|
Niall Odhar (1575-1613)
Fiosrachadh
B' e Ruairidh Mòr MacLeòid, an ceann-cinnidh mu
dheireadh a bh' air Clann 'ic Leòid Leòdhais, athair
Nèill Odhair. Cha robh Ruairidh agus màthair Nèill
pòsta idir. B' e duine borb an-iochdmhòr a bh' ann
an Niall bho òige agus is iomadh gnìomh sgriosail
a rinn e an aghaidh a cho-chreutair ann an Leòdhas.
Nuair thàinig Fìobhaich a Leòdhas
ann an 1598 bha coltas an toiseach gun robh cùisean a'
dol leotha. Fhuair iad smachd air seann chaisteal Steòrnabhaigh
agus thog iad taighean far a bheil am Mol-a-deas an-diugh. Ged
nach robh muinntir a' bhaile càirdeil riutha agus ged a
bha iad a' goid bhuapa cha robh sin a' cur mòran dragh
orra gus an tug Niall Odhar ionnsaigh orra. Chaidh grunn dhiubh
a mharbhadh agus cuid de na taighean a losgadh gu làr.
Dh'fhalbh cuid de na Fìobhaich a dh'iarraidh cuideachadh
gu tìr-mòr ach air an t-slighe fhuair Murchadh MacLeòid
(brathair Nèill) grèim air an t-soitheach aca agus
chaidh an fheadhainn nach deach a mharbhadh dhiubh a chumail
fo ghlais. Air ais ann an Leòdhas lean Niall air a' marbhadh,
a' goid agus a' losgadh. Gu tubaisteach, nach ann a bhàsaich
aon de na Fìobhaich fhad 's a bha e ann an làmhan
Mhurchaidh. Chuir seo an dearg chuthach air Rìgh Seumas
VI agus thug e òrdugh do Mhorair Lennox agus Hunndaidh
na Leòdhasaich a mharbhadh agus an cuid a chreachadh ann
an dòighean cho an-iochdmhor 's a ghabhadh. Bhiodh sin
air tachairt mur e b' e Niall.
Thuig Niall an cunnart anns an robh e agus gun
smuain sam bith chuir e a chùl ri a bhràthair agus
rinn e cùmhnant ri na Fìobhaich. Gheall e gun glacadh
e Murchadh agus gun reiceadh e riutha e nam faigheadh e fhèin
maitheanas. Thionndaidh e a-nise air muinntir eilein fhèin;
mharbh e dà dhuine deug de Mhoireasdanaich Nis a bha còmhla
ri Murchadh. Chuir e na cinn dhiubh agus dh'fhalbh e le na cinn
ann am poca gu Dùn Èideann agus le Murchadh. Ann an Dùn
Èideann fhuair Niall an gealladh a bha a dhìth air agus
chaidh Mhurchadh a chrochadh. Chaidh a dhìth-cheannadh
cuideachd agus chaidh a cheann a chur air sprot os cionn geata
baile Dhùn Èidinn.
Bha greis bheag de t-sìth ann an Leòdhas
an dèidh seo ach cha b' e fear a bh' ann an Niall a bhiodh
toilichte le sìth. Ged a rinn e cùmhnant ri na Fìobhaich
ann an 1607 ro cheann na bliadhna bha Niall air losgadh air camp
nam Fìobhach agus air grunn mhath dhiubh a mharbhadh. An
dèidh seo b' fheudar do Niall a dhol fon choill oir bha
an rìgh an tòir air. B' ann gu Eilean Bheireasaigh
air Loch an Roaig a bha e a' falach agus an rìgh agus clann
MhicChoinnich an tòir air. B' ann fhad 's a bha Niall air
Eilean Bheireasaigh a bhàsaich MacCoinnich. Ghabh 'Taoitear
Chinn Tàile' an t-eilean a-null agus rinn esan an-àirde
cur às do Niall.
Fhuair e grèim air mnathan agus air cloinn
Nèill agus cheangal e iad air sgeir far an cluinneadh Niall
an èigheachd nuair bhithist gam bàthadh leis an
làn. Thug seo air Niall aontachadh ri falbh às an
eilean agus a dhol dha na Hearadh. Bha MacLeòid na Hearadh
air cùmhnant a dhèanamh ris an rìgh agus
thug esan e thairis dìreach mar a bha e fhèin air
a dhèanamh air Murchadh a bhràthair.
Chaidh a chrochadh ann an 1613 agus chaidh a
cheann-san cuideachd a chur air sprot os cionn geata Dhùn
Èidinn.
Tuilleadh fiosrachaidh
Aig an àm seo bha trì cinnidhean làidir a'
feuchainn ri seilbh fhaighinn air Leòdhas - na Leòdaich
(dom buineadh Niall Odhar), Clann 'ic Choinnich agus Moireasdanaich
Nis. Bha buairidhean daonnan a' dol air adhart nam measg.
Bha amharas aig Ruairidh Mòr (athair
Nèill) gur ann le fear de na Moireasdanaich ris an canar
am 'Britheamh' a bha a mhac, Torcaill Conanach, agus mar sin chuir
e uaithe an leanabh agus a mhàthair. Cha do chòrd
seo ri Clann 'ic Choinnich, cuideachd na mnatha, agus thòisich
iad, le cuideachadh bho na Moireasdanaich, a' feuchainn ri Leòdhas
fhaighinn dhaibh fhèin.
Bliadhnaichean an dèidh seo nuair chaidh
oighre Ruairidh a bhàthadh chunnaic Torcaill a chothrom
air an eilean fhaighinn dha fhèin. Thàinig e fhèin
le taic bho Chloinn 'ic Choinnich agus ghlac e Ruairidh Mòr.
Chùm e glaiste e fad ceithir bliadhna
ann an Caisteal Steòrnabhaigh gus mu dheireadh na gheall
Ruairidh do Thorcaill na bha e ag iarraidh. Ach aon uair 's gun
d' fhuair Ruairidh ma sgaoil nach ann a phòs e a-rithist.
Rugadh dithis mhac eile dha agus cha robh an uair sin guth air
na gheall e do Thorcaill. B' e fear, Torcaill Dubh, a bha gu bhith
na oighre. An dèidh bàs athar thuit e ann an làmhan
a' Bhritheimh le foill agus chaidh a mharbhadh.
Bha muinntir Leòdhais air a bhith riaraichte
le Torcaill Dubh agus tha e air a ràdh, air là a
dhìth-cheannaidh, gun do dhorchnaich a' ghealach, gun robh
crìth-thalmhainn ann an Leòdhas agus nach fhaigheadh
na banaraichean ach steall de fhuil bhon chrodh an àite
bainne.
Gnìomhan:
1. Sgrìobh na dòighean
anns an do dh'fhoillsich Niall Odhar gum b' e duine cealgach an-iochdmhor
a bh' ann dheth.
2. Saoil carson a bha na Fìobhaich
den bheachd gum faigheadh iad seilbh air Leòdhas?
3. Saoil carson a bhathar a' crochadh
cheann aig geata baile Dhùn Èidinn aig an àm seo?
Cothrom rannsachaidh:
1. Leugh tuilleadh mu eachdraidh
Leòdhais aig an àm seo ma tha cothrom agad air seann
leabhraichean.
2. Leugh an nobhail 'Na Fìobhaich'
le Calum MacMhaolain.
3. Rannsaich càite an robh
seann chaisteal Steòrnabhaigh air a shuidheachadh aig an
àm seo. Feuch an lorg thu beagan eachdraidh co-cheangailte
ris.
Eachdraidh na rìoghachd
aig an àm
Bha Rìgh Seumas VI na rìgh air Alba agus air Sasainn.
Ghabh esan ùidh mhòr ann an Leòdhas oir bha
e den bheachd gum b' e àite torach a bh' ann. Bha e cuideachd
air cluinntinn mu na bha de shabaid a' dol air adhart am measg
nan cinnidhean agus bha e den bheachd gum biodh e furasta gu leòr
dha seilbh a ghabhail air. Ann an 1597 chaidh dà Achd Pàrlamaid
a dheasachadh. Bha a' chiad tè ag iarraidh air cinn-chinnidh
a thighinn a Dhùn Èideann le am pàipearan-còire
agus gealltainn a bhith umhail don rìgh.
Bha an dara Achd a' mìneachadh mar a
bha Goill gu bhith air an cur an àite nan Gaidheal ann
am prìomh bhailtean na h-Alba mar Steòrnabhagh.
Ged a b' e na Leòdaich bu chumhachdaich ann an Leòdhas
aig an àm b' ann aig Clann 'ic Choinnich a bha na pàipearan-còire
agus mar sin fhuair an rìgh leisgeul air na Fìobhaich
a chur a Leòdhas.
Chaidh òrdugh a thoirt do dhà
dhuine dheug à Fìobha a dhol a Leòdhas airson:
smachd a chumail, lagh Dhè ionnsachadh dhaibh, bailtean
agus puirt-iasgaich a stèidheachadh agus màl a phàigheadh
don rìgh.
Bu mhòr a dh'fhulang na Leòdaich
fo làmhan nam Fìobhach seo; chaidh am bàtaichean
a losgadh agus cuid aca a sgiùirseadh gu tìr-mòr
no am marbhadh. Bha fios aig an rìgh nach robh an rud a
bha e a' dèanamh ceart agus rinn e a dhìcheall gus
na h-eileanaich a chur à bith, a' cumail a-mach nach robh
annta ach mortairean agus mèirlich gun mhodh, gun trocair.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|