GRD > Faidhle Eachdraidh > Caochladh chuspairean > Saobh-chreideamhan
Saobh-chreideamhan
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Saobh-chreideamhan
Cunntas

Tha tòrr sgeulachdan ann am beul-aithris na Gàidhlig ag innse dhuinn mu shaobh-chreideamhan na Gaidhealtachd agus nan Eilean. Anns na linntean a dh'fhalbh, bha daoine a' creidsinn ann an gnothaichean saobh-chreidmheach mar an droch-shùil, an dà-shealladh, manaidhean 's mar sin air adhart. Bhiodh iad 'a' faicinn' agus 'a' cluinntinn' rudan agus gan gabhail mar chomharraidhean. Bha daoine den bheachd gun robh comas aig neach aig an robh an 'droch-shùil' air cron a dhèanamh, dìreach le coimhead ri neach a bu lugha air no ris an robh farmad aige. Bhiodh crodh air am bualadh leis an 'tinneas' seo gu math tric; cuideachd, thigeadh tinneas air duine sam bith air an laigheadh an 'droch-shùil'. Cha robh cràdh idir na chois, ach bhiodh an duine sin sgìth agus cadalach, dh'fhàsadh e na bu chaoile 's na bu chaoile gus mu dheireadh nach biodh càil ann ach cnàmhan san aodach.

B' e Coinneach Odhar an duine a b' ainmeile air A' Ghaidhealtachd aig an robh an 'dà-shealladh'. Bha an dà-shealladh glè thric co-cheangailte ris a' bhàs. Uaireannan 's dòcha gun deigheadh duine 'fhaicinn' faisg air an taigh aige, an uair a bha fios aig daoine gun robh an dearbh dhuine ann an dùthaich no àite eile aig an àm. Dh'innseadh an taibhsear (fear leis an dà-shealladh) gun do bhàsaich an duine agus dheigheadh a dhearbhadh a-rithist gun do bhàsaich an duine aig a' cheart àm. 'S dòcha gum faiceadh taibhsear tiodhlacadh a' dol seachad, agus bhiodh fios aige cò an tiodhlacadh a bha gu bhith ann a dh'aithghearr.

Ach cha b' e a-mhàin bàs a chitheadh an taibhsear. Tha gu leòr eòlach air fàidheadaireachdan Choinnich Odhair. Chitheadh duine rathad, no togalach, no drochaid ann an àite far nach saoileadh duine, agus bliadhnaichean na dhèidh, thigeadh seo gu bith. Bha an dà-shealladh a' toirt naidheachdan matha cuideachd - 's dòcha gum faiciste boireannach na suidhe ri taobh duine agus bhiodh fios gur i sin a' bhean a bha gu bhith aige.

Bha 'manaidhean' rudeigin coltach ri seo, ach gum faodadh duine sam bith am 'faicinn' no an 'cluinntinn', chan e a-mhain taibhsear. Glè thric, b' e bàs no tubaist a bha air a ro-aithris. Bha eagal air na Gaidheil ron bhàs, agus bha an creideamh a bh' aca ann an cuid de nithean a bhith nan comharraidhean-bàis, a' dèanamh na cùis na bu mhiosa. Bha feadhainn a bha a' faighinn ro-fhiosrachadh air am bàs fhèin. Bha iomadh cruth air na comharraidhean - feadhainn air am 'faicinn' agus feadhainn air an 'cluinntinn'. Nam faiceadh duine solais ghorma, chritheanach coltach ri lasair lag à coinneal, 's e comharradh-bàis cinnteach a bha ann. Uaireannan dheigheadh na solais fhaicinn a' gluasad air slighe an tiodhlacaidh, no a' priobadh mun cuairt leapa anns am biodh duine gu bàsachadh a dh'aithghearr.

Tuilleadh fiosrachaidh
Bha creideamh aig na seann Ghaidheil cuideachd ann an sìthichean, agus tha ainmean-àite fhathast a' dearbhadh sin - 'Cnoc an t-Sìthein', 'Innis nan Sìth'. Bha daoine den bheachd gun robh sìthichean math is dona ann. Bhiodh daoine a' miannachadh rudan bho na sìthichean ach cha robh sin glic, oir glè thric bha barrachd a' tachairt 's bha daoine ag iarraidh.

Bha na sìthichean a' fuireach fon talamh, no ann am beanntan. Bha daoine a' cleachdadh sgeulachdan mar seo cuideachd airson eagal a chur air clann - 's dòcha airson an cumail air falbh bho àitichean cunnartach, no airson nach deigheadh iad a-mach leotha fhèin tron oidhche. Bha a' choire a' dol air na sìthichean nan tachradh rudeigin nach gabhadh a mhìneachadh - m.e. nam fàsadh bò bochd gu luath, 's e sìthiche a bu choireach; no nam bàsaicheadh boireannach aig àm breith leanaibh, 's e na sìthichean a thug leotha i airson coimhead ris a' chloinn acasan, etc.

Bha creideas aca cuideachd anns an each-uisge, gun tàlaidheadh e duine air falbh còmhla ris, sìos dhan loch no dhan abhainn. An uair a lorgaiste duine bàthte aig loch, gu h-àraidh nan tachradh e tron oidhche, bhathar a' smaoineachadh gur e each-uisge a dh'fhalbh leis. Bha eagal aig beathaichean cuideachd ron each-uisge.

Gnìomhan:
1. Saoil carson a bhiodh creideas aig daoine ann an 'droch-shùil'? Smaoinich air tinneas sam bith a tha cumanta an-diugh a dh'fhaodadh a bhith air a ghabhail mar an 'droch-shùil'.
2. Tha beagan den t-seann chreideamh fhathast ri fhaighinn ann an seann chleachdaidhean - eg Oidhche Shamhna. Faigh a-mach nas urrainn dhut mu chleachdaidhean Oidhche Shamhna.

Cothrom rannsachaidh:
1. Faigh a-mach nas urrainn dhut mu Choinneach Odhar.
2. Feuch ri sgeulachdan a lorg san sgìre agad fhèin mu thaibhsean no mu mhanaidhean.

Iomradh
B' e Draoidheachd an t-ainm a bha air creideamh nan seann Cheilteach, agus b' e draoidhean na sagartan a bh' aca. Bhiodh iad ag adhradh don ghrèin, gu tric ann an coille no aig clachan mòra. Tha beagan den t-seann chreideamh fhathast ri fhaighinn ann an cuimhne agus ann an cleachdaidhean - m.e. tha pàirt de na seann fhèisean bhliadhnail air fhàgail againn fhathast - m.e. Oidhche Shamhna.

B' e Bealltainn a' chiad là den Chèitean agus b' e fèis theine a bh' innte, airson a bhith a' glanadh agus a' dìon bheathaichean stuic. Tha a' chiad Diluain den Chèitean fhathast na là saor do luchd-obrach.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD