GRD > Faidhle Eachdraidh > Caistealan > Caisteal Shruighlea
Caisteal Chiosmuil clouds
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Caisteal Shruighlea
Eachdraidh

'S e Caisteal Shruighlea aon de na caistealan as brèagha a th' ann an Alba, aon chuid air sgàth a shuidheachaidh agus ailtireachd. Tro na linntean tha e air a bhith an teis mheadhan thachartasan nàiseanta ach tha an eachdraidh sin cho farsaing agus nach urrainnear ach beagan innse an seo.

Tha iomradh gun robh feachd Ròmanach Agricola ann an caisteal an seo ann an 81-2AC ach 's ann bhon 12mh linn a tha cunntas cheart sam bith againn mu dheidhinn. Bha e na ghearasdan cumhachdach airson 600 bliadhna bhon 12mh linn gun 18mh linn.

Gus an deach drochaidean a thogail tarsainn air Abhainn Foirbhe b' e Caisteal Shruighlea an 'geata gu tuath'. Bha an trafaig eadar a' Ghalldachd agus a' Ghaidhealtachd a' dol an taobh sin.

Na shuidheachadh tha e coltach ri Caisteal Dhùn Èidinn. Air sgàth a shuidheachaidh cuideachd chaidh iomadh batal mòr a chur faisg air no air a shon - Drochaid Shruighlea (1297), An Eaglais Bhreac (1298), Allt a' Bhonnaich (1314), Sauchieburn (1488), Sliabh an t-Siorraim (1715), An Eaglais Bhreac (1745).

'S ann ri linn Rìgh Alasdair I (1107-24) a tha a' chiad chunntas againn de chaisteal ann an Sruighlea ach chan eil lorg sam bith air caisteal Rìgh Alasdair an-diugh. B' e Caisteal Shruighlea dachaigh Uilleim the Lion (1165-1214) agus b' e esan a shuidhich Kings Park mar aonad seilge rìoghail. Nuair chaidh Uilleam a thoirt na phrìosanach aig Alnwick ann an 1174 chaidh Caisteal Shruighlea agus ceithir caistealan eile a ghabhail a-null le na Sasannaich mus fhaigheadh e às. Cheannaich Alba Caisteal Shruighlea air ais ann an 1189 agus b' ann ann a bhàsaich Uilleam ann an 1214.

Bha an caisteal air leth cudthromach rè Cogaidhean Saoraidh na h-Alba anns an 13mh agus an 14mh linntean. Tha e coltach gun robh seachd 'uachdarain' eadar-dhealaichte air anns na bliadhnaichean sin. Ann an 1296 ghabh Eideard I à Sasainn seilbh air ach fhuair Uilleam Ualas air ais e an dèidh batal Drochaid Shruighlea ann an 1297. Ann an 1304 b' e an caisteal mu dheireadh a ghèill an dèidh a bhith air a chuairteachadh airson trì mìosan. B' ann an dèidh Blàr Allt a' Bhonnaich (1314) a fhuair Rìgh Raibeart Brus air ais e. Thug e òrdugh pàirt dheth a leagail airson na Sasannaich a chumail a-mach. Fhuair na Sasannaich seilbh air a-rithist ann an 1337 agus ghlèidh iad e airson còig bliadhna nuair fhuair Alba air ais e. B' e seo a' chiad uair a chaidh gunnachan mòra (cannon) a chleachdadh ann an Alba. Bho 1371 gu 1714 bha 16 rìghrean Stiùbhartach air Alba agus chaith iad uile cuid mhath dem beatha ann ged a bha sianar dhiubh nan rìghrean air Sasainn cuideachd.

Mar sin, tha eachdraidh a' chaisteil dlùth cheangailte ri beatha nan Stiùbhartach a cheart cho math ri eachdraidh na dùthcha. B' e Caisteal Shruighlea dachaigh nan Stiùbhartach - rugadh iad an seo agus bhàsaich iad an seo, chuir iad a' chuid mhòr dem beatha seachad ann - a' seilg, a' sleaghadaireachd, a' cumail chuirmean agus ri droch nithean cuideachd. Dh'fhàs an caisteal rè àm nan Stiùbhartach gu bhith na dhachaigh bhrèagha rìoghail. Thog Seumas IV balla làidir turaideach timcheall a' chaisteil, talla mòr le còig àiteachan teine, ceithir staidhreachan agus lobht airson luchd-ciùil. Bhiodh rudan annasach a' tachairt anns a' chaisteal aig an àm. Bhrosnaich an rìgh fear, Abaid Tongland, gu feuchainn ri sgiathalaich bho thuraidean a' chaisteil. Bha sgiathan de dh'itean circe air. Bha an duine bochd fortanach - thuit e do dh'òcrach agus cha do bhris e ach aon chnàmh na chorp. Tha e coltach gun do chuir Tongland a' choire air na h-itean circe. "Nam b' e itean iolaire a bhiodh orm bhithinn air a' chùis a dhèanamh", thuirt e.

Thog Seumas IV cuideachd caibeal rìoghail far am biodh cuirmean-ciùil a' gabhail àite. Chaidh leasachadh a dhèanamh air an togalach seo ann an 1594. Nuair bhàsaich Seumas IV aig Flodden chaidh a mhac, agus e na leanabh, a thoirt chun a' chaibeil rìoghail airson a chrùnadh. Lean Seumas V air le na leasachaidhean air an do thòisich athair. Bha esan pòsta dà uair, aig bana-Fhrangach agus tha cumadh Frangach air cuid den chaisteal. Air a thaobh a-muigh tha carraighean-cuimhne - nam measg fear den t-Sàtan agus de Sheumas V fhèin.

B' ann anns a' chaisteal sin cuideachd a chrùnadh Màiri Stiùbhart agus i fhèin na leanabh agus b' ann gu Sruighlea a thill i na bantraich às an Fhraing. Ann an 1603 nuair chaidh an dà chrùn ri chèile cha robh uimhir de cheangal eadar Sruighlea agus na rìghrean agus chaidh a chleachdadh gu math tric mar ghearastan. Bha e cudthromach mar sin fhèin. Gu dearbha chaidh leasachaidhean mòra a dhèanamh air an dèidh seo airson a dhaingneachadh mar ghearastan.

Bha sùil nan Seumasach air anns an 18mh linn ach an dèidh Bliadhna Theàrlaich chaidh an dòchas sin gu làr. Ann an 1790 chaidh taigh-feachd oifigeil a dhèanamh dheth agus ann an 1881 ghabh rèisimeid Earra Ghaidheil is Chataibh a-null e agus bha e aca gu 1964. Aig àm a' chiad agus an dara cogaidh bha rèisimeidean eile air an uidheamachadh bho stòir a' chaisteil.

Ailtireachd
Tha an caisteal air a thogail air creig bholcànach. Faodar a bhith cinnteach gur e togalaichean fiodha le mullaich tughaidh a bh' anns a' chiad chaisteal. Tha fios againn gun robh caibeal cloiche an seo ann an 1124 ach chan eil lorg air càil den sin an-diugh.

B' e Rìgh Seumas IV agus a mhac Seumas V bu mhotha a rinn de leasachadh air a' chaisteal nuair chaidh lùchairt ann an stoidhle 'Renaissance' a chur ris. B' e clachairean Frangach a thàinig a dh'Alba a dh'aon ghnothaich a thog seo. Ged a chaidh na togalaichean atharrachadh gu ìre nuair thàinig an caisteal gu bhith na thaigh-feachd ghlèidh sin fhèin e gun tuiteam.

An-diugh thatar a' feuchainn ri leasachaidhean a dhèanamh a tha a' cumail ris an t-seann stoidhle. Ged is e glè bheag den àirneis agus den t-seann sgeadachadh a th' air fhàgail am broinn a' chaisteil tha teintean àlainn agus taisbeanadh de chinn rìghrean, bhànrighrean agus charactaran às a' Bhìoball agus à uirsgeulan ann a tha iongantach.

Gnìomhan
1. Saoil carson a thuirt Abaid Tongland gum biodh itean iolaire air a bhith na b' fheàrr na itean circe?
2. Carson nach robh uimhir de cheangal eadar Sruighlea agus na rìghrean an dèidh 1603?
3. Seall gun robh ceangal eadar Alba agus an Fhraing anns an 16mh agus an 17mh linntean.

Cothrom rannsachaidh
1. Feuch dè am fiosrachadh a gheibh thu air na batail a th' air an ainmeachadh aig toiseach a' chunntais.
2. Leugh cunntas air Cogaidhean Saoraidh na h-Alba agus mar a bha an caisteal an lùib nan cogaidhean sin.
3. Feuch an urrainn dhut na 16 Stiùbhartaich a bha a' riaghladh Alba bho 1371 gu 1714 ainmeachadh.
4. Dèan rannsachadh mionaideach air aon de na cuspairean a leanas:
a) an caisteal mar ghearastan
b) an caisteal mar lùchairt rìoghail
c) dòigh-beatha nam Meadhan Linntean anns a' chaisteal
d) an caisteal mar thaigh-feachd
e) an caisteal ga atharrachadh agus ga leasachadh.
5. Dèan rannsachadh air dè an seòrsa rèisimeid a bh' ann an Rèisimeid Earra-Ghaidheil is Chataibh.
6. Faigh tuilleadh a-mach mu shleaghadaireachd agus sgrìobh mu dheidhinn no dèan dealbh den tachartas.

Annas
'S e taibhsean uaine agus pinc a th' ann an Caisteal Shruighlea. Tha an tè phinc ri faicinn eadar an caisteal agus eaglais a tha faisg air làimh. 'S ann a' lorg a cèile a tha i. Chaidh esan a chur gu bàs anns a' chaisteal nuair a thug Eideard ionnsaigh air.

'S e aon de mhaighdeannan Màiri Stiùbhairt a th' anns an tè uaine. Tha e coltach gun do shàbhail i a' bhànrigh uair agus an leabaidh aice na teine. Gach uair a chithear ise bidh dùil ri tubaist uabhasach air choreigin - mar as trice co-cheangailte ri teine.

An caisteal an-diugh
Tha an caisteal air a bhith ga leasachadh bho 1964 agus bidh sin a' dol air adhart airson iomadh bliadhna fhathast oir thatar a' feuchainn ris na ghabhas den eachdraidh fhollaiseach a chumail. Mar sin, ged a tha an caisteal fosgailte do luchd-turais bidh pàirt dheth dùinte bho àm gu àm. Tha mu chairteal a mhillean ga thadhal gach bliadhna.

Tha taisbeanadh inntinneach mu rèisimeid Earra Ghaidheil is Chataibh fosgailte an-còmhnaidh am broinn a' chaisteil. 'S ann le 'Historic Scotland' a tha an caisteal a-nise agus tha a' bhuidheann seo air duilleagan-obrach is stuthan eile a dheasachadh airson turas don chaisteal a dhèanamh nas inntinnich do sgoilearan. Gheibh buidhnean à sgoiltean a-steach an-asgaidh ma leigeas iad fios ro làimh gu bheil iad a' tighinn.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD