|
An t-Iasgach san Iar
Cunntas
Suas chun na 18mh linne, bha a' mhòr-chuid den iasgach
air A' Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan air a dhèanamh
dìreach airson daoine a chumail beò. Bhiodh daoine
a' dol a dh'iasgach ann am bàtaichean beaga, agus ghlacadh
iad trosg, langa, saoithein is sgadan. Bha baraille làn
de sgadan saillte aig a' mhòr-chuid de theaghlaichean,
a chumadh biadh riutha fad na bliadhna. Corra uair, ghlacaiste
barrachd sgadain 's a bha dhìth air na daoine agus dheigheadh
sin a reic ri bàtaichean a bhiodh a' tadhal aig port.
B' ann anns an 19mh linn a thòisich daoine
ri iasgach airson cosnadh, oir bha feum aca air obair agus cuideachd
bha an cothrom aca iasgach a dhèanamh. Bha iasgach mòr
ga dhèanamh air sgadan ann an Cataibh - a' mhòr-chuid
dheth air a reic thall thairis. Thòisich an uair sin bàtaichean
a' chost an ear air iasgach an sgadain fad an t-samhraidh. Bha
buaidh mhòr aig an iasgach seo air an taobh an iar, oir
bhiodh ceudan de dhaoine às na h-Eileanan a' faighinn obair
ràitheil gach bliadhna air a' chost an ear aig àm
iasgach an sgadain. Mhair seo suas gu 1914. Chaidh aig feadhainn
de sgiobaidhean anns an iar-thuath air bàtaichean na bu
mhò a cheannach, agus mar sin b' urrainn dhaibh fhèin
a dhol a dh'iasgach an sgadain, seach a bhith ag obair do dhaoine
eile, agus bha iad a' faighinn deagh chosnadh às.
Thàinig an leasachadh bu mhò air
iasgach an sgadain an dèidh 1840, an uair a thòisich
iasgach ann an uisgeachan domhainn a' Chuain Sgìth. Bha
an t-iasgach seo a' tòiseachadh a h-uile bliadhna anns
a' Chèitean agus a' leantainn air chun na Sultain. Chaidh
tòrr stèiseanan a suidheachadh le ciùrairean
aig iomadh port air taobh an ear Leòdhais sìos gu
Barraigh. B' urrainn do bhàtaichean a bha roimhe seo ag
iasgach a-mach à puirt air tìr-mòr, gluasad
air ais do na h-Eileanan agus iasgach a-mach à sin. A h-uile
madainn bhiodh na bàtaichean a' cur iasg air tìr
a bha ri chutadh, ri phacaigeadh, ri chur ann am picil, airson
a reic aig margaidhean Breatannach agus thall thairis. An dèidh
1850, b' ann chun a' Bhaltaic a bha a' mhòr-chuid den iasg
a' dol. Bho thoiseach na linne seo gu 1914, bha na h-iasgairean
a' faighinn cosnadh math on iasgach.
Ach thòisich iasgach an sgadain a' dol
air ais an dèidh a' chiad chogaidh. Cha robh na margaidhean
mun cuairt air a' Bhaltaic a-nis aig na h-iasgairean agus cuideachd,
cha robh aig iasgairean nan eilean ach na bàtaichean-siùil
a bha aca ron chogadh. Ro 1930, bha gu leòr de na bàtaichean
seo a' fàs dona agus cha robh airgead gu leòr aig
daoine a cheannaicheadh feadhainn ùra. Thòisich
feadhainn a-nis ag iasgach a' ghiomaich le bàtaichean beaga.
Tuilleadh fiosrachaidh
An dèidh 1880, thòisich dòigh ùr iasgaich
- b' e sin tràladh. Bha lìon air a cur gu grunnd
na mara agus an uair a bha an tràlair a' gluasad, bha i
a' tarraing na lìn, a' sgrìobadh leatha an èisg
air a' ghrunnd. B' ann à Obar Dheathain a bha a' mhòr-chuid
de na bàtaichean mar seo a' falbh. Bha iad a' cleachdadh
bhàtaichean-smùid an toiseach agus cha robh iad
a' dol ro fhada bho thìr. Bha iad a' toirt cosnadh math
às an obair seo. Lean an obair seo oirre a' soirbheachadh
gu 1914, an uair a thòisich an cogadh, ach an uair sin,
a chionn 's nach fhaigheadh iad iasgach anns na h-uisgeachan faisg
air làimh no ann an Linne Mhoireibh, b' fheudar dhaibh
tòiseachadh a' dol gu àiteachan ann an ceann-a-tuath
agus an iar-thuath Alba, gu eileanan Faroe agus uaireannan gu
Innis Tile. Dh'fheumadh iad bàtaichean na bu mhò
airson seo, bha e a' toirt barrachd ùine agus bha barrachd
cosgais orra. Bha trioblaidean gu leòr aca eadar an dà
chogadh mhòr, oir chan fhaigheadh iad iasgach far am bu
mhath leotha, ach an dèidh 1945, thog cùisean orra
a-rithist agus tha fhathast bailtean air cost an ear Alba far
a bheil obair an iasgaich a' soirbheachadh.
Gnìomhan:
1. Innis nad fhaclan fhèin
dè na trioblaidean a bha aig iasgairean ann an Alba an
uair a thòisich a' chiad chogadh ann an 1914.
2. Carson a bha iasgairean nan
Eilean agus Na Gaidhealtachd cho fada mus do thòisich iad
air obair an iasgaich?
Cothrom rannsachaidh:
1. Faigh a-mach nas urrainn dhut
mun obair a bhiodh aig 'clann-nighean an sgadain'.
2. B' ann leis an Iarla Shìophoirt
a bha Leòdhas an dèidh 1610 agus rinn esan Steòrnabhagh
na phort-iasgaich. Faigh a-mach tuilleadh mun Iarla agus mun obair
a rinn e ann an Leòdhas.
3. Leugh a' bhàrdachd, 'Clann-nighean
an Sgadain', le Ruaraidh MacThòmais.
Iomradh
Ann an Leòdhas, b' ann air an taobh an iar ann an Loch
Roag a bha an t-iasgach a b' fheàrr; ann an 1794, bha mu
90 bàta aig iasgach an sgadain an sin. Bha sgadan a bha
air a ghreidheadh ann an Loch Roag, air a reic anns an t-Suain.
Eadar 1791 agus 1796 chaidh 14,000 baraille sgadain a-null thairis,
agus reiceadh 20,000 ann am Breatainn; chaidh mu 350 tunna de
throsg agus de langa a-null thairis. Ach cha do shoirbhich iasgach
an sgadain an uair sin mar a dh'fhaodadh e, oir b' ann an lochan
mara a bhathar ag iasgach. Cha robh bàtaichean no lìn
aig na daoine a bha freagarrach airson iasgach aig doimhne.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|