|
Na Cinnidhean
Cunntas
Ro 1745 bha na Gaidheil a' fuireach ann an teaghlaichean mòra
ris an canadh iad an 'cinneadh'. Bha dlùth-cheangal eadar
na daoine sa chinneadh agus bha mar bu trice an aon shloinneadh
orra. Mar bu trice, bha dà bhuidheann de dhaoine anns gach
cinneadh; an fheadhainn a bha càirdeach don cheann-cinneadh
is dha chèile, agus cuideachd, daoine bho chinnidhean eile
a bha ag iarraidh an dìon leis a' chinneadh sin.
B' e 'ceann-cinnidh' a bha os cionn an teaghlaich
agus bha e mar uallach air-san coimhead an dèidh an teaghlaich,
gu h-àraidh ann an àm gorta agus teanntachd. Bha
an cinneadh an-còmhnaidh umhail don cheann-cinnidh. Aig
an àm, cha robh ùidh aig na cinn-cinnidh ann a bhith
a' dèanamh airgead, ach bu toigh leotha na daoine a bhith
pailt airson a dhol a shabaid an aghaidh chinnidhean eile, oir
bha mòran strì a' dol eadar na cinnidhean.
Bha fir-taca aig a' cheann-cinnidh airson a
chuideachadh a' sealltainn an dèidh nan daoine agus na
talmhainn. Bha iadsan a' faighinn pìos mòr talmhainn
air mhàl on cheann-cinnidh agus bha iad an uair sin a'
roinn na talmhainn sin 's ga thoirt air mhàl don tuath.
Bha coitearan ag obair don tuath - a' treabhadh, a' dèanamh
obair an fhoghair, a' buachailleachd a' chruidh agus a' buain
na mòna. Bha iadsan a' faighinn pìos beag talmhainn
airson na h-obrach aca, agus dh'fhaodadh iad bàrr a chur
dhaibh fhèin.
Ach an dèidh Blàr Chùil
Lodair ann an 1745, dh'atharraich dòigh-beatha nan cinnidhean
gu tur. Bha an Riaghaltas ag iarraidh na Gaidheil a chumail fo
smachd, an dèidh gach ar-a-mach a rinn iad. Ged nach robh
a h-uile cinneadh air taobh nan Seumasach, thug an Riaghaltas
an talamh bho na cinn-cinnidh, agus chan fhaodadh gunnachan no
claidheamhan a bhith aig na daoine. Cha mhò na sin a dh'fhaodadh
iad Gàidhlig (cainnt bhorb) a bhruidhinn, no an fhèileadh
a chur orra. Dh'fhairich na Gaidheil seo gu mòr oir bha
ciall àraidh aig an fhèileadh do gach cinneadh agus
bha nàire orra briogais a chur orra.
Bha an Riaghaltas cuideachd ag iarraidh air
na cinn-cinnidh a dhol a dh'fhuireach do na bailtean mòra
mar Lunnainn no Dùn Eideann. Chòrd dòigh-beatha
nam bailtean mòra riutha ach dh'fheumadh iad a-nis barrachd
airgid. Cha robh feum aca air na daoine airson sabaid a-nis, 's
cha robh annta ach cosgais gun fheum, an uair nach robh iad a'
pàigheadh màil. 'S ann ann an airgead a bha ùidh
a' chinn-cinnidh a-nis 's chan ann ann an daoine. B' e bha dhìth
air a' cheann-cinnidh a-nis ach tuathanaich mhòra a phàigheadh
màl air an fhearann aige.
Tuilleadh fiosrachaidh
Bha na cinnidhean mar bu trice air an cuingealachadh ri aon sgìre
- glinn, eileanan no talamh faisg air loch. Bha glè thric
dìreach aon chinneadh ann an eilean beag - m.e. Na Dòmhnallaich
ann an Ìle; Clann Illeathain ann am Muile, Tiriodh agus Colla.
Bha iomadh cinneadh anns an Eilean Sgitheanach - Clann MhicDhòmhnaill,
Clann MhicLeòid agus Clann MhicFhionghain.
Air tìr-mòr, bha sgìrean
àraidh aig na cinnidhean - m.e. Caimbeulaich Earra-Ghaidheil;
Camshronaich Loch Abair; Clann 'Ic Dhòmhnaill ann an Raineach;
Clann 'Ic Choinnich ann an Siorrachd Rois agus Clann 'Ic Aoidh
ann an Cataibh.
Gnìomhan:
1a. Dè na laghan ùra
a rinn an Riaghaltas an dèidh Blàr Chùil
Lodair airson na Gaidheil a chumail fo smachd?
b. Carson a rinn iad seo?
c. A bheil thu a' smaoineachadh
gun do dh'obraich iad?
2. Saoil carson nach biodh glè
thric ach aon chinneadh ri lorg ann an aon sgìre no eilean?
Cothrom rannsachaidh:
1. Faigh a-mach mun chinneadh agad
fhèin - co às a thàinig an t-ainm;
dè an suaicheantas a tha co-cheangailte ris, etc.
2. Bhiodh cinnidhean glè
thric a' strì ri chèile. Faigh a-mach nas urrainn
dhut mu dheidhinn carson a bha seo.
Iomradh
B' ann on fhacal Fhrangach 'tartaine' a thàinig am facal
'tartan' - a' Bheurla airson 'breacan', a' ciallachadh aodach
le iomadh seòrsa dath. Timcheall air 1700, b' e fireannaich
a-mhàin a bhiodh a' cur orra bhreacan leis a h-uile seòrsa
dath. Bhiodh dathan is srianagan eadar-dhealaichte anns gach àite,
ach cha robh tartan sam bith na shuaicheantas aig cinneadh àraidh
gus an deach stad a chur air Gaidheil a bhith a' cur orra fhèillidhean
eadar 1746 agus 1782.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|