GRD > Faidhle Eachdraidh > Ceatharnaich > Baintighearna Grainnds
Baintighearna Grainnds Baintighearna Grainnds
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Baintighearna Grainnds ( -1745)
Fiosrachadh

B' e Àrd Chlèireach Lagha na h-Alba a bh' ann am Morair Grainnds.

Bha cùisean gu math troimhe-chèile ann an Alba mu mheadhan na h-ochdamh linn deug oir bha an dùthaich air a roinn eadar Pròstanaich agus Caitligich, eadar an fheadhainn a bha dìleas do na Seumasaich (a bh' air am fògradh) agus iadsan a bha dìleas don rìgh.

A dh'aindeoin a dhreuchd cha robh càil aig Morair Grainnds mu na Sasannaich. Ann an 1732 ghairm e feadhainn a bha den aon bharail ris fhèin gu coinneamh anns an taigh aige ann an Dùn Èideann. Bha a' choinneamh airson beachdachadh air oidhirp eile air taobh nan Seumasach. Chaith iad a' chuid mhòr den oidhche a' deilbh phlanachan agus b' ann nuair bha cùisean an ìre mhath air an rèiteach a chunnachas gun robh a' bhainthighearna Grainnds a' liùgadh air cùl beinge.

B' e Pròstanach a bh' air taobh an rìgh a bh' ann an Raonaid, a' bhainthighearna agus bha i air a h-uile facal de phlanaichean nan Seumasach a chluinntinn. Nuair chaidh a glacadh bha cuid ag iarraidh a cur gu bàs ach, ged nach robh i fhèin agus Morair Grainnds a' faighinn air adhart glè mhath cha leigeadh e seo air adhart idir. Thairg Dòmhnallach Shlèite fear de na caistealan aige fhèin, Caisteal Tioram, mar phrìosan far an cumaist i gus an deigheadh an t-ar-a-mach fhaighinn air dòigh. Chaidh aontachadh ri seo agus chaidh falbh leatha gu Caisteal Tioram.

Cha robh am Morair airson gum biodh fios aig daoine dè a thachair agus chuir e fios ma sgaoil nach robh i gu math. Ach cha b' fhada gus an do dh'fhàs daoine amharasach agus mu dheireadh chuir e fios mun cuairt gun robh i air bàsachadh. Chaidh Raonaid a ghluasad dhan Eilean Sgitheanach an toiseach agus às an sin gu Heisgeir, a-mach bho chladach Uibhist a Tuath. Bha am Morair a' faireachdainn na bu shàbhailte a-nis ach bha iomadh duine ann an Alba a bha den bheachd gun robh Raonaid beò.

Dh'fhàs a' bheachd seo cho bitheanta agus gum b' fheudar a gluasad aon uair eile - an turas seo gu Caisteal Dhùn Bheagain. Ann an sin dh'fheuch i ri cead fhaighinn bho MacLeòid tilleadh a Dhùn Èideann ach 's ann a chuir esan i a dh'àite na b' iomallaiche buileach - a Hiort.

Seo an t-àite bu mhiosa air an t-saoghal na beachd-se agus thug i fad nan naoi bliadhna a bha i air an eilean a' feuchainn ri dòigh fhaighinn air teicheadh. Bha i daonnan a' sgrìobhadh litrichean agus gan cur ann am botail don mhuir ach cha tàinig cobhair sam bith thuice. Mu dheireadh bheachdaich Morair Grainnds gun robh e sàbhailte a gluasad à Hiort agus chaidh Raonaid bhochd a thoirt gu Dùn Bheagan aon uair eile. Chaidh a cur a dh'fhuireach còmhla ri cailleach gus an deigheadh sùil gheur a chumail oirre. B' e bana-bhreabadair a bh' anns a' chaillich agus dh'fhalaich Raonaid litir an lùib breacain a bha i a' cur a dh'Inbhir Nis airson a reic. Chaidh an litir a lorg agus ràinig i càirdean Raonaid ann an Dùn Èideann. Chaidh long a chur air a tòir ach mus do ràinig an long seo Dùn Bheagan bha am morair air an naidheachd a chluinntinn agus air fios a chur gu MacLeòid.

Chaidh falbh le Raonaid a-rithist agus a toirt gu uaimh faisg air Maighdeannan MhicLeòid. Fhad 's a bha i an seo bha a càirdean ga sireadh ann an Dùn Bheagan gus mu dheireadh an tàinig iad chun a' cho-dhùnaidh nach robh facal fìrinn anns an litir a fhuair iad.

Nuair a shìthich cùisean a-rithist chaidh Raonaid a thoirt gu Bhatarnais agus 's ann an sin a bhàsaich i ann an 1745.

Tuilleadh fiosrachaidh
Chuir a' Bhaintighearna Grainnds còig bliadhna deug de beatha seachad na prìosanach, ach cha robh fois aice na bàs a bharrachd.

Rinn an dèiligeadh a bh' aige rithe na beatha dragh do MhacLeòid Dhùn Bheagain agus chosg e còrr air £300 air tiodhlacadh spaideil - airgead mòr anns an là sin. A dh'aindeoin sin b' e pìos mòr craoibhe a chaidh a chur don chiste a chaidh a thiodhlacadh ann an Diùranais. Chaidh a corp a thoirt gu an Trumpan agus chaidh a thiodhlacadh os cionn Bàgh na h-Àirde Mòire ri taobh seann eaglaise.

Sin crìoch beatha a' bhoireannaich bhochd a 'bhàsaich trì uairean' airson feuchainn ri stad a chur air ar-a-mach a dh'fhaodadh a bhith air eachdraidh Alba agus Shasainn atharrachadh.

Gnìomhan:
1. 'Bha a' Bhaintighearna Grainnds làidir, foghainteach'.
'Bha a' Bhaintighearna Grainnds cealgach, carach'. Dè am beachd leis an deigheadh tu fhèin? Thoir adhbharan seachad.
2. Seall, air mapa bàn, na h-àiteachan anns an robh i air a fògradh.
3. Saoil carson a thuirt i gur e Hiort 'an t-àite bu mhiosa a bh' air an t-saoghal' (smaoinich air a dòigh-beatha-se agus air dòigh-beatha nan Hiortach).
4. Mìnich mar a bhàsaich i trì uairean.
5. Saoil carson is e bun-craoibhe a chaidh a chur don chiste ann an Diùranais an dèidh na chaidh a chosg oirre?
6. Saoil carson a chaidh a tiodhlacadh anns an Eilean Sgitheanach an àite ann an Dùn Èideann agus carson is e MacLeòid Dhùn Bheagain a ghabh sin os làimh?

Cothrom rannsachaidh
1. Lorg a-mach càite a bheil Caisteal Tioram agus feuch am faigh thu dealbh dheth.
2. Dèan rannsachadh air an t-seòrsa dòigh-beatha a bh' aig uaislean Dhùn Èidinn anns na làithean sin.
3. Leugh an sgeulachd 'Prìosan Sàile' a-mach à 'Rosg nan Eilean' agus coimeas na thachair ann an sin ri na thachair do Raonaid.
4. Leugh an leabhar 'Na Seumasaich', le Iain Rose agus Hugh Andrew, ma tha thu airson rannsachadh a dhèanamh air eachdraidh aig an àm.

Eachdraidh na rìoghachd aig an àm
Bha a' chiad ar-a-mach (1715) aig na Seumasaich seachad agus ged nach deach gu math dhaibh leis a' chiad oidhirp seo cha do lagaich an dìlseachd do na Stiùbhartaich. Anns na bliadhnaichean gu 1746 bha ullachadh ga dhèanamh ann an Alba airson na Stiùbhartaich fhaighinn air ais.

Fhad 's a bha a' Bhaintighearna Grainnds air a cumail na prìosanach bha seo a' dol air adhart. Bha seo a' fàgail trioblaidean gu leòr ann an Alba oir bha cinn-feadhna làidir air gach taobh agus iad an aghaidh a chèile ann an cùisean creideimh agus poileataics.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD