GRD > Faidhle Eachdraidh > Ceatharnaich > Alasdair MacCoinnich
Alasdair MacCoinnich (1764-1820) Alasdair MacCoinnich (1764-1820)
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Alasdair MacCoinnich (1764-1820)
Fiosrachadh

Rugadh Alasdair MacCoinnich ann an Steòrnabhagh ann an 1764. Ann an 1774 thug athair Alasdair, Coinneach MacCoinnich, an teaghlach a dh'Ameireagaidh nuair a bhàsaich a bhean agus dà bhliadhna an dèidh sin thòisich Cogadh Saoraidh Ameireagaidh.

Anns a' chogadh seo bha stàitean Ameireagaidh a' feuchainn ri an saorsa fhaighinn bho Chrùin Bhreatainn. Anns a' chogadh bha Coinneach a' sabaid air taobh a' chrùin agus mar sin chuir e Alasdair a Chanada gus am biodh e sàbhailte. Cha robh e ach ceithir bliadhna deug a dh'aois aig an àm. An ath bhliadhna fhuair e obair aig companaidh North West Fur anns an oifis aca ann an Toronto. Fhuair e air adhart cho math anns an obair agus, an uair a bha e còig air fhichead, gun deach a chur air ceann an àite a b' fheàrr a bh' aig a' chompanaidh. B' e àite iomallach a bha seo faisg air Lake Athabasca.

Chaidh iarraidh air rannsachadh a dhèanamh air an dùthaich mun cuairt agus bha ùidh aige anns an leithid sin co-dhiù. Fhad 's a bha e a' dol tron dùthaich a cheannach craicinn bhìobhair agus charibou bha rudeigin ag at na inntinn. Bha e den bheachd nach deigheadh adhartas a dhèanamh ann am marsantachd gus am faighteadh dòigh furasta air a' Chuan Shèimh a ruighinn. B' e an dòigh furasta a bha esan a' faicinn slighe a dhèanamh air na h-aibhnichean. Bha e den bheachd gum biodh canoes gu math freagarrach airson siubhal.

Bha e air sgeulachdan gu leòr a chluinntinn mu aibhnichean ach cha robh duine geal air a dhol air an turas roimhe agus cha robh fios an robh fìrinn anns na sgeulachdan.

Dh'fhàg e fhèin agus dusan Innseanach Lake Athabasca ann an 1789. Seo an t-slighe a ghabh iad:

- gu tuath gu Abhainn Slave
- tro abhainn mhòir Slave
- lorg iad abhainn gun ainm ach a-mhàin an Abhainn Mhòr (seo Abhainn MhicChoinnich an-diugh)
- lean iad orra air an abhainn sin an iar chun nan Rockies
- gu tuath air an aon abhainn tro dhùthaich nan Eskimo

Ràinig iad cuan an sin ach b' e an Arctic a bh' ann. B' e briseadh-dùil uabhasach a bha sin, gu h-àraidh agus an geamhradh a' tighinn. Cha robh air ach tilleadh gu Athabasca.

Ach cha do chaill MacCoinnich a mhisneachd idir. Cho luath agus a thill e thòisich e ag ullachadh airson an ath thurais. An turas seo lean iad Abhainn na Sìthe a-mach à Linne Athabasca. Bha an abhainn seo cunnartach ach rinn iad a' chùis gu bun na h-aibhne. B' fheudar dhaibh an uair sin na canoes a ghiùlain tarsainn an dùthaich gu Abhainn Friseal. Dh'fhàg iad na canoes an sin agus lean iad orra nan cois. Ann an còig là deug bha e aig a' Chuan Shèimh - a' chiad Eòrpach a chaidh tarsainn Chanada bho thaobh gu taobh.

Tuilleadh fiosrachaidh
Mar a bha MacCoinnich a' siubhal bha e bho àm gu àm a' tighinn air Innseanaich. Bha eagal air na h-Innseanaich bhuaithe an toiseach ach nuair thuig iad nach b' e cron a bh' air aire MhicChoinnich dh'fhàs iad na bu chàirdeil. Bha MacCoinnich airson faighinn a-mach bhuapa mu dheidhinn na dùthcha mun cuairt. Airson an tàladh thug e dhaibh deoch-làidir agus tombaca agus innealan cuideachd. Dh'innis na h-Innseanaich dha mu na cunnartan mòra a bh' air thoiseach air mar easan agus beathaichean fiadhaich. Thuirt iad ris gun tugadh iad bliadhnachan air an t-slighe eadhon ged a gheibheadh iad tro na cunnartan. Chuir seo eagal mòr air an sgioba a bh' aig MacCoinnich ach cha do dh'èist e riutha nuair a mhol iad dha tilleadh.

B' ann a thug MacCoinnich air Innseanach eile, ris an do choinnich iad, a thighinn nan cois ged a bha aig an duine sin ri a bhean agus a theaghlach fhàgail gu mì-thoileach. Ged a bha na daoine geala a bh' anns an sgioba aige ag iarraidh a dhol air adhart mar a bha e fhèin cha robh na h-Innseanaich; bha eagal orra agus bha iad ag iarraidh tilleadh dhachaigh.

Aon uair agus MacCoinnich a' siubhal air an Abhainn Mhòir dh'aithnich e gun robh e faisg air an Arctic oir bha a' ghrian ris aig meadhan-oidhche. Bha deigh air a h-uile taobh dhiubh - agus b' e meadhan an t-Samhraidh a bh' ann.

Nuair a ràinig MacCoinnich an Cuan Sèimh pheant e ainm air creig an sin. Sgrìobh e cuideachd gun robh e air a thighinn à Canada. Airson na rinn e chaidh Ridire a dhèanamh dheth - fhuair e an tiotal 'Sir'.

Ann an 1805 thill e a dh'Alba. Phòs e ann an siorrachd Inbhir Nis agus bha e a' fuireach ann an sin gus an do bhàsaich e ann an 1820.

Gnìomhan
1. Saoil carson a dh'fhalbh athair Alasdair MhicChoinnich a Chanada leis an teaghlach nuair bhàsaich a bhean?
2. Saoil an e companaidh mòr a bh' ann an companaidh North West Fur?
3. Carson a bha Alasdair MacCoinnich a' ceannach chraiceann bhìobhair agus charibou?
4. Carson a bha canoes freagarrach mar dòigh-siubhail?
5. Lorg mapa de Chanada agus lean an t-slighe a ghabh MacCoinnich.
6. Saoil ciamar a bha MacCoinnich a' faighinn air còmhradh a dhèanamh ri na h-Innseanaich ris an robh e a' coinneachadh?
7. Bhon fhiosrachadh, sgrìobh do bheachdan fhèin air MacCoinnich mar dhuine.

Cothrom rannsachaidh
1. Leugh an leabhar 'Alasdair MacCoinnich ann an Canada' airson fiosrachadh nas mionadaiche air turas MhicChoinnich.
2. Bha fear ainmeil eile à Leòdhas - Uilleam MacCoinnich - a dh'fhàg a dhachaigh airson a dhol a Chanada nuair a bhàsaich a bhean. Rannsaich carson a bha esan ainmeil.
3. Leugh mu Chogadh Saora Ameireagaidh ann an leabhar eachdraidh.

Eachdraidh na rìoghachd aig an àm
Ann an 1776 thòisich Cogadh Saoraidh Ameireagaidh. Anns a' chogadh seo bha stàitean Ameireagaidh a' feuchainn ri an saorsa fhaighinn bho Chrùin Bhreatainn. Bha na colonaidhean air fàs cumhachdach agus cha robh iad airson a bhith ceangailte ri Breatainn tuilleadh.

Bha iad air riaghailtean a dhèanamh dhaibh fhèin agus cha robh iad a' faicinn adhbhar sam bith gum biodh iad air an riaghladh à Breatainn. Bha cuid an toiseach, mar Coinneach MacCoinnich, a' feuchainn ri bhith dìleas do Chrùn Bhreatainn anns a' chogadh a lean bho 1775 gu 1781.

Ann an 1781 chaidh 'Articles of Confederation' aontachadh. B' e oidhirp a bha seo air na trì colonaidhean deug a thoirt gu chèile. Ann an 1787 chaidh 'Constitution' aontachadh agus ann an 1789 thàinig na Stàitean Aonaichte gu bith. B' e Seòras Washington a' chiad phrìomhaire.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD