GRD > Faidhle Eachdraidh > Fèilltean > Didòmhnaich Càisge
Didòmhnaich Càisge
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Didòmhnaich Càisge
'S e àm ùrachaidh a th' anns a' Chàisg nuair a tha obair nàdair a' tighinn beò agus aig àm pàganach bha ìobairtean air an toirt seachad do bhana-dhia an Earraich.

Bidh a' Chàisg a' tuiteam aig amannan eadar-dhealaichte a rèir a' mhìosachain againne ach tha an rann seo ag innse le cinnt cuin a tha a' Chàisg ann:

Seachd seachdainean gu bràth
Eadar a' Chàisg is Inid.

B' ann air Diardaoin na Càisge a bhathas ag ràdh a bhiodh daoine a' dòrtadh leann no uisge-beatha dhan mhuir gus am faigheadh iad toradh na mara, feamainn, na àite airson am fearann a mhathachadh. B' e Diardaoin a' Bhrochain a chanar ris an là seo anns na h-eileanan.

Bha Didòmhnaich Càisge air a chumail air Ghaidhealtachd le bhith a' deasachadh bonnach; bhiodh na daoine òga a' bruich uighean is gan dath; an uair sin roiligeadh iad iad le cnuic mus itheadh iad iad. Bhathas cuideachd a' cumail Dihaoine mar là naomh agus chan fhaodadh duine sam bith a bhith ag obair air caoraich air Dihaoine no caoraich a mharbhadh na bu mhò. Air Dihaoine cuideachd cha deigheadh iarann de sheòrsa sam bith a chleachdadh.

A rèir seann sgeulachd fhuair a' chraobh chritheann a h-ainm air sgàth gur ann leis an fhiodh aice a chaidh crann-ceusaidh Chrìosd a dhèanamh agus a-riamh bhon uair sin tha a' chraobh seo air a bhith air chrith le nàire. Bha uair a dheigheadh daoine chun na craoibhe seo aig àm na Càisge gus a mallachadh.

Tha sgeulachd eile ag innse gum bi a' ghrian a' danns anns na speuran le aoibhneas air Là na Càisge agus ann an cuid de na h-eileanan bhiodh a' chlann a' dìreadh cnoc gus an sealladh seo fhaicinn.

An là an-diugh
'S ann mar shamhla air a' chleachdadh a bhith a' deasachadh bhonnach air Là na Càisge a thàinig na 'hot-cross buns' a bhios sinne ag ithe an-diugh. Tha uighean na Càisge le an samhlachas fhèin cuideachd; ged a bha uighean air an cleachdadh ann an deas-ghnàthan nam pàganach tha iad, sa chreideamh Chrìosdail, nan samhla air a' chloich a chaidh a roiligeadh bho uaigh Chrìosd.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD