|
Fionnghal NicDhòmhnaill (1722-1790)
Fiosrachadh
B' ann à Uibhist a Deas a bha Fionnghal NicDhòmhnaill.
Bha i càirdeach do bhaintighearna Chloinn Raghnaill agus
ghabh ise tlachd mhòr dhith. Thug i sgoil dhi còmhla
ris an teaghlach aice fhèin agus rinn Fionnghal feum mhòr
den chothrom sin. A thuilleadh air an sin thug baintighearna MhicDhòmhnaill
nan Eilean a Dhùn Èideann i agus chaith i trì
bliadhna anns an sgoil a b' fheàrr a bh' anns a' bhaile
sin aig an àm.
An dèidh don Phrionnsa Teàrlach
Blàr Chùil Lodair a chall ann an 1746 bha e fon
choill anns an Eilean Fhada. Bha airgead-cinn mòr air (£30,000)
agus bha airm agus luingeas an rìgh ga lorg air feadh na
Gaidhealtachd agus nan Eilean. Bha gu leòr ann aig an robh
deagh fhios air far an robh am Prionnsa agus a bha gu math feumach
air airgead ach cha bhrathadh duin' e.
A dh'aindeoin 's an dìlseachd bha eagal
air na h-eileanaich gun glacte e air an làmhan agus gun
deigheadh an cur gu bàs, le òrdugh an rìgh.
Bha am Prionnsa fhèin dèidheil air faighinn air
ais don Fhraing. Mar sin, bha na h-eileanaich a' feuchainn ri
sgeama obrachadh a-mach air an gabhadh sin a dhèanamh.
Sin mar a thàinig Fionnghal a dhèanamh
cobhair air. Chaidh iarraidh oirre (agus gun i ach 25 fhathast)
am Prionnsa fhaicinn sàbhailte don Eilean Sgitheanach.
Dh'aontaich Fionnghal ri seo ged a bha làn fhios aice mu
na cunnartan mòra a bha an lùib a leithid.
Dh'iarr Fionnghal litrichean-siubhail bho a
h-oide airson a toirt sàbhailte don Eilean Sgitheanach.
Gu h-àraid, fhuair i seo ged a bha a h-oide na chaiptean
air taobh an riaghaltais. Air a slighe a dh'iarraidh a' chead
seo chaidh a cur an grèim agus a toirt air beulaibh a h-oide.
Chan e a-mhàin gun do rèitich e a cùisean
ach chuir e litrichean-siubhail air dòigh do sgioba a'
bhàta a bha gus a toirt don Eilean Sgitheanach agus
do a searbhant, Betty Burke - am Prionnsa Teàrlach.
Bha deagh fhios aig sgioba a' bhàta cò
a bh' anns an t-searbhant. Fhuair iad aiseag gharbh agus theab
an glacadh uair no dhà ach mu dheireadh chaidh iad air
tìr ann an Cille Bhrìde. Chaidh am Prionnsa a dh'fhalach
do uaimh fhad 's a chaidh Fionnghal gu taigh Mhongastoibht far
an robh MacDhòmhnaill nan Eilean a' fuireach. Thug i am
Prionnsa gu Cinnseborg an ath là far an d' fhuair e deise
Ghaidhealach. À Cinnseborg thog iad orra gu Port Rìgh far
an do dhealaich iad. Fhuair am Prionnsa air ais don Fhraing an
ceann greis agus cha do choinnich e fhèin agus Fionnghal
gu bràth tuilleadh.
Cha robh Fionnghal fhèin cho fortanach;
chaidh a glacadh le arm an rìgh agus a cur don phrìosan.
Cha deach a cumail glè fhada ann an sin agus goirid an
dèidh dhi faighinn às phòs i Ailean MacDhòmhnaill,
mac fear Chinnseboirg. An dèidh pòsadh chaidh iad
a dh'Ameireagaidh ach thill iad dhachaigh nuair dh'fhàs
iad aost agus bhàsaich iad anns an Eilean Sgitheanach.
Chithear uaigh Fionnghail ann an cladh Chille Mhoire far a bheil
carragh-cuimhne brèagha oirre.
Tuilleadh
fiosrachaidh
Tha carragh-cuimhne ann an Inbhir
Nis air Fionnghal NicDhòmhnaill agus tha na facail a leanas
sgrìobhte air:
Fhad
's a dh'fhàsas feur air machair,
mairidh cliù na h-ainnir chaoimh.
An dèidh do Fhionnghal aontachadh am
Prionnsa fhaicinn don Eilean Sgitheanach b' fheudar dhi
fuireach là no dhà ann am Beinn na Faoghla fhad
's a bha aodach a' Phrionnsa ga dhèanamh. B' e bean-nighe
Èireannach, mas fhìor, a bh' ann am Betty Burke agus cha
robh aodach freagarrach ri fhaighinn oir bha am Prionnsa còig
troighean agus deich oirlich a dh'àirde. B' e gùn
geal a bh' ann le sgeadachadh gorm air, còta-bàn,
currag, cleòca, brògan, stocainnean le crèibeiltean
gorma. Nuair a fhuair am Prionnsa an trusgan seo dheth thug e
na creibeiltean do Fhionnghal mar chuimhneachan. Gheàrr
e dos de fhalt agus thug e sin dhi cuideachd ag ràdh rithe:
"Tha mi an dòchas gun coinnich sinn fhathast ann an
Lunnainn. Gheibh thu an uair sin do dhuais airson na rinn thu
dhomhsa".
Nuair a bha Fionnghal anns a' phrìosan
ann an Lunnainn tha e coltach gun tàinig Frederick, Prionnsa
na Cuimrigh a thadhal oirre agus gun tuirt Fionnghal ris gum biodh
i air a chuideachadh-san anns an aon dòigh nam biodh e
air a bhith anns a' chunnart anns an robh am Prionnsa Teàrlach.
Chaidh seachdnar chloinne a bhreith do Fhionnghal
agus do Ailean MacDhòmhnaill. B' e Teàrlach an t-ainm
a thug iad air a' mhac bu shine. Ged nach robh dìth airgid
air Fionnghal cha tug am Prionnsa fhèin sgillin airgid
dhi airson na rinn i dha. Bha i air a lìonadh le bròn
nuair chuala i gun do bhàsaich am Prionnsa anns an Ròimh
ann an 1788. Nuair a bhàsaich i fhèin ann an 1790
bha mìltean air an tiodhlacadh aice, agus chluich dà
phìobaire dheug an coronach. B' ann den aodach a bh' air
an leabaidh anns an do chaidil am Prionnsa nuair bha e ann an
Cinnseborg a chaidh an lèine-mhairbh aice a dhèanamh.
Gnìomhan:
1. Dè na dòighean
anns an robh Fionnghal NicDhòmhnaill eadar-dhealaichte
bhon mhòr-chuid de nigheanan Uibhist aig an àm?
2a. Saoil dè an luach a
bhiodh anns an airgead-cinn de £30,000 a bh' air a' Phrionnsa
anns an là an-diugh?
b. Carson a tha thu a' smaoineachadh
a bha suim cho mòr ri sin air?
3. Saoil carson a b' ann air nighean
mar Fionnghal a chaidh iarraidh am Prionnsa fhaighinn a-mach à
cunnart?
4. Saoil dè na h-adhbharan
a bh' aig oide Fionnghail air na litrichean-siubhail a thoirt
dhi agus e fhèin air taobh an riaghaltais?
5. Dè cho freagarrach agus
a tha thu a' smaoineachadh a bha an t-aodach a bh' air Betty Burke?
6. Dè a tha thu a' smaoineachadh
a tha na facail a th' air carragh-chuimhne Fionnghail ann an Inbhir
Nis a' ciallachadh?
7. Dè a bha am Prionnsa
Teàrlach a' ciallachadh nuair a thuirt e ri Fionnghal gun
robh e an dòchas gun coinnicheadh iad fhathast ann an Lunnainn?
8. Saoil an e an fhìrinn
a thuirt Fionnghal ri Prionnsa na Cuimrigh?
9. Sgrìobh an litir a chuireadh
Fionnghal às an Eilean Sgitheanach gu caraid dhi
ann an Uibhist an dèidh dhi dealachadh ris a' Phrionnsa
ann am Port Rìgh.
10. Sgrìobh do bheachdan
air a' Phrionnsa Teàrlach agus air Fionnghal.
Cothrom rannsachaidh:
1. Tha iomadach àite anns
na h-eileanan air an ainmeachadh air a' Phrionnsa. Dèan
rannsachadh air carson a fhuair cuid aca an ainm.
2. Feuch an lorg thu tuilleadh
sgeulachdan mu Fhionnghal NicDhòmhnaill agus mun Phrionnsa
Teàrlach anns an Eilean Sgitheanach.
3. Rannsaich (no smaoinich) air
adhbharan sam bith a dh'fhaodadh a bhith aig Fionnghal airson
a dhol a dh'Ameireagaidh.
4. Lorg eisimpleir de choronach
agus innis dè an seòrsa pìos ciùil
a th' ann.
Eachdraidh na rìoghachd
aig an àm
Ged a bha an aon rìgh air Alba agus air Sasainn bho 1603
bha a' chuid mhòr ann an Alba nach robh riaraichte le seo.
Cha robh iad càil na bu riaraichte nuair chaidh an dà
phàrlamaid aonadh ann an 1707. Thàinig am Prionnsa
Teàrlach gu Alba às an Ròimh ann an 1745.
B' e esan ogha Rìgh Seumas II a chaidh fhuadach agus ged
nach do shoirbhich le athair ann an 1715 bha làn dhùil
aige-san gun deigheadh aige air a' chrùn fhaighinn air
ais. Bha na Dòmhnallaich air a thaobh agus bha iadsan cumhachdach.
Ràinig e Dùn Èideann far an do
stèidhich e e fhèin mar rìgh agus à
sin chaidh e a Shasainn le arm de 5000. Chaidh gu math dha an
toiseach agus ràinig e Derby gun mhòran strì.
Ach b' e glè bheag a thaic a fhuair e ann an Sasainn agus
nuair chualas gun robh Diùc Chumberland a' tighinn na aghaidh
chaidh ìmpidh a chur air tilleadh a dh'Alba. Bha cuid de
na saighdearan aige ga fhàgail; bha iad sgìth, acrach
agus cha robh iad eòlach air a bhith air falbh bho an dachaighean
cho fada.
Choinnich arm a' Phrionnsa agus arm Chumberland
air Chùil Lodair ann an 1746 ach cha do sheas na Seumasaich
fada an aghaidh arm a' Phrionnsa. Mharbhadh 1000 Seumasach agus
chaidh àireamh mhòr den fheadhainn a thàrr
às a' bhlàr am marbhadh a-rithist le saighdearan
Chumberland. Chaidh iad tron dùthaich a' sgrios agus a'
marbhadh. Thàinig òrdugh bhon riaghaltas a' bacadh
siostam nan cinneadh, a bhith a' cleachdadh a' bhreacain, a bhith
a' cumail armachd sam bith. 'S e oidhirpean a bha seo air smachd
a chumail air na Gaidheil.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|