A' Challainn
B' e Fèill na Samhna toiseach na bliadhna Ceiltiche is
mar sin b' e sin a' bhliadhna ùr a bh' aig na Ceiltich.
Nuair a thàinig Crìosdaidheachd agus suas gu 1600
b' ann air 25 Màrt a bhathas a' cumail na bliadhn' ùire.
Ach ge b' e dè an ceann-là a bhathas a' cumail bha
e na chleachdadh cruinneachadh aig cearcall chlach no an àite
sònraichte eile airson a' bhliadhna ùr a thoirt
a-steach.
B' e Oidhche Challainn a bhathas a' cumail air
Ghaidhealtachd is anns na h-eileanan agus bha an fhèill
seo fada na bu chudthromaiche na An Nollaig. B' e Oidhche nam
Bannag ainm eile airson na h-oidhche seo. B' e àm subhachais
a bh' ann ach bha freumhaichean de na seann deas-ghnàthan
is de na h-ìobairtean co-cheangailte rithe cuideachd.
Air Oidhche Challainn bha e na chleachdadh anns
na h-eileanan a bhith a' dol timcheall nan taighean, còmhdaichte
ann an craiceann caorach is a' gabhail Duan na Callainne. B' e
balaich a bhiodh a' dèanamh seo agus bhiodh maidean aca
leis am biodh iad a' bualadh nan craiceann is ballachan nan taighean.
Bha seo gus droch spioradan de gach seòrsa a chumail air
falbh. B' e am pìos craicinn a bh' air amhach a' bheathaich
a bhiodh aca, an caisean-uchd. Bha seo air a dhathadh san teine
agus bha e air a thoirt do gach ball den teaghlach, duine mu seach.
Dh'fheumadh gach neach a chur ri shròin gus na droch spioradan
a chumail air falbh.
Bha iomadh duan Callainn gan seinn; seo aon eisimpleir:
Mise a-nochd a' tighinn dar
n-ionnsaigh
A dh'ùrachadh dhuibh a' Challainn
Cha leig mi leas a bhith ga innse
Bha i ann bho linn mo sheanar.
A' tighinn deiseil air an fhardaich
Bualadh le fàilte aig an doras
Mo dhuan a ghabhail aig a' chòmhla
Gu modhail eòlach mar a b' aithne.
Pìos de chaisean-uchd na caorach
Chaidh a ròsladh ann an cabhaig
Gheibh a' bhean e on 's i as fhiach e
Làmh a riaraicheadh nam bannag.
Ach leis an achd a tha san dùthaich
Cha bhi dùil againn ri drama
Ach beagan de thoradh an t-samhraidh
Tha mi an geall air leis an aran
A' Challainn seo.
Bha duan ann cuideachd airson taobh a-muigh
an taighe is fear eile a bhitear a' gabhail a-staigh. B' e Caisean
a' Bhuilg a chanar ris an fhear seo:
Callainn
a' bhuilg
Callainn a' bhuilg
Buail am boiceann
Buail am boiceann.
Callainn
a' bhuilg
Callainn a' bhuilg
Buail an craiceann
Buail an craiceann.
Sìos
e, suas e
Buail an craiceann.
Bha am balach a bh' air ceann a' chòmhlain
air a chòmhdach le seiche tairbh le na cruidhean is na
h-adhaircean fhathast ceangailte rithe. Bha an còmhlan
gu lèir a' dìreadh gu mullach an taighe is a' dèanamh
fuaim eagalach. Nuair a thigeadh iad a-nuas bha duan eile ga ghabhail,
a' moladh muinntir an taighe, bhon robh dùil aca tiodhlacan
fhaighinn.
Bhathas a' dol deiseil timcheall an teine (nach
fhaodar a leigeil às air an oidhche seo idir) agus an uair
sin gheibheadh iad biadh is deoch. Mar sin, cha robh e na iongnadh
gun robh gleadhraich mhòr ann ro dheireadh na h-oidhche.
Nam faigheadh iad mìlsean is eile bha na balaich a' beannachadh
muinntir an taighe ach mur faigheadh thogadh iad càrn chlach
air taobh a-muigh an taighe.
Bha na taighean air an sgeadachadh le cuileann
gus na sìthichean a chumail air falbh. Bhathas a' creidsinn
nan deigheadh balach a bhualadh le geug den luibh seo gus an tigeadh
an fhuil às gum biodh am balach sin beò cho fada
ris an àireamh bhoinneagan fala a thigeadh às. B'
e dòigh gu math goirt a bha seo air beatha fhada fhaighinn!
Bha cumhachdan sònraichte aig càise, gu h-àraidh
nam biodh toll innte, is b' e Càise Callainn no laomacha
a chanar ris a' chàise a bhitear ag ithe aig an àm
seo. Nan sealladh duine a bh' air chall tron toll seo lorgadh
e a shlighe dhachaigh. Ach nach fheumadh a' chàise seo
a bhith na phòcaid an-còmhnaidh?
Bha geamachan de gach seòrsa gan cluich
aig an àm seo, gu h-àraidh geamachan far an robhar
a' tomhais cò bha thu dol a phòsadh.
Ann an cuid de dh'àiteachan bhitear a'
losgadh aiteann air beulabh nam beathaichean oir bha a' chraobh
seo air a meas naomh is bhathas a' creidsinn gun cuireadh seo
dìon air a' chrodh. Mus deigheadh an teaghlach a chadal
air oidhche (no madainn) na bliadhna ùire bhiodh ceann
an teaghlaich a' cur bonn airgid air leac an dorais; nam biodh
am bonn ann an ath là dheigheadh a' bhliadhna gu math dhaibh
ach mura biodh thigeadh bochdainn orra.
Bhathas cuideachd a' toirt an aire don aimsir
aig àm na bliadhna ùire mar a chì sinn bhon
rann a leanas:
Gaoth a deas na Callainn, teas
is toradh
Gaoth an iar na Callainn, iasg gu carraig
Gaoth a tuath na Callainn, fuachd is feannadh
Gaoth an ear na Callainn, meas air crannaibh.
Seo rann eile mun aimsir; b' e comharradh math
a bh' ann nam biodh na craobhan a' crathadh:
Oidhche Challainn, bu mhath
cuileann is calltainn
A bhith bualadh a chèile.
Bhitear cuideachd a' coimhead ri na speuran
airson Tarbh Choinnle. B' e sgòth bheag a' dol seachad
san adhar mus tuiteadh an oidhche a bha seo agus bhathas a' toirt
breith air a' bhliadhna bha tighinn a rèir cumadh na sgòtha.
Bha cuid a chanadh An Nollaig Bheag ri Là
na Bliadhna Ùire. Bha cleachdadh sònraichte an cois na
Nollaige Bige cuideachd; sa mhadainn bheireadh athair an teaghlaich
drama uisge-beatha do gach neach san teaghlach ron bhracaist.
B' e bracaist àraid a bh' aca air a' mhadainn sin cuideachd;
b' e brochan-cruithneachd nach robh buileach bruich a bhiodh iad
ag ithe oir bha iad a' creidsinn gun toireadh seo deagh shealbh
don teaghlach. An dèidh sin bha an teaghlach a' cur fàilte
air a chèile agus air gach neach ris an coinnicheadh iad.
Tha e coltach nach robh an cleachdadh seo ann am Muile no sna
h-Eileanan Siar idir. An dèidh na bracaist dheigheadh na
balaich a chluich iomain agus bhiodh bracaist mhòr a' feitheamh
orra nuair a thilleadh iad.
Bha an taigh ga ghlanadh bho bhun gu bàrr
an oidhche roimhe agus chan fhaodadh càil sam bith a bhith
air fhàgail gun a chrìochnachadh. Air an là
seo chan fhaodadh càil a bhith air a shadail a-mach às
an taigh, uisge salach, luath no rud sam bith. Nan tachradh gun
deigheadh teine nàbaidh às cha deigheadh a chuideachadh
ann an dòigh sam bith gus a lasadh a-rithist oir bha seo
air a mheas mì-shealbhach agus a' ciallachadh gun tigeadh
bàs don dachaigh ro dheireadh na bliadhna. Bha seo cuideachd
a' ceadachadh do na buidsich an toradh a thoirt bhon chrodh. Cha
bu chòir do bhoireannach sam bith a dhol a-steach do thaigh
air thoiseach air fear air an là seo na bu mhò.
Nam biodh bàs ann ron àm seo dh'fheumadh
an tiodlaiceadh a bhith seachad ron Challainn ach b' e àm
soirbheachail a bh' ann airson bainnsean.
An là an-diugh
Ged nach eil balaich a' dol timcheall nan taighean an-diugh a'
seinn duan Callainn tha mòran de na cleachdaidhean eile
gan cumail; bidh càirdean a' tadhal air a chèile
agus muinntir na nàbachd a' dol bho thaigh gu taigh far
am bi iad a' faighinn gu leòr ri ithe is ri òl.
Tha e na chleachdadh cuideachd ann an cuid de cheàrnaidhean
air Ghaidhealtachd gèam camanachd a chluich.
Ann an Càrlabhagh ann an Leòdhas
bidh muinntir a' bhaile a' dìreadh cnoc le pìobaire
air an ceann air madainn na bliadhna ùire. Cuiridh a' chiad
duine a ruigeas am mullach bratach a' bhaile an-àirde agus
thèid drama uisge-beatha òl mus till an còmhlan
sìos gu dìnneir na bliadhna ùire.
Tha e na chleachdadh cuideachd a-nis ann an
Glaschu is an Dùn Èideann aig daoine a bhith a' cruinneachadh
am meadhan a' bhaile airson a' bhliadhna ùr a thoirt a-steach.
Tha a h-uile càil a tha sin mar
chuimhne air cuid de sheann chleachdaidhean ar sinnsir.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|