|
Dròbhaireachd
Cunntas
Ron 17mh linn, cha robh rathaidean matha ann an Alba. Bha beagan
rathaidean a' ceangal nam bailtean a bu mhò, mar Dùn
Eideann, Glaschu is Peairt agus bhiodh beagan siubhail ga dhèanamh
orra, ach b' ann air bàtaichean a bha a' mhòr-chuid
de bhathar ga ghiùlan. Bha seo gu h-àraidh fìor
air A' Ghaidhealtachd, gus an do thòisich malairt a' chruidh
anns an 17mh linn - bha an uair sin rathaidean-dròbh fosgailte
eadar bailtean air A' Ghaidhealtachd agus na margaidhean air Ghalltachd.
Bha crodh riamh cudthromach ann an eaconomaidh
na Gaidhealtachd, oir bha duine beartach a rèir 's dè
na bha aige de chrodh. Bhiodh daoine a' goid cruidh, oir bha iad
luachmhor, agus bhiodh iomadh sabaid ann air sàilleabh
sin - duine a' goid bho nàbaidh, no cinneadh bho chinneadh
eile. Suas gu deireadh na 16mh linne, cha robh crodh gan gluasad
ro thric bho bhaile gu baile, ach dìreach airson an toirt
gu àitichean-feuraich ùra, no gu na margaidhean
a bha ann an uair sin, no an uair a bhiodh 'creach' air a bhith
ann agus crodh air an goid.
Dh'fhàs malairt a' chruidh cudthromach
anns an 17mh agus anns an 18mh linn, ach gu h-àraidh san
18mh linn, an uair a thòisich an sluagh a' fàs lìonmhor
mu dheas agus a bha iad a' cur feum air barrachd bìdh -
bha barrachd iarrtais airson feòil-mairt. Thòisich
dròbhairean a' tòirt a' chruidh bhon Ghaidhealtachd
airson an reic air Ghalltachd, agus nas fhaide deas gu Na Crìochan
agus gu margaidhean ann an Sasainn. Ro mheadhan na 18mh linne,
bhiodh mìltean de dhròbhan ann - dròbhan
mòra de chrodh a' dol cho fada deas ri Anglia an Ear.
Cha robh rathaidean an dròbh coltach
ri rathaidean mar a tha againne. Bha na dròbhairean mion-eòlach
air na frith-rathaidean a b' fheàrr tro na beanntan - a'
dol tro bhealaichean agus tro ghlinn. Bha mòran àitichean
air A' Ghaidhealtachd far am bithiste a' cruinneachadh a' chruidh
- àitichean mar Loch an Inbhir, Srath Chonoir, is Drochaid
Laxford - agus bhathar an uair sin a' dròbhadh a' chruidh
gu na margaidhean anns A' Bhlàr Dhubh, ann an Craoibh na
anns An Eaglais Bhric. Bha rathaidean an dròibh a' ceangal
ri chèile nan àitichean anns am biodh na margaidhean.
Thàinig dròbhaireachd gu crìch
an uair a thòisich bàtaichean-smùid agus
rathaidean-iarainn, ach a dh'aindeoin sin, chùm a' mhòr-chuid
de Ghaidheil orra le obair tuathanachais agus cruidh. Tha obair
nan dròbhairean air a toirt gu ar cuimhne fhathast ann
an àitichean a chaidh an ainmeachadh an dèidh na
h-obrach aca m.e. Bealach nam Bò air A' Chomhraich.
Tuilleadh fiosrachaidh
Bhiodh an crodh a' coiseachd suas ri 12 mìle san là
agus dh'fheumadh iad feur is uisge gu leòr fhaighinn air
an rathad, no bhiodh iad ro chaol a' ruighinn nam margaidhean.
Dh'fheumadh iad cuideachd stad airson na h-oidhche ann an àite
math feuraich. Bhiodh an crodh mar bu trice air an cruthadh, ged
a b' e feur a bha fon casan, oir bha iad a' dol astar cho fada.
B' e daoine treuna a dh'fheumadh a bhith anns na dròbhairean,
oir bha iad fhèin a' coiseachd astar fada. B' e min-choirce
agus uisge-beatha a bha glè thric a' cumail an cridhe riutha
air an rathad. Bhiodh iadsan a' cur seachad na h-oidhche a-muigh
air a' mhonadh airson coimhead an dèidh nam beathaichean.
Gnìomhan
1. Saoil ciamar a bha duine 'beartach'
anns an 16mh linn ma bha crodh aige?
2. Carson a thàinig crìoch
air obair na dròbhaireachd an uair a thòisich bàtaichean-smùid?
Cothrom rannsachaidh
1. Faigh a-mach nas urrainn dhut
mun fhèill-chruidh a bhiodh anns An Eaglais Bhric.
2. Feuch ri ainmean-àite
a lorg aig a bheil buntanas ri dròbhaireachd agus innis
mar a fhuair iad an t-ainm.
Iomradh
Uaireannan dh'fheumadh an crodh a dhol ann am bàtaichean,
oir bhiodh iad a' dol bho eilean gu tìr-mòr. Mar
eisimpleir, bha aon rathad-dròbh a' dol bhon Ath Leathann
san Eilean Sgitheanach, tro Ghleann Arroch agus sìos beinne
gu Caol Reithe - an t-àite a b' fhaisge air tìr-mor.
Bhiodh 6 no 8 de bheathaichean air an ceangal ri chèile
le ròpa ri bàta. Bha am bàta air a h-iomradh
gu taobh eile a' chaoil, agus i a' slaodadh nam beathaichean na
dèidh. Dh'fheumadh na dròbhairean a bhith gu math
faiceallach ris an obair seo oir dh'fhaodadh beathach-mairt a
bhith air a leòn, no fiù 's air a bhàthadh,
fhad 's a bha iad air an aiseig.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|