|
Ainmean-àite
Cunntas
Tha àitichean ann an Alba air an ainmean fhaighinn bho
mheasgachadh de chànanan oir bha buaidh aig treubhan eadar-dhealaichte
air cultar agus air cànan na h-Alba a-nuas tro na linntean.
An uair a thig àireamh mhòr de dhaoine às
àite eile a-steach do dhùthaich, bheir seo buaidh
air cànan agus dòigh-beatha na dùthcha sin.
Sin mar a thachair air Gaidhealtachd Alba an uair a thòisich
na Lochlannaich a' dèanamh ionnsaighean do na h-Eileanan
an iar agus don Ghaidhealtachd aig deireadh na h-ochdamh linne.
Tha gu leòr ainmean-àite Gàidhlig
anns na h-eileanan ach tha gu leòr ann cuideachd a thàinig
thugainn bho na Lochlannaich. Tha e uaireannan furasta gu leòr
faighinn a-mach dè a' chiall a tha aig na h-ainmean, ach
uaireannan eile, tha an t-ainm air atharrachadh bhon ainm Lochlannach
gu bloigh den ainm, còmhla ri faclan Gàidhlig no
Beurla no eile. Mar as fhaide tuath a tha duine a' fuireach, 's
ann as buailtiche dha a bhith a' fuireach ann am baile le ainm
Lochlannach, oir b' ann mu thuath bu mhò a bha buaidh aig
na Lochlannaich.
Tha gu leòr de ainmean nan eilean beaga
air an toirt bhon chànan Lochlannach - m.e. 's e -ey a'
mhìr den chànan Lochlannach a tha a' ciallachadh
'eilean'. Tha seo air tighinn do ainmean nan eilean mar -aigh,
no -eigh - m.e. Beàrnaraigh. Air an aon dòigh, tha
-bhal a' ciallachadh 'beinn'. Gheibh sinn sin an ainmean bheanntan
mar Heabhal.
Tha feadhainn de ainmean bhailtean a tha nas
duilghe am mìneachadh, ach glè thric, tha ainmean
dhaoine air an cur còmhla ri facal eile - m.e. Horgabost.
'S e tac no tuath a bha am facal 'bolstadr' a' ciallachadh. Tha
sin air tighinn thugainne mar 'bost'. Thathar den bheachd gur
e ainm duine a bha ann an 'Horg' agus mar sin, bhiodh ainm a'
bhaile a' ciallachadh 'an tuath aig Horg'. Dh'fhaodadh seo a bhith
ceart, oir an uair a bha na Lochlannaich a' tighinn gu àite
ùr, bha iad an toiseach a' toirt ionnsaigh air an àite.
Bha glè thric feadhainn dhiubh a' fuireach anns an àite
agus a' faighinn pìos talmhainn dhaibh fhèin. Bha
an t-àite an uair sin air ainmeachadh às an dèidh.
Tha àitean eile againn ann an Gàidhlig
a fhuair an ainm air sàilleabh nan Lochlannach a bhith
san àite. Mar eisimpleir, fhuair 'Innse Gall' an t-ainm
oir b' e eileanan dhaoine Gallda a bh' ann airson greis - eileanan
nan Lochlannach. Fhuair 'Gallaibh' ann an ceann-a-tuath Alba an
t-ainm air an aon dòigh.
Tuilleadh fiosrachaidh
Gu h-ìseal, chì thu iomadh mìr-fhacal a thàinig
on chànan Lochlannach, mar a tha e sgrìobhte againn
an-diugh agus cuideachd, dè a' chiall a tha aige sa Ghàidhlig.
| Facal Lochlannach |
Ciall |
A' Ghàidhlig |
| bolstadr |
tuath |
-bost |
| nes |
rubha |
-nis |
| vagr |
bàgh |
-bhagh |
| dalr |
gleann |
-dail |
| arn |
solas |
arn- |
| fjall |
beinn |
-bhal; -al |
| setr |
àite-feurach |
-siadar |
| vik |
bàgh |
-uig, -aig |
| ay/ey |
eilean |
-aigh |
| lax |
bradan |
lacas- |
| borg |
dùn |
borgh |
| vatr |
uisge |
-bhat |
Gnìomhan:
1a.
A bheil daoine sa chumantas eòlach air ciall ainmean-àite
na sgìre aca, agus air eachdraidh nan ainmean sin?
b.
A bheil e feumail do dhaoine a bhith eòlach air a leithid?
Dè do bheachd?
2.
Sgrìobh cunntas mu ainmean bailtean na sgìre agad
fhèin.
Cothrom rannsachaidh:
1. Tha iomadh mìr-fhacal Lochlannach
air a thoirt dhut gu h-àrd. Cuir ainm-àite is aithne
dhut mu choinneimh a h-ochd dhuibh agus faigh a-mach a bheil an
t-ainm freagarrach don àite.
2. Faigh a-mach mu na Lochlannaich
- cuin a thàinig iad a dh'Alba; an robh iad san sgìre
agad fhèin; an do dh'fhuirich iad fada, etc.
Iomradh
Cha robh an talamh anns na dùthchannan Lochlannach furasta
àiteach oir bha tòrr chraobhan, bheanntan agus òban
ann. Bha e doirbh dhaibh a bhith beò, agus gu h-àraidh
mar a bha daoine a' fàs lìonmhor. Bha na Lochlannaich
math air tuathanachas, ach bha iad cuideachd math air a' mhuir.
Mar sin, thòisich iad a' falbh a-null thar chuan a lorg
talamh eile dhaibh fhèin. Chithear a' bhuaidh a bha aig
na Lochlannaich air na h-àitean don deach iad ann an coltas
nan daoine, ann an cuid de dh'ainmean dhaoine, ach gu h-àraidh
ann an ainmean-àite.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|