Aonghas MacAsgaill (1825-1863)
Fiosrachadh
Ged a chaith Aonghas MacAsgaill a bheatha ann an Ceap Breatainn
b' ann ann an eilean Bheàrnaraigh anns na h-Eileanan an Iar
a rugadh e.
Dh'fhàg athair Beàrnaraigh nuair
bha Aonghas trì bliadhna a dh'aois agus rinn iad an dachaigh
ann an St Ann's. Shoirbhich leotha glè mhath ann an Ceap
Breatainn agus an toiseach cha robh umhail mhòr sam bith
ri chur air Aonghas. Gu dearbha ma bha e càil idir b' ann
na bu lugha a bha e na a cho-aoisean an toiseach. Ach aon uair
agus gun do thòisich e a' fàs cha robh stad air!
Aig 14 b' e Gille Mòr a bh' aca air agus bhiteadh a' magadh
air airson cho mòr 's a bha e. Nuair bhàsaich e
bha e 7' 9" (2.36 m) a dh'àirde agus bha 425 puinnd
(193 kg) de chuideam ann. Bha e a cheart cho làidir agus
a bha e àrd agus mar sin bha e glè fheumail anns
a' choimhearsnachd agus a' cuideachadh a phàrantan. A dh'aindeoin
a mheud cha robh e ag ithe ach mar dhuine nàdarrach ach
ge bith dè am biadh a bhiodh aige dh'itheadh e bola bròis
as a dhèidh. Mar a bha e a' fàs bha aig athair ris
an taigh atharrachadh - chuir e àirde ris a' mhullach ach
cha do dh'atharraich e an doras idir agus bha aig Aonghas ri cromadh
nuair bha e a' dol a-steach. Bha leabaidh mhòr aige cuideachd
- 8 troighean a dh'fhaid.
B' e duine sìtheil càirdeil a
bh' ann agus cha robh càil ann a b' fheàrr leis
na bhith ag iasgach leis fhèin. Nuair a shoirbhich leis
bha e fialaidh le chuid. Cha robh e a' toirt aire dhaoine thuige
fhèin ann an dòigh sam bith agus mar a bha a' choimhearsnachd
beag co-dhiù cha do sgaoil naidheachdan mu dheidhinn ro
fhada. Aon là thàinig caiptean soithich thuige a'
tairgsinn a chur an lùib siorcais mar fhuamhaire. Cha robh
e fhèin no a theaghlach ro dheònach gabhail ri seo
an toiseach ach mu dheireadh dh'aontaich iad agus chuir e bliadhnaichean
seachad a' falbh air feadh an t-saoghail còmhla ri siorcas.
Cha robh cead aige a bhith a dèanamh cus coiseachd a-muigh
anns na h-àitichean far an robh an siorcas mar bu tric
ach an dèidh sin 's iomadh sealladh a chunnaic e. Cha robh
na tìrean teth a' còrdadh ris idir agus bha e tur
an aghaidh sabaid-tharbh.
An dèidh a bhith greis ris an obair sin
thill e dhachaigh a Cheap Breatainn far an do dh'fhosgail e bùth
agus cheannaich e muileann ghràin cuideachd. Bha e fialaidh
don eaglais cuideachd ged nach biodh e fhèin a' frithealadh
idir air sgàth 's gum biodh daoine ga choimhead. Là
na Sàbaid nuair bhiodh càch anns an eaglais bhiodh
esan a' leughadh a' Bhìobaill aig an taigh.
Bha pian, coltach ri siataig, air gu math tric,
agus aig amannan cha b' urrainn dha a dhèanamh fhèin
dìreach no èirigh bho sheathair gun a bhith na èiginn.
Ann an 1863, agus e ag ullachadh airson falbh air turas marsantachd,
dh'fhàs e tinn le fiabhras. Cha do sheas e ach aon seachdain
agus chaidh dèanamh a-mach gur e tinneas eanchainn a bh'
ann. Sin am bàs a chaidh air fuamhaire caomh Cheap Breatainn.
Chaidh càrn-cuimhne a chur an-àirde
air làrach taigh athar ann am Beàrnaraigh ann an
1992 mar chuimhneachan air Aonghas MacAsgaill. Tha taisbeanadh
air beatha Aonghais MhicAsgaill ann an Dùn Bheagan anns
an Eilean Sgitheanach far am faighear fiosrachadh de gach
seòrsa mu dheidhinn.
Tuilleadh fiosrachaidh
Seo cuid de na sgeulachdan beaga mu Aonghas MacAsgaill a thàinig
a-nuas tro bheul-aithris:
Aon uair thàinig duine làidir
gu Englishtown far an robh Aonghas MacAsgaill a' fuireach agus
dh'iarr e bogsadh ris. Cha robh MacAsgaill deònach seo
a dhèanamh an tòiseach. Dh'aontaich e mu dheireadh
ach thuirt e gum beireadh iad air làmhan a chèile
an toiseach. Rinn iad sin agus cha robh an coigreach ag iarraidh
a dhol air adhart an dèidh sin!
Uair eile agus e a' treabhadh le eich dh'èirich
tubaist air choreigin do aon de na h-eich. Cha do rinn Aonghas
ach gabhail àite an eich agus an treabhadh a chrìochnachadh.
Tha e coltach gun do thadhal e aon uair air
Bànrigh Bhictoria ann an Lunnainn. Thug i dha dà
fhàinne òir agus deise Ghaidhealach ach nuair chaidh
e a-mach à seòmar na bànrigh chaidh mothachadh
gun robh làraich a bhrògan anns a' bhrat-ùrlair
agus nach gabhadh iad an toirt às!
Gnìomhan:
1. Saoil dè a thug air teaghlach
MhicAsgaill Beàrnaraigh fhàgail agus a dhol a Cheap
Breatainn?
2. 'S e fuamhaire an t-ainm a th'
air duine mòr. Dè an t-ainm a th' air duine beag?
3. Dè a th' anns an fhiosrachadh,
a tha ag innse gun robhas a' bruidhinn na Gàidhlig ann
an Ceap Breatainn aig an àm?
4. Dè an seòrsa bidhe
a th' ann am bròs?
5. Saoil dè a thug air aontachadh
a dhol don t-siorcas ged nach robh e deònach an toiseach?
6. Carson a bha e ri ràdh
gur e fuamhaire caomh a bh' ann?
7. Saoil dè a thug air an
duine a bha ag iarraidh bogsadh ris inntinn atharrachadh?
Cothrom rannsachaidh
1. Lorgaibh tuilleadh fiosrachaidh
air Aonghas MacAsgaill anns an leabharlann no sgrìobhaibh
gu Pàdraig MacAsgaill, Taigh na Bruaich, Dùn Bheagan,
an t-Eilean Sgitheanach.
2. Dèanaibh rannsachadh
air an t-seòrsa dòigh-beatha a bh' aig muinntir
Cheap Breatainn aig an àm.
Eachdraidh na rìoghachd
aig an àm
Nuair dh'fhàg teaghlach Aonghais MhicAsgaill Beàrnaraigh
b' ann air sgàth cruadail. Bha na fuadaichean a' tòiseachadh
a' toirt buaidh air na h-eileanan cuideachd. Bha gnìomhachas
na ceilpe air fàilligeadh agus cha robh cosnadh ann. Bha
tàladh mòr ann an Canada far an robh dùil
ri talamh gu leòr. Ged a shoirbhich le teaghlach Aonghais
cha robh cùisean mar sin don h-uile teaghlach. Bha iadsan
fortanach oir b' e port-iasgaich a bh' ann an St Ann's. Ged a
bh' aca ri obrachadh cruaidh bha e na b' fheàrr na a' bhochdainn
mhòir a dh'fhàg iad às an dèidh gu
h-àraidh an dèidh 1846, a' bhliadhna a ghrod am
buntàta. Sheas a' bhochdainn seo anns na h-eileanan agus
air Ghaidhealtachd airson iomadh bliadhna.
Ann am bailtean mòra na h-Alba ged a
bha obraichean ùra rim faighinn anns na factoraidhean bha
bochdainn ann cuideachd. Gu math tric bha clann gan cur a dh'obair
anns na factoraidhean agus anns na mèinnean. Sin an seòrsa
beatha bho na ruith teaghlach Aonghais nuair chaidh iad a Cheap
Breatainn a dhèanamh beatha ùr dhaibh fhèin.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|