Fèill Mhìcheil
B' e 29 Sultain Là Naomh Mìcheil, Mìcheal nam
Buadh, aig an robh cumhachd thairis air an dorchadas agus a bha
na naomh na mara, na tìre, nam bàtaichean is nan seòladair,
nan eich is nam marcaichean.
Ann an eileanan na h-Alba b' e Fèill
Mhìcheil prìomh fhèill na bliadhna an toiseach.
Ann an dòigh b' e cuirm Chrìosdail a bh' innte ach
bha mòran de na deas-ghnàthan a bha co-cheangailte
rithe le ceangal ri pàganachd, caran coltach ris an fheadhainn
a bha co-cheangailte ri Fèill na Samhna. Bha an dà
chreud a' measgachadh ri chèile san fhèill seo.
An oidhche ron fhèill bha uan gun smal
ga mharbhadh agus bha bonnach ga dheasachadh (Struan Mhìcheil)
bhon bhàrr a shaothraich iad fhèin fad na bliadhna.
Bha am bonnach a' samhlachadh toradh na talmhainn is an t-uan
toradh na sprèidhe. B' e an nighean bu shine san teaghlach
a bhiodh a' deasachadh a' bhonnaich le cuideachadh bho a màthair
is bho peathraichean. Bha duan ga ghabhail fhad 's a bha an deasachadh
seo a' dol air adhart cuideachd.
Airson am bonnach a chòcaireach b' e
fiodh sònraichte leis am feumar an teine a dhèanamh,
dìreach mar a bh' aig fèilltean eile. Nam biodh
ball den teaghlach air falbh bhon taigh, no eadhon air bàsachadh,
bha bonnach ga dhèanamh na ainm is ga roinn air an teaghlach
no ga thoirt do chuideigin bochd sa choimhearsnachd. Nam briseadh
am bonnach san deasachadh bhiodh dùil ri mì-fhortan.
Bha a' mhin thioram a bh' air fhàgail
air a' chlàr-fuine ga cur am broinn stocainn agus air a
crathadh air an sprèidh an ath là gus an dìon
bhon droch-shùil is bho chunnart agus gus an dèanamh
torrach.
Bha na bonnaich gan toirt dhan eaglais an ath
là gus am beannaicheadh an sagart iad. An dèidh
sin bha iad a' tilleadh dhachaigh a ghabhail biadh Mhìcheil,
am bonnach agus an fheòil uain ach mus tòisicheadh
iad bha iad a' togail Iolach Mhìcheil, a' toirt taing dhan
naomh a bha gan dìon is gan stiùireadh agus dha
Dia a bha a' toirt biadh, aodach is slàinte dhaibh. Bha
athair is màthair an teaghlaich a' falbh an dèidh
na dìnneir a thoirt na bha air fhàgail do dhaoine
bochda sa choimhearsnachd.
B' ann an dèidh sin uile a bha na rèisean
a' tòiseachadh. Seach gur e naomh nan each a bh' ann am
Mìcheal bha an fhèill ga cumail le a bhith a' rèiseadh
air eich.
Bha cleachdadh a' dol cuideachd gum faodadh
duine sam bith each a ghoid air an oidhche ro Fèill Mhìcheil
fhad 's a bheireadh e an t-each air ais dha mhaighstir an dèidh
na rèise. B' ann faisg air an tràigh a bhiodh na
rèisean sin a' gabhail àite, an dèidh dhaibh
an cladh a chuairteachadh mar onair do an sinnsir; bha seo caran
coltach ri creideamh nan Sìneach san là an-diugh.
Bhiodh na fir òga a' marcachd gun diollaid no srian ach
pìos murain agus bhiodh an leanainn air an cùlaibh
air na h-eich ach bha a h-uile duine a b' urrainn a' marcachd
air an là seo. An dèidh nan rèisean bhiodh
iad a' toirt ghibhtean seachad dha chèile; bheireadh na
fir sginean no sporain do na mnathan is bheireadh na mnathan curranan
dhaibh-san. Bha iad air na curranan sin a thoirt às an
talamh air an Didòmhnaich ron fhèill (Dòmhnach
Churran) agus fhad 's a bha iad gam buain bha duan sònraichte
aca ga ghabhail.
Bha dannsa ga chumail air an oidhche agus b'
ann aig an sin, uaireannan, a bhiodh a' chlann-nighean a' toirt
an curranan seachad. Bha danns sònraichte ann ris an canar
'Cailleach an Dùdain' far an robhar a' cleachdadh slatan
draoidheachd; bha an danns seo mar nàdar de dhràma.
Bha dannsan eile ann cuideachd ris an canar 'Cath nan Coileach',
'Turraban nan Tunnag', 'Ruidhle nan Coileach Dhubha' is mar sin
air adhart agus iad uile le an samhlaidhean fhèin.
An là an-diugh
Tha na cleachdaidhean seo uile air falbh gu ìre mhòir
an-diugh agus eadhon far a bheilear fhathast a' dèanamh
bhonnach struan, mar ann an Uibhist, chan eil mòran fiosrachaidh
aig na daoine air an eachdraidh a bh' air cùl a' chleachdaidh.
Gu dearbha, dè a' chinnt a th' againn gun robh am fiosrachadh
sin aca aig àm nuair a bha an fhèill na làn
neart?
Tha iomadh teampall air ainmeachadh air Naomh
Mìcheal tro na h-eileanan eadhon sna h-eileanan Pròstanach
agus 's e Cladh Mhìcheil a chanar ris a' chladh ann an
Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas gus an là an-diugh.
Ach nach eil an naomh seo air a chuimhneachadh
cuideachd ann an ainm aodaich is eile ann an tè de bhùithtean
mòra na rìoghachd? Saoil a bheil fhios aig na manaidsearan
air cleachdaidhean Fèill Mhìcheil?
Nach biodh e inntinneach rannsachadh a
dhèanamh mu dè a thug orra an t-ainm sin a thoirt
air a' bhathar aca!
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|