GRD > Faidhle Eachdraidh > Fčilltean > An Nollaig
An Nollaig
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


An Nollaig
Canaidh cuid nach robh na Gaidheil a' toirt mòran aire do Là na Nollaige anns na làithean a dh'fhalbh is tuigidh tu bho na h-iomraidhean a th' againn air a' Challainn gur e Là na Bliadhna Ùire bu chudthromaiche. Cha robh am facal 'Nollaig' sa bhriathrachas gu ìre mhòr sam bith aig aon àm; b' e 'Christmas' a chante ris, a' sealltainn nach robh e idir san dualchas againn. Is dè a' chiall a th' aig an fhacal, co-dhiù?

Tha iomadh beachd a' dol is a' chuid mhòr dhiubh a' meas gu bheil e a' tighinn bho chànanan eile. Canaidh cuid gur e cuirm a tha e a' ciallachadh, cuid eile gur e mòrachd, cuid gu bheil e a' tighinn bho nuadh, is cuid eile gur e facal Laidinn a th' ann airson nativity no breith.

A rèir faclair Dwelly bha Nollaig mhòr is Nollaig bheag ann, Nollaig mhòr - Christmas, is Nollaig bheag - Là na Bliadhna Ùire. Tha beachdan eile ga chur san dòigh eile, ag ràdh gur i a' Bhliadhna Ùr an Nollaig mhòr. Tha e follaiseach gun robhas, dha-rìribh, a' comharrachadh an ama seo nar dualchas.

Bha am facal, Nollaig, air bilean an t-sluaigh an co-cheangal ri sìde no àiteachas mar a chì sinn bho na seanfhacail is na ràdhan a leanas:

Foghar gu Nollaig is Geamhradh gu Fèill Pàdraig
'S i an Nollaig dhubh a dh'fhàgas an cladh mèath

Ann an làithean ro mhìosachain bha an Nollaig mar chomharradh is mar dhòigh air na làithean oibreachadh a-mach:
'Nollaig an-diugh, Bealltainn a-màireach' - bha seo a' ciallachadh nan tuiteadh Là na Nollaige air Diluain gum b' e Dimàirt a bhiodh ann air a' chiad là den Chèitein.

Bha seanfhacal eile, mar gum biodh, a' cur an cuimhne gun robh obair ri dhèanamh:

Is buaine bliadhna na Nollaig.

Is nach canadh sibh gur h-iongantach mur robh an Nollaig a' ciallachadh cuirm de sheòrsa air choreigin is an ràdh seo cho cumanta aig aon àm?

Cha robh Nollaig mhòr gun fheòil no bean òg le deòin gun fhear.

Tha ceangal ri creideamh a' nochdadh anns an ath fhear:

Am fear nach dèan an Nollaig le deòin nì e a' Chàisg a dh'aindeòin.

Mar sin chithear gun robh cudthromachd air choreigin aig an fhèill seo.

B' e balaich nam bailtean (ris an canar goisearan) a bhiodh a' cumail na Nollaige; air an oidhche ro Là na Nollaige dheigheadh iad bho thaigh gu taigh agus thogadh iad leanabh an taighe nan gàirdeanan. Mura biodh leanabh anns an taigh dheigheadh cruth de leanabh a chleachdadh.

Bhathas an uair sin a' cur an leanaibh na laighe air craiceann uain fhireann anns nach robh smal (b' e uilim an t-ainm a bh' air seo is bhiodh e air ullachadh aig an teaghlach ro làimh). Bha an leanabh sa chraiceann air a ghiùlain trì tursan, deiseil, timcheall an teine fhad 's a bha an còmhlan bhalach a' seinn 'laoidh' Nollaige. An dèidh sin bha tabhartasan ga thoirt don leanabh agus bha muinntir an taighe a' toirt biadh is deoch do na balaich airson cuirm a dhèanamh.

Bha nollaig eile air a cumail dha na beathaichean, Nollaig do Sprèidh; bha e na chleachdadh bracaist shònraichte a thoirt do na beathaichean air Là na Nollaige; bha bad coirce ga thoirt do na h-eich is don chrodh, bha badan coirce air an cur a-mach dha na caoraich sna h-achaidhean agus bha biadh freagarrach ga thoirt do mhucan is chearcan cuideachd. Nam biodh craobh faisg air an taigh bhathas a' crochadh bad coirce oirre.

Ann an cuid de dh'àiteachan an Alba bhathas a' creidsinn gun robh an crodh a' lùbadh an glùinean anns na bàthaichean air madainn na Nollaige agus bha cuid a' creidsinn gum fàgadh na seillein am beachlainn aig trì uairean air madainn na Nollaige is gun tilleadh iad sa bhad.

Bha an dòigh anns an robhar a' cumail na Nollaige a rèir cleachdaidhean is creideamh na h-eaglaise dham buineadh neach; cha robh Pròstanaich a' gèilleadh don Nollaig oir bha iad a' meas gur e fèill Chaitligeach a bh' innte. Bha an là fhèin air a bhith air a thaghadh leis an eaglais o chionn fhada mar dhòigh air cur às do chleachdaidhean pàganach is mar sin tha freumhan de gach creideamh rin lorg annta fhathast.

