GRD > Faidhle Eachdraidh > Fčilltean > Iombolc is Fčill Brėghde
Iombolc is Fèill Brìghde
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Iombolc is Fèill Brìghde
B' e fèill Cheilteach a bha ann an Iombolc, mar a chanar rithe ann an Èirinn, is bha i a' còmhdachadh mìosan a' Ghearrain, a' Mhàirt is a' Ghiblein - na mìosan ris an can sinne an t-Earrach ach bha na prìomh dheas-ghnàthan a' gabhail àite air a' chiad là den Ghearran. Tha ceanglaichean làidir aig an fhèill seo ri toradh is breith nuair tha caoraich a' breith uain. Bha caoraich cudthromach oir b' ann bhuapa a bhathas a' faighinn aodach is biadh agus bha gàirdeachas ga dhèanamh ri breith uain mar shamhla de bheatha an dèidh 'marbhachd' a' gheamhraidh.

Tha measgachadh de dh'uirsgeulan ann mun Naomh Brìghde, cuid dhiubh pàganach is cuid le craiteachan de Chrìosdaidheachd annta. Tha sgeulachdan caran eadar-dhealaichte rim faighinn ann an Èirinn is ann an eileanan na h-Alba mu deidhinn cuideachd, a rèir an dualchais fhèin.

Ann an Èirinn bhathas a' creidsinn gur e prionnsa à Ulaidh a b' athair dhith is gur e searbhant a bha na màthair. A rèir na sgeulachd seo rugadh Brìghde fhad 's a bha a màthair a' giùlain soitheach bainne is chaidh a nighe anns a' bhainne seo. B' e seo bu choireach cho brèagha 's a bha i agus tha iomadh sgeulachd ag innse mun ghràdh a bh' aice do na h-eòin, na h-uain is do chreutairean eile a bha gun chobhair, gu h-àraidh do chloinn gun mhàthraichean.

Tha Fèill Iomboilc a' tuiteam aig an aon àm ri Fèill Brìghde. Bha Brìghde na naomh na bàrdachd, air obair cheàrdaich is air leigheis. Ann an Innse Gall chaidh Brìghde urramachadh mar a' bhean-glùine a bh' aig Moire nuair a rugadh Crìosd. Bhathas a' creidsinn gur i a dh'fhosgail doras an taigh-òsta dha Moire is Iosaph mus do rugadh Crìosd is gun tug i bonnach is uisge dhaibh bho na bha i fhèin dol a dh'ithe. B' fheudar dhi an cur air falbh oir cha robh rum san taigh-òsta ach nuair a thill i a-steach bha am bonnach slàn is an uisge gun òl. Dh'fhalbh i an uair sin gan lorg is chunnaic i an rionnag os cionn an stàbaill. Chaidh i a-steach agus sin mar a thàinig i gu bhith na bean-glùin aig Moire.

Mar sin bha boireannaich a' guidhe rithe aig àm breith chloinne gu sònraichte. Bha sgeulachdan a' dol gun do chuir Brìghde trì boinneagan de dh'uisge fuarain air maoil Chrìosd nuair a rugadh e ann an ainm na Trianaid agus bhathas ga h-ainmeachadh mar mhuime Chrìosda is Crìosd fhèin mar dhalta Brìghde. B' e urram mòr a bh' ann a bhith nad dhalta ann an cultar nan Ceilteach; bha an dàimh seo na bu dhlùithe na dàimh màthar ri pàiste.

Bhathas a' creidsinn gun robh Brìghde na prìosanach air Beinn Neibheis fad a' gheamhraidh gus an tigeadh Aonghas na h-eiche gile ga toirt a-mach agus 's e Là Brìghde a' chiad là den Ghearran. Bha i mar sin a' toirt beatha air ais don talamh an dèidh mìosan fuara a' gheamhraidh.

Ann an Uibhist bha an sprèidh air an coisrigeadh do Bhrìghde air an là seo. Ann am Barraigh b' ann air Là Fèill Brìghde a bhiodh na h-iasgairean a' tighinn gu co-dhùnadh mu càite an deigheadh iad a dh'iasgach tron bhliadhna.

Bhiodh iad a' dol dhan eaglais air an là seo cuideachd is bhiodh an sagart a' cur nan cuimhne mu na mathasan a bha ri fhaighinn bhon mhuir is bhon talamh. Gu dearbha, bha barrachd spèis ga thoirt do Bhrìghde na bha do Mhoire fhèin.

Ann an Cill Dara an Èirinn bha teine ga chumail beò mar onair dhith is naoi maighdeannan ga fhrithealadh a là is a dh'oidhche. B' e teine-èiginn a chanar ris an teine seo cuideachd agus bhathas ga chumail a' dol ann an àitean sònraichte an Alba a-steach gun 19mh linn.

Bha spèis mhòr aig na h-eileanaich do Bhrìghde agus suas gu an 19mh linn bhathas ga h-urramachadh le greadhnachas mòr. Bhathas a' creidsinn cuideachd gun robh trì pearsachan aice.

Am measg nan deas-ghnàthan a bha a' gabhail àite sna h-eileanan air an là seo bha aithris air sloinntearachd Brìghde. Bhathas a' creidsinn nan deigheadh seo a dhèanamh gun robh dìon air choreigin ga fhaighinn bhuaithpe, dìon bho theine, bho bhàthadh is bho bhith air an leòn.

Ann an Uibhist gu sònraichte bha ullachadh mòr ga dhèanamh ro Là Brìghde is tha cuid de na nithean seo gan dèanamh fhathast. Air an oidhche roimhe bha gach nighean sa bhaile a' dèanamh liùdhag-coirce, Brìghdeag, is ga sgeadachadh le flùraichean no sligean, an t-slige bu bhrèagha dhiubh ga cur air broilleach na liùdheig, ann an cumadh rionnaig. Bha seo mar shamhla air rionnag Bhetalaim a chunnacas ro bhreith Chrìosda is bhathas a' caismeachd leatha air feadh a' bhaile, iad fhèin ann an dreasaichean geala is a' seinn òran do Bhrìghde. B' e toiseach an òrain: 'Brìghde bhòidheach, Muime chòir Chrìosda.'

Bha iad a' tadhal air gach taigh sa choimhearsnachd is dh'fheumadh muinntir an taighe tiodhlac bheag a thoirt do Bhrìghde is ùmhlachd a dhèanamh dhith. Bha a' bhean-taighe air bonnach sònraichte fhuine (bonnach Brìghde) is bha seo cuideachd ga thoirt don ìomhaigh. Nuair a bha a' chlann-nighean air ruith air a h-uile taigh bha iad an uair sin a' cruinneachadh ann an aon taigh air choreigin is a' dèanamh cuirm (fèis Brìghde) le na mìlsean a chaidh a thoirt do Bhrìghdeag. Bha na dorsan air an glasadh mus tòisicheadh a' chuirm is bha Brìghdeag ga suidheachadh am meadhan an ruim. An dèidh greis thigeadh balaich an àite chun an dorais is iad ag iarraidh cead ùmhlachd a dhèanamh do Bhrìghde. Nuair a dheigheadh an cead sin a thoirt dhaibh thòisicheadh ceòl is dannsa a mhaireadh fad na h-oidhche. Nuair a thigeadh a' mhadainn bha a h-uile neach san taigh a' dol ann an cearcall is a' seinn laoidh shònraichte do Bhrìghde agus bha am biadh a bh' air fhàgail (fuigheall na fèise) air a thoirt do mhnathan bochda anns a' choimhearsnachd.

Bha am pàirt fhèin aig mnathan a' bhaile san deas-ghnàth; bhiodh iadsan a' dèanamh creathall de shràbhan (leabaidh Brìghde) is a' cur ìomhaigh innte (dealbh Brìghde) le slat de fhiodh na làimh. Bhathas an uair sin a' smàladh an teine is ag ràdh na leanas:

Smùraidh mi an teine
Mar a smùradh Brìghde Muime
Ainm naomh na Muime
Bhith mun teine, bhith mun sprèidh
Bhith mun teaghlach uile.

An ath mhadainn bha an teaghlach gu lèir a' sgrùdadh an luatha gus am faiceadh iad an robh làraich slait Brìghde nam measg. Nan lorgadh iad sin, b' e deagh chomharra a bh' ann ach mura lorgadh bha trioblaidean mòra gu bhith aig an teaghlach rè na bliadhna. Gus nach tachradh sin bhathas a' tiodhlacadh coileach beò ann an àite far an robh trì uillt a' coinneachadh agus bhathas a' losgadh tùis air an teallaich.

Bha Là Brìghde cuideachd ga chuimhneachadh anns na seanfhacail a leanas:

Suipear ghabhail soillse là Oidhche Fhèill Brìghde
Dol a laighe soillse là Oidhche Fhèill Phàdraig.
'Chuir Brìghde a làmh sa bhobhla.'

Bha am fear seo air a ràdh seach gun robhas a' creidsinn gun robh cumhachd aig Brìghde uisge a thionndadh na leann. Air an là seo bha an nathair a' tighinn a-mach às a tholl agus bha an laoidh a leanas ga seinn:

Air Là Fèill Brìghde thig nighean Iomhair às an toll
Le fonn feadaireachd
Cha bhi mise ri nighean Iomhair
Is cha bhi nighean Iomhair rium.

B' e nighean Iomhair a bh' aca air an nathair oir b' e Iomhar aon de shaighdearan na h-Èireann sna làithean ro Chrìosdaidheachd. Chan eilear glè shoilleir mu carson a bha an nathair co-cheangailte ris an là seo ach 's cinnteach gur e fuigheall de phàganachd a bh' ann.

An là an-diugh
Chithear an spèis a bhathas a' toirt do Bhrìghde gus an là an-diugh ann an ainmean chlann-nighean, gu h-àraidh ann an Èirinn ach cuideachd ann an Uibhist. Tha i air a cuimhneachadh cuideachd ann an ainm sìthein, beàrnan-Brìghde, ainm eòin, bigean Brìghde agus gille-Brìghde.

Tha tobraichean maireann fhathast a bh' air an coisrigeadh do Bhrìghde. Bhathas a' creidsinn gun slànaicheadh an t-uisge aca eucailean sam bith.

Tha làraich eaglaisean maireann cuideachd a bha air an ainmeachadh air Brìghde; bha tè sna Hearadh (Teampall Brìghde) air an làrach far a bheil Eaglais Sgarastaidh an-diugh agus ged nach eil lorg air an teampall fhèin tha seann leacan air a thighinn am follais sa chladh.

Tha tèile ann an Uibhist a Deas (Cille Bhrìghde) agus tha Cille Bhrìghde eile air Eilean Shanndaigh ach tha i air a dhol fodha sa ghainmhich.

Thog an rìgh Nechtan, rìgh nan Cruithneach eaglais do Bhrìghde ann an Obar Neithich agus tha an naomh seo air a cuimhneachadh ann an ainmean eaglaisean is sgoiltean nighinn air feadh Alba. Tha iomadh ainm-àite mar chuimhneachan oirre ann an Alba cuideachd, leithid Cille Bhrìghde an Ear is Cille Bhrìghde an Iar agus ainmean eile le Cille Bhrìghde annta.

Ann an Èirinn chaidh teine Brìghde ath-lasadh ann an 1996 agus thathas an dùil a chumail a' dol mar seo. Thathas ga h-urramachadh an Èirinn gus an là an-diugh mar bhana-cheannard thaighean cràbhaidh.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD