòrnabhagh
bha am Morair ga chleachdadh mar leisgeul airson bàlla
eile. Chan fhacas a leithid a-riamh ann an Steòrnabhagh
agus daoine mòr a' bhaile ag eudach ri chèile ach
cò a gheibheadh cuireadh. Bha pìobaire aige a dh'aon
ghnothach airson nan cuirmean seo agus bha òrain gu leòr
a' dol - ann an Gàidhlig agus am Beurla.
Sin mar a lean cùisean ann an Caisteal
Leòdhais gus an do dh'fhàg am Morair Leverhulme
an caisteal agus an t-eilean aig Urras Steòrnabhaigh ann
an 1923. Ged a dh'fhàg am Morair Leverhulme an caisteal
aig Urras Steòrnabhaigh cha robh de dh'airgead aca a chumadh
suas e. Airson grunnan bhliadhnachan bha e air mhàl aig
a' Bhaintighearna Portarlington rè seasan nam bradan. Aig
àm a' chogaidh bha e na ospadal aig an Nèibhidh.
An dèidh a' chogaidh chaidh na taighean-glainne a leagail
agus bha planaichean ann airson taigh-òsta a dhèanamh
dheth ach cha deach seo air adhart.
Ailtireachd
'S e stoidhle Tùdorach a th' air Caisteal Leòdhais
agus eadhon bhon taobh a-muigh aithnichear gur ann airson dachaigh
a chaidh a thogail agus nach b' ann airson dìon. B' e fear
Teàrlach MacUilleim, a chaidh a thaghadh mar ailtire nuair
chaidh tòiseachadh air a' chaisteal ann an 1847. Bha e
ainmeil mar ailtire ann an Glaschu.
Tha trì ùrlaran anns a' phrìomh
thogalach le tùir agus barrabhalla agus 's ann de chloich-ghràin
ghlais a tha e air a dhèanamh. Chan eil taobh a-staigh
a' chaisteil idir cho eireachdail ris an taobh a-muigh.
Gnìomhan
1a. Cia mheud caisteal (mu bheil
fiosrachadh againn) a bh' ann an Leòdhas?
1b. Co aige a bha na caistealan
seo?
2. Dè an dachaigh a bh'
aig Clann 'ic Choinnich nuair bha iad ann an Leòdhas?
3a. Ciamar a chaidh aig an Ridire
Seumas MacMhathain air Leòdhas a cheannach?
3b. Dè do bheachd air a'
chosnadh a bh' aige?
4. Saoil ciamar a bha muinntir
Leòdhais a' faireachdainn nuair thòisich e a' togail
a' chaisteil. Thoir adhhar seachad.
5. Sgrìobh beagan mu na
bha dol air adhart anns a' chaisteal ri linn Morair Leverhulme.
Cothrom rannsachaidh
1. Dèan rannsachadh air
eachdraidh Leòdhais ri linn nan Leòdach le bhith
a' leughadh an leabhar, 'Na Fìobhaich'.
2. Leugh an leabhar, 'Coinneach
Odhar', gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn Chloinn Choinnich
Chinn Tàile.
3. Lorg tuilleadh mu na rinn am
Morair Leverhulme nuair bha e ann an Leòdhas agus mu na
h-adhbharan a thug air Leòdhas fhàgail.
Annas
Cha b' e a-mhàin uaislean a' bhaile a bhiodh a' faighinn
cuireadh gu dannsan a' chaisteil. Bha am Morair Leverhulme a'
dèanamh a dhìchill ris a h-uile duine a riarachadh.
Tha sgeulachd air innse mu dhrungair sònraichte a fhuair
cuireadh aon oidhche. Spleogaig e e fhèin air dhòigh
is nach aithnichear bho na h-uaislean e agus chaith e an oidhche
ann an cuideachd bean-uasal à Sasainn. Nuair dh'fhaighnich
i dheth dè an obair anns an robh e an sàs thuirt
e rithe gur e fear-gnothaich a bh' ann co-cheangailte ris an 'Stag
Inn'. Dh'aontaich i a choinneachadh an ath Shàbaid ach
mus tàinig an t-àm bha i air rannsachadh a dhèanamh
agus air tuigsinn dè dha-rìribh an ceangal a bh'
aige ris an 'Stag Inn'! Chleachd esan seo mar leisgeul airson
tuilleadh òl a dhèanamh, agus cha tigeadh smid
às ach 'unrequited love' airson làithean an dèidh
an dainns.
An caisteal an-diugh
Tha cuid de na lusan a chuir MacMhathain gan toirt air falbh an-diugh
is craobhan eile gan cur nan àite. Ann an 1954 chaidh an
caisteal fhosgladh mar sgoil theicnigeach bhalach agus lean e
mar sin gus an do dh'fhosgail e mar àrd-sgoil do bhalaich
agus caileagan anns na 1970 an. Nuair chaidh togalach a' chaisteil
fhosgladh mar sgoil bha cùrsaichean colaiste a' dol air
adhart ann an togalaichean eile ri taobh a' chaisteil.
Ann an 1988 nuair bha Comhairle nan Eilean a'
dèanamh sgrùdadh air a' chruth-thogail mhothaich
iad do nithean a bha ga fhàgail na chunnart. Mar sin chaidh
an sgoil a ghluasad a-mach às agus tha an caisteal air
a bhith an ìre mhath falamh on àm sin. Ach tha na
togalaichean a tha ri taobh a' chaisteil a' dol fon ainm, Colaiste
a' Chaisteil, is tha a' cholaiste seo na pàirt de dh'Oilthigh
na Gaidhealtachd 's nan Eilean far a bheilear a' teagaisg chùrsaichean
ceum, nam measg cùrsa B.A. ann an Gàidhlig.
A thaobh a' chaisteil fhèin, thathas
air ballachan a neartachadh agus air tomhas de leasachadh a dhèanamh
air an togalach agus tha còmhraidhean a' dol air adhart
mu dè a tha dol a thachairt don chaisteal. Tha an caisteal
a-nise na thogalach clàraichte aig ìre A agus ged
a tha e a' cur feum air a bhith air a leasachadh 's math as fhiach
sin a dhèanamh oir tha e dlùth cheangailte ri eachdraidh
agus cultar Eilean Leòdhais.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|