Ann an cuid de na h-eileanan cha robh Là na Nollaige mar shaor-là gu 1957; ron sin bhiodh daoine a' dol a dh'obair mar air là seachdaineach eile ged a bhiodh a' chlann a' faighinn tiodhlacan Nollaige.

Cleachdaidhean na Nollaige - Loga na Nollaige
Air Gaidhealtachd na h-Alba bha an loga mar shamhla air a' Chaillich no spiorad a' gheamhraidh agus bhathas a' toirt cumadh caillich air an loga. Bhathas ga cur am meadhan an teine is a' suidhe timcheall fhad 's a bha i a' losgadh.

Na Coinnlean
Bha iad sin gam faighinn bho na ceannaichean is bha iad na bu mhotha na coinnlean eile. Anns na h-eileanan Caitligeach bhathas gan cur dha na h-uinneagan ach cha robh Pròstanaich gan cleachdadh idir. Bha solais anns na h-uinneagan a' dol air ais gu àm far an robh aoigheachd ga thoirt do choigrich agus bha seo airson an t-slighe a shoilleireachadh. Nam biodh solas agad anns an uinneig air an oidhche ron Nollaig bha sin a' ciallachadh gun robh thu a' cur fàilte air coigrich agus cuideachd air teaghlach Chrìosda. Mura biodh solas innte bha thu mar fear an taigh-òsta a thuirt nach robh rum aige dhan teaghlach naomh.

Nuadhulaig
Aig aon àm bhathas ga mheas naomh air feadh na Roinn Eòrpa ach b' ann aig stad-grèin an t-samhraidh is a' gheamhraidh a bha na Ceiltich ga bhuain. Bha deas-ghnàthan sònraichte gan cuairteachadh aig na h-amannan sin far am bitear a' marbhadh tharbh is gan ìobradh. Tha ainm na luibhe seo a' ciallachadh slànachadh agus bhathas a' creidsinn gun robh i èifeachdach an aghaidh puinnsean is buidseachd agus cuideachd gun dèanadh i an crodh torrach. Tha an cleachdadh a bhith a' pògadh fon nuadhulaig a' dol air ais gu deas-gnàth draoidheil.

Cuileann
Bhathas a' crochadh cuileann agus luibhean sìor-uaine eile ann an taighean air Ghaidhealtachd gus droch shìthichean a chumail air falbh.

A' Chraobh Nollaige
Ged nach robh craobhan Nollaige ann am Breatainn gus 's dòcha an 19mh linn bha iad cumanta ann an dùthchannan eile.

Bodach na Nollaige
Bha na gibhtean a bhios Bodach na Nollaige a' toirt seachad mar shamhla air na gibhtean a chaidh a thoirt do Chrìosd aig àm a bhreith. A rèir seann sgeulachdan bidh Crìosd a' tadhal air an t-saoghal aig an àm seo, ann an cruth dìol-dèirce, le tiodhlacan do chlann. Tha measgachadh mòr de sgeulachdan ann mun bhodach seo is mun ainm aige is iad uile nam measgachadh de dhualchasan eadar-dhealaichte. Ach carson a bhios e a' tighinn a-nuas an t-similear? An ann airson gu bheil a fhreumhan co-cheangailte ri buidsich is ri droch chreutairean?

Laoidhean Nollaige
Bha am facal carol a' ciallachadh seòrsa de dhanns cearcallach ged a tha na laoidhean Nollaige a bhios sinne a' seinn bonntaichte ann an creideamh.

Cairtean Nollaige
B' ann ann an 1843 a nochd a' chiad chairtean Nollaige ann an Sasainn ach cha b' fhada gus na thòisich gach ceàrn den dùthaich gan cleachdadh. Bha na dealbhan a bh' orra a rèir fasanan an là. Seach gur e àm a th' anns an Nollaig airson a bhith a' cuimhneachadh tha mòran de na cairtean le seallaidhean is dòighean-beatha bho amannan a dh'fhalbh ach tha barrachd dhiubh a-nis le seallaidhean de Chrìosdaidheachd.

An là an-diugh
'S dòcha gur ann ri linn nach robhar a' cumail na Nollaige ann an Alba a tha an fhèill seo cho buileach coimearsanta an-diugh oir tha na th' againn air a thighinn à dùthchannan eile is chan ann bho ar dualchas fhìn. Chan eil teagamh sam bith nach eilear a' cumail na fèille seo ged a tha cuid, leithid Ruaraidh MacThòmais den bheachd gu bheil i air a brìgh a chall:

Cuileann is tinsel is solais
Is Crìosd ann an riochd craoibhe
Crìosd anns an uinneig?

Crìosd ann an riochd leanaibh
Le làraidh is feadag is watch.

Ach eadhon bho chaidh siud a sgrìobhadh tha an Nollaig air fàs nas coimearsanta buileach! Cha toireadh clann an là an-diugh taing dhut airson làraidh is feadag!

© na dealbhan Christine Campbell & GRD