GRD > Faidhle Eachdraidh > Caochladh chuspairean > Mort Ghlinne Comhainn
Mort Ghlinne Comhainn
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Mort Ghlinne Comhainn - 1692
Cunntas

'S e Gleann Comhann an gleann as ainmeile air A' Ghaidhealtachd, chan ann a-mhàin airson a mhaise, ach air sàilleabh na h-eachdraidh uabhasaich a tha na chois, an dèidh mar a chaidh daoine am brath agus am murt ann anns a' Ghearran, 1692. Anns an 17mh linn, bha mòran strì agus sabaid air A' Ghaidhealtachd, is ann an 1689, bha na Seumasaich air ar-a-mach eile a dhèanamh. Chun seo, bha an Riaghaltas a' feuchainn ri na Gaidheil a thoirt fo smachd, an dà chuid leis an arm agus a' feuchainn ri na cinn-cinnidh a thàladh le duaisean. Ann an 1691, bha beagan sìth air A' Ghaidhealtachd agus, air 27 Lùnastal, gheall an Riaghaltas gun dìonadh iad o chall a h-uile duine de na cinnidhean a bha air a bhith a' sabaid, nam bòidicheadh iad ùmhlachd do Rìgh Uilleam III ron chiad là den Fhaoilleach, 1692.

Ach mus tàinig foghar 1691, bha na cinnidhean air fàs an-fhoiseil agus bha e coltach gum biodh ar-a-mach ann. Fhuair an Rìgh comhairle bho dhà bhuidhinn - aon, fo Mhaighstir Stair, ag iarraidh na Gaidheil a cheannsachadh le sabaid mura toireadh iad ùmhlachd don Rìgh, agus a' bhuidheann eile, fon Mhorair Tarbat, ag iarraidh còrdadh a dhèanamh ri na cinnidhean, oir bha na cinn-cinnidh deònach gèilleadh don Rìgh nam biodh na cinnidhean gu coitcheann air an dìon o chall. Ach cha do dh'èist an Rìgh ris-san; lean e a' bheachd gum bu chòir do na cinn-cinnidh a bhith air am peanasachadh. B' e Murt Ghleann Comhainn am peanas a chaidh orra.

Chaidh Clann MhicDhòmhnaill à Gleann Comhann a chur air leth mar bhall-sampaill do na cinnidhean eile. Gun teagamh, cha robh MacIain, an ceann-cinnidh air bòid a thoirt ron là òrdaichte gun gèilleadh e, ach cha b' e sin an t-aon adhbhar airson an sgrios a lean. Ach bha gu leòr ann airson Mhaighstir Stair. Le cead bhon Rìgh, thug e òrdain seachad do na saighdearan anns A' Ghearasdan - 120 à rèisimeid Earra-Ghaidheil, le Caiptean Raibeart Caimbeulach à Gleann Lithean os an ceann - Clann MhicDhòmhnaill a mharbhadh. Bha am murt ri tòiseachadh aig còig uairean sa mhadainn air 12 Gearran; cha robh fireannach fo aois 70 ri fhàgail gun mharbhadh, agus cha robh an Rìgh ag iarraidh phrìosanach.

Chaidh MacIain a mharbhadh le peilear na leabaidh; chaidh làmhan is casan fhireannach an ceangal agus chaidh am marbhadh an uair sin, sean is òg - mu 38 gu lèir. Mura b' e gun robh saighdearan eile, a bha gus an Caimbeulach a chuideachadh, air deireadh, 's gann gum biodh duine fo aois 70 (is bha mu 200 ann) air tàrsainn às. Rinn an fheadhainn a fhuair teicheadh air na beanntan, far an robh stoirm mhòr shneachda, agus bha gu leòr de bhoireannaich 's de chloinn a' toirt thairis le cho claoidhte 's a bha iad. Bha iad a' feuchainn ri uaimhean agus àitichean falaich eile a ruighinn airson sàbhailteachd.

Tuilleadh fiosrachaidh
Chuir Murt Ghleann Comhainn crìoch air a' phlana a bh' aig an Rìgh airson cur às do na cinnidhean. Chan e a-mhàin gur e gnìomh olc a bh' ann, ach cuideachd b' e mearachd mhòr a bh' ann gu poileataigeach. Ged nach robh na cinnidhean a' strì airson greis an dèidh a' mhuirt, cha robh ro fhada gus an robh iad a' dèanamh ar-a-mach a-rithist air taobh nan Seumasach. Cha robh fios aig an Riaghaltas dè a dhèanadh iad; cha b' urrainn dhaibh marbhadh eile a dhèanamh. Cha robh iad fada gus an do thuig iad gum bu chòir dhaibh a bhith air comhairle a' Mhorair Tarbat a ghabhail. Chaidh iarraidh air-san a-nis an Riaghaltas a chuideachadh. Thug an Rìgh dha cead airgead agus urram a thairgsinn do chinneadh na do cheann-cinnidh sam bith a ghèilleadh don Rìgh; agus bhiodh na cinnidhean air an dìon o chall sam bith. Ghabh na cinnidhean ri seo agus mar sin, chaidh na Gaidheil a chumail sàmhach fhad 's a bha Uilleam na Rìgh.

Gnìomhan:
1a. Saoil carson nach do dh'èist Rìgh Uilleam ri comhairle A' Mhorair Tharbait ann an 1691?
b. Carson a b' fheudar dha èisteachd ris ann an 1692?
2. Ciamar a tha thu a' smaoineachadh a' dhìonadh An Riaghaltas na cinnidhean bho chall sam bith?

Cothrom rannsachaidh:
1. Faigh a-mach carson gur e MacIain a b' ainm do cheann-cinnidh Chloinn MhicDhòmhnaill à Gleann Comhann?
2. Saoil carson gur e Clann MhicDhòmhnaill a chaidh an taghadh airson a bhith air am murt?

Iomradh
Bha saighdearan Earra-Ghaidheil, còmhla ris A' Chaimbeulach fhèin, air aoigheachd Chloinn MhicDhòmhnaill airson 15 là, fhad 's a bha an Caimbeulach a' feitheamh ri na h-òrdain mu dheireadh aige. Fhuair e iad sin air 12 Gearran. Le deagh fhios aige dè bha dol a thachairt an ath mhadainn, chluich an Caimbeulach cairtean còmhla ri MacIain, ceann-cinnidh Chloinn MhicDhòmhnaill an oidhche sin agus ghabh e ri fiathachadh bho MhacIain biadh a ghabhail còmhla ris an ath là - is làn fhios aige nach biodh e beò airson fhaicinn.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD