GRD > Faidhle Eachdraidh > Caochladh chuspairean > Na Fuadaichean
Na Fuadaichean (1745-1887)
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Na Fuadaichean (1745-1887)
Cunntas

Ro 1745, bha na Gaidheil a' fuireach ann am bailtean beaga agus bha iad a' fàs a' mhòr-chuid dem biadh fhèin - mar coirce agus eòrna - air fearann timcheall nam bailtean. Bha roinn de thalamh math agus de thalamh nach robh cho math aig a h-uile duine. Bha crodh beag dubh aca, a bha a' toirt dhaibh beagan beòshlaint, agus cuideachd beagan chaorach. Bha a h-uile duine a' cuideachadh a chèile - le obair an fhearainn agus cuideachd ann an sabaid.

Ach dh'atharraich dòigh-beatha nan Gaidheal gu tur an dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746. Bha a' mhòr-chuid de na Gaidheil air taobh nan Seumasach agus chaidh a' chùis a dhèanamh orra le feachd an Riaghaltais. Chaidh na Gaidheil a pheanasachadh gu mòr an dèidh a' bhlàir agus rinneadh laghan ùra a chuireadh às don dòigh-beatha a bh' aca. An dèidh 1760, bha na h-uachdarain ag iarraidh am fearann aca a leasachadh le a bhith a' cur crìoch air an dòigh-àiteachais a bh' aig na daoine; a' dèanamh fearainn bheaga nas mò agus gan toirt air mhàl do thuathanaich-chaorach bho dheas; agus a' toirt air na Gaidheil gluasad bhon fhearann aca gu oir na mara, far am feumadh iad obair eile a lorg, mar obair na ceilpe.

Ach cha robh an leasachadh seo a' dèanamh feum do na Gaidheil. B' ann a bha e a' dèanamh chùisean na bu mhiosa. Bha am barrachd uachdarain ann an ceann-a-tuath Alba a' cur chaorach air an talamh aca - gu h-àraidh caoraich mhaola, oir bha a' chlòimh aca na b' fheàrr agus bha barrachd airgid orra na bha air na dubh-cheannaich. Anns a' gheamhradh, dh'fheumadh na caoraich mhaola a bhith a' feurach mun bhaile, far an robh na daoine a' fuireach. Mar sin, bha teaghlaichean a' call an dachaighean agus air an cur far am fearainn. Cha robh mòran dòigh aig na daoine air iad fhèin a bheathachadh.

Ach a dh'aindeoin 's na bha de dhaoine air am fuadach, bha àireamh-sluaigh na Gaidhealtachd a' sìor dhol an-àird. Bha mar sin am barrachd dhaoine a' fuireachd ann an àite beag agus bha e ag adhbhrachadh ghalaran is acras. Anns an 19mh linn, b' e buntàta am bàrr bu mhotha a bha na Gaidheil a' cur. Ann an 1846, bha gaiseadh sa bhuntàta is ghrod iad san talamh. Thàinig gort mhòr air A' Ghaidhealtachd agus b' fheudar do na h-uachdarain agus don Riaghaltas cuideachadh a thoirt seachad le biadh. Bha a' ghorta cho dona 's gun do thuig na h-uachdarain gum biodh e na bu shaoire dhaibh daoine fhuadach seach a bhith gan cuideachadh le biadh is eile, gu h-àraidh nan grodadh am buntàta a-rithist.

Bha na h-uachdarain cho deònach faighinn cuidhteas nan daoine 's gun do phàigh cuid aca pàirt de fharadh nan eilthireach, ach am falbhadh iad gu tìrean eile. Bha cuid dhiubh a' cleachdadh shaighdearan airson na daoine fhuadach. Cha d' fhuair na daoine cuideachadh sam bith bho na cinn-cinnidh aca - oir bha iadsan air an trèigsinn airson tuilleadh airgid - no bhon eaglais, oir b' e uachdarain a bha glè thric a' suidheachadh nam ministear agus cha deigheadh iad an aghaidh an uachdarain.

Tuilleadh fiosrachaidh
Thachair na fuadaichean a bu mhiosa ann an Cataibh. B' e Seumas Loch an t-ainm a bha air bàillidh Diùc Chataibh. Cha bu toigh leis Gaidheil, oir bha e den bheachd gun robh iad salach agus leisg. Dh'fhuadaich e na daoine a-mach às na glinn mhòra ann an Cataibh oir bha e airson dòigh-beatha nan daoine atharrachach agus airson barrachd airgead fhaighinn ann am màl airson an uachdarain. Chaidh co-dhiù 10,000 duine fhuadach a-mach às na dachaighean eadar 1807 agus 1821 - cha mhòr an dàrna leth de na daoine ann an Cataibh.

Bha Pàdraig Sellar na fhear-lagha aig Ban-iarla Chataibh is bha esan a' togail a' mhàil, a' cumail nan cunntasan agus a' dèanamh cinnteach gun robh daoine a' cumail ri na riaghailtean. Cha robh tròcair air a shealltainn do dhaoine a bha iad a' fuadach - sean no òg. Mura faigheadh iad an gnothaichean air a thoirt leotha às an taighean ann an tìde, bha am bàillidh a' losgadh nan taighean.

Ann an 1814, chuir Sellar mòran far an fhearainn ann an Srath Nabhair. Bha gach àite-feuraich sna beanntan ri losgadh airson nach biodh biadh ann don chrodh agus gum feumadh na daoine falbh. Chaidh taighean a losgadh gus nach b' urrainn do dhaoine fuireach san àite.

Gnìomhan:
1. Tha 3 eisimpleirean againn de laghan a rinneadh an dèidh Blàr Chùil Lodair. Saoil ciamar a bha an Riaghaltas an dòchas a bheireadh seo atharrachadh air dòigh-beatha nan Gaidheal?
2. Carson a bha an Riaghaltas airson na Gaidheil a pheanasachadh an dèidh Blàr Chùil Lodair?

Cothrom rannsachaidh:
1. Faigh a-mach tuilleadh mu shuidheachadh nan Gaidheal a chaidh air eilthireachd gu Canada no Ameireagaidh.
2. Faigh a-mach mu Phàdraig Sellar agus mun chron a rinn e ann an Cataibh, agus mar a chaidh dèiligeadh ris fhèin airson na rinn e.

Iomradh
Eadar 1762 agus 1886, chaidh na ceudan de Ghaidheil a chur far nam fearann aca agus chaidh mòran dhiubh a chur air eilthireachd a-null thairis gu àitichean mar Canada, Ameireagaidh, Astràilia agus New Zealand. Bha na daoine an dòchas gum biodh beatha na b' fheàrr aca an sin. Bha glè thric cus dhaoine air na bàtaichean a bha gan toirt a-null oir mar sin, gheibheadh an luchd-ionaid barrachd airgid ann am faraidhean.

Glè thric, bha bàtaichean air an cumail sa phort gus nach biodh sgath bìdh air fhàgail aig na h-eilthirich. Dh'fheumadh iad an uair sin biadh a cheannach air a' bhàta a bha cus na bu daoire. Bha na daoine air an stalcadh a-steach ann an àitichean salach eadar na deicichean airson suas ri trì mìosan. Bha galaran bitheanta agus bha gu leòr a' bàsachadh air an turas.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD