Là Fèill Moire
Bha an là seo air 15 Lùnasdal
cudthromach do na Ceiltich. Air an là seo bhiodh iad a' dol
a-mach dha na h-achaidhean a ghearradh dhiasan coirce leis an dèanadh
iad Moilean Moire. B' e bonnach a bha seo agus bha e air a chòcaireach
air teine de fhiodh naomh. Mar aig fèilltean eile bha fear
an taighe ga ghearradh is a' toirt pìosan dheth do a mhnaoi
is do theaghlach. Bha Iolach Moire ga ghabhail an uair sin gus an
deigheadh an teaghlach a dhìon fad làithean am beatha.
Fhad 's a bha an teaghlach a' gabhail Iolach Moire bha iad a' coiseach
deiseil timcheall air an teine. Bha fear an taighe an uair sin a'
cur griosach an teine ann am prais agus a' coiseachd timcheall air
taobh a-muigh an taighe leis, uaireannan mun cuairt a chuid achaidhean
is a bheathaichean cuideachd. Bha a h-uile neach de theaghlach ga
leantainn, còmhdaichte anns an aodach a b' fheàrr
a bh' aca agus fhathast a' gabhail Iolach Moire.
Bhathas cuideachd a' dèanamh maighdeann-coirce
leis a' choirc mu dheireadh a dheigheadh a bhuain agus bhiodh
seo ga ghleidheadh gus an deigheadh a thoirt do na h-eich an ath
earrach nuair a thòisicheadh iad a' treabhadh. Nam b' e
foghar bochd a bhiodh aca b' e cailleach ainm na maighdinn! Anns
na Hearadh b' e an gobhar-bhacach a chanar ri seo.
B' e nàire mhòr a bh' ann a bhith
air dheireadh leis an fhoghar agus uaireannan dheigheadh a' mhaighdeann
no a' chailleach a sadail gu achadh an fhir a bha air dheireadh.
Nan deigheadh duine a ghlacadh a' dèanamh seo bha peanas
mòr a' feitheamh air; dheigheadh 'bearradh eòin
is amadain' air le bhith a' bearradh fhiasag is fhalt.
Tha cleachdadh na maighdinn a' dol air ais gu
àm nam pàganach nuair a dheigheadh nighean bheò
ìobradh do na diathan aca.
An là an-diugh
Chan eil cho fada bho bha comhstrì anns na h-eileanan mu
cò bhiodh deiseil de obair fearainn is mhòine an
toiseach ach tha na làithean sin air falbