|
Rob Ruadh MacGriogair (1671-1734)
Fiosrachadh
Bha goid chruidh gu math bitheanta ri àm Roib Ruaidh. Gu
dearbh, bha an luchd-goid glè thric fo fhiachaibh crodh
duine eile a ghoid airson urram a' chinnidh a chumail suas. Bha
daoine òga a' sealltainn am fearalas le bhith goid air
coimhearsnachd nach robh càirdeil no goid threud le uachdaran
Gallda.
Bha Clann 'ic Griogair ainmeil airson mar a
bha iad a' goid a' chruidh. Air an adhbhar seo, bha geur-leanmhainn
air a dhèanamh air Clann 'ic Griogair fad bhliadhnaichean
agus bha iad air an càineadh ann an iomadh àite
de dh'Alba. B' e Rob Ruadh an ceann-cinnidh a b' ainmeile a bha
aig aon fhine den chinneadh.
Rugadh Rob Ruadh MacGriogair ann an 1671 air
taobh tuath cladach Loch Catrìona. Bha fearann aig athair
air an talamh fhiadhaich chreagach tuath air Beinn Laomainn. Lean
Rob adhbhar nan Seumasach anns na cogaidhean cràbhaidh
anns an t-seachdamh linn deug agus bha e a' sabaid còmhla
ri Iain Greumach à Taigh Chlèibhear aig Blàr
garbh Choille Chreagaidh ann an 1689. Na dhèidh seo, chaidh
athair a ghlacadh agus a chur ann am prìosan ann an Tolbooth
Dhùn Èidinn airson pàirt a ghabhail anns an ar-a-mach.
Thòisich Rob Ruadh air crodh a ghoid
agus, beag air bheag, fhuair e ainm dha fhèin. Bha fios
gur e fear-gnothaich seòlta a bh' ann, fear a bha math
air sabaid agus fear aig an robh sgil an ceann dhaoine. Bha e
cuideachd an urra ris àiteachan àraidh air Ghalldachd
a dhìon o Ghaidheil eile a bha a' goid. 'S e 'Faire' a
chanadh iad ris an seo agus, airson seo, bha màl air a
phàigheadh dha. Uaireannan, cha robh am màl air
a phàigheadh ann an airgead ach ann an crodh dubh, agus
's ann on sin a thàinig am facal 'màl-dubh'.
Bha cuid de na Gaidheil agus de na Goill gu
math beartach ri linn na bh' aca de chrodh aig an àm
agus bhiodh fèill mhòra gan cumail gach bliadhna
ann an àiteachan mar Craoibh agus an Eaglais Bhreac. Bha
seo a' ciallachadh gum feumadh crodh a bhith air an dròbhaireachd
uaireannan astaran fada chun fhèill. Bha sgil shònraichte
an lùib na dròbhaireachd seo oir dh'fheumadh eòlas
a bhith aig an dròbhair air an aimsir, air an dùthaich
agus cuideachd air gnìomhachas. B' e gnìomhachas
a bh' ann - gnìomhachas prothaideach ach cunnartach. 'S
dòcha gum b' e seo bu choireach cho tarraingeach 's a bha
e do Rob Ruadh.
Ann an 1712 ghabh Rob Ruadh suim mhòr
airgid bho Diùc Mhontròis airson crodh a cheannach
dha. Ge bith dè bu choireach cha b' urrainn dha fhèin
seo a dhèanamh agus dh'fhàg e an obair an urra ri
neach-ionaid, fear de Chloinn Dhòmhnaill. Theich MacDhòmhnaill
leis an airgead agus chan fhacas tuilleadh e.
Cha deigheadh aig Rob air an airgead gu lèir
a phàigheadh còmhla agus thabhann e gum pàigheadh
e earrannan dheth an-dràsta 's a-rithist ach cha ghabhadh
Mhontròs ri sin idir. B' fheudar do Rob Ruadh a dhol fon
choill. Thàinig Montròs gu a dhachaigh, sgiùrs
e a bhean agus a' chlann a-mach agus chuir e teine ris an taigh
mar dhìoghaltas. Chaidh Rob Ruadh agus a dhaoine tro fhearann
Mhontròis, a' togail nam màl (le gunna nam b' fheudar)
a bha ri dhol gu Montròs. Chreach iad na sìol-lann
aige cuideachd agus thug iad an gràinn do na bochdan. Bha
taobh a-riamh aige ri na bochdan. Nuair thàinig e gu aire
gun robh boireannach bochd gu bhith air a cur a-mach às
a dachaigh airson nach b' urrainn dhith am màl a' phàigheadh
thàinig Rob thuice leis an airgead. Dh'iarr e oirre bann-cuidhteachta
iarraidh air a' bhàillidh. Bha Rob ga fheitheamh oir b'
e an dearbh dhuine a chreach a dhachaigh fhèin. Chaidh
a ghlacadh air a shlighe gu Sruighlea agus chaidh an t-airgead
a thoirt bhuaithe.
Airson gnìomhan den t-seòrsa chaith
Rob Ruadh iomadh bliadhna fon choille. Mu dheireadh chaidh leigeil
dhà. Bha e daonnan a' cuideachadh dhaoine air an robh na
h-uachdarain trom. Nuair bha e 63 dh'fhàs e tinn. Thàinig
fear de mhuinntir MhicLabhrainn a thadhal air agus dh'èirich
e, chuir e air a bhreacan, a dhaga agus a bhiodag.
B' ann airson co-chòrdadh a dhèanamh
a thàinig MacLabhrann oir bha buaraidhean air a bhith eatarra.
Nuair dh'fhalbh MacLabhrann thuirt Rob 'cuir don leabaidh mi;
tha gach nì seachad. Iarr air a' phìobaire, 'Cha
till mi tuilleadh' a chluich dhomh'. Sin mar a bhàsaich
Rob Ruadh am measg a dhaoine fhèin ann am Both Chuidir.
Tuilleadh fiosrachaidh
'S e ''S Rìoghail mo Dhream' suaicheantas Chloinn Ghriogair.
Tha iad a' cumail a-mach gun tàinig iad bho Shìol
Alpainn a chog an aghaidh nan Ròmanach aig Mons Graupius
ann an 84 AD. Tha e coltach gun tàinig fear Griogar gu
bhith na rìgh nuair mharbh e Mac Choinnich Mhic Ailpein
anns an 10mh linn. Bha fearann mòr aig Clann Griogair anns
an 13mh linn ach bha na Caimbeulaich daonnan a' strì airson
cuid mhath dheth a thoirt bhuapa. Anns an 16mh linn bha iad an
ìre mhath gun fhearann idir agus b' e a bhith a' creachadh
an aon dòigh a bh' aca air a thighinn beò. Ged a
bha Uilleam Orainds stèidhichte mar rìgh b' e Seumasaich
a bh' ann an Clann Ghriogair agus cha do chuidich seo cùisean
Rob Ruaidh aig iomadh àm.
Ged a chaidh achdan a thoirt a-mach an aghaidh
Chloinn Ghriogair bha iad doirbh an cumail air sgàth an
seòrsa dùthcha anns an robh iad a' fuireach. Gu
math tric bha e doirbh an lorg am measg cnuic Bhraid Albainn.
Bha fearann Chloinn Ghriogair timcheall air
Loch Catrìona faisg air fearann torrach deas air Loch Laomainn.
Tuath air sin bha na cnuic. Bha crodh a-riamh cudthromach mar
phàirt de eaconomaidh na Gaidhealtachd. Bha maoin cinn-feadhna
air a thomhas a rèir na bh' aige de chrodh. Bha iad air
an cleachdadh mar mhàl a thuilleadh air a bhith nam biadh.
Gu dearbha b' e nàdar de 'stait-shochaire' a bh' annta
ann an àm èiginn agus pàirt den eaconomaidh
sin stèidhichte air a' phrìs a gheibhteadh orra
aig na fèill. Dh'fheumadh na beathaichean sin a bhith air
an dìon bho luchd-creiche agus stèidhich Clann Ghriogair
iad fhèin, le cead bhon riaghaltas, mar fir-dìon.
Cha robh iad a' faicinn càil ceàrr air an dà
bhun-tomhais a bh' aca!
Tha ìomhaigh de Rob Ruadh ann an Sruighlea.
Mothaichidh neach cho uabhasach fada agus a tha na gàirdeanan
aige. Bha cuid a' dèanamh a-mach gun deigheadh aige air
a bhrògan a cheangal gun lùbadh. Rinn Bhaltar Scott
cinnteach gum biodh Rob Ruadh MacGriogair air chuimhne gu bràth
aig na h-Albannaich. Sgrìobh e leabhar, 'Rob Ruadh', a
bha stèidhichte am pàirt air beatha Roib agus tha
e a' sealltainn Rob mar dhuine le cultar ach cuideachd le cruaidh-bharail,
le tuigse gheur agus deagh-bheusach.
Gnìomhan:
1. Lorg air map far an robh fearann
Chloinn Ghriogair.
2. Seall ri dealbhan de Rob Ruadh
agus de dhròbhairean agus beachdaich ach dè cho
freagarrach agus a tha an t-aodach a th' orra.
3. Dè an seòrsa suidheachaidh
a th' aig neach ma tha e fon choill?
4. Ciamar nach do chaill Rob Ruadh
càil ann a bhith a' cuideachadh a' bhoireannaich bhochd?
5. Saoil ciamar a bha na gnìomhan
aige follaiseach ged nach robh e fhèin?
6. Ciamar a bha crodh mar 'stait-shochaire'?
7a. Dè an dòigh anns
an robh dà bhun-tomhais aig Rob Ruadh?
b. Dè do bheachd fhèin
air an seo?
8. Saoil ciamar a bhiodh gàirdeanan
fada feumail do Rob Ruadh (a thuilleadh air a bhrògan a
cheangal)?
Cothrom rannsachaidh:
1. Ged is e nobhail a th' anns
an leabhar aig Bhaltar Scott tha e a' toirt dealbh math seachad
air Rob Ruadh agus air eachdraidh na dùthcha. Leugh e airson
tuilleadh fiosrachaidh.
2. Dèan tuilleadh rannsachaidh
mu Rob Ruadh ann an leabhraichean eachdraidh.
Eachdraidh na rìoghachd
aig an àm
Thàinig Seumas II gu bhith na rìgh air Alba agus
air Sasainn ann an 1685. B' e Caitligeach a bh' ann dheth agus
ged a bha taic mhòr aige ann an Alba cha robh ann an Sasainn.
Bha na Sasannaich a' feuchainn ri dòigh fhaighinn air a
chur às agus nuair a rugadh mac dha ann an 1688 thàinig
cùisean gu ceann. Chuir uaislean Shasainn fios gu Uilleam
Orainds às an Òlaind a thighinn gu bhith na rìgh.
B' e Pròstanach a bh' ann an Uilleam agus bha e pòsta
aig Màiri, nighean Rìgh Sheumais. Nuair thàinig
Uilleam agus Màiri thug iad cothrom do Sheumas agus a theaghlach
a dhol don Fhraing. A-riamh bhon là sin bha buidheann mhòr
ann an Alba a bha a' strì airson na Seumasaich fhaighinn
air ais. Bha Clann Ghriogair gu mòr air taobh nan Seumasach
seo.
Ann an 1715 chuir Iarla Mhàr comhairle
cogaidh an grèim airson cuideachadh a thoirt do Sheumas
Stiùbhart. Bha làmh aig Rob anns an ar-a-mach seo.
Air Sliabh an t-Siorraim faisg air Dùn
Bhlàthain, bha an dà thaobh a' sabaid ann am blàr
mòr agus ged a bha e an ceann sguadrain den luchd-cinnidh
aige, cha do ghabh e fhèin no na daoine aige pàirt
anns an dòrtadh fala. An dèidh a' bhlàir,
chuir a' Phàrlamaid achd troimhe ag ràdh gun robh
Rob agus cinn-cinnidh eile ciontach de bhrathadh. Bha e fhèin
agus an luchd-cinnidh aige air an ruaigeadh 's air an lorg le
saighdearan an Riaghaltais agus bha Rob beò mar fhògarrach
aig nach robh fois. Còmhla ri na gnìomhan eile anns
an robh e an sàs bha Rob Ruadh agus Clann Ghriogair daonnan
ag obrachadh airson na Seumasaich fhaighinn air ais agus a' strì
os ìosal agus anns an fhollais airson seo a thoirt gu buil.
Bha iomadh cinneadh eile ann an Alba air an taobh ged nach robh
a h-uile fear dhiubh.
Dh'fhàg seo cùisean gu math troimhe-chèile
ann an Alba anns an 18mh linn le cinnidhean daonnan a' strì
an aghaidh a chèile agus an aghaidh an rìgh. Lean
seo gu Bliadhna Theàrlaich (1746).
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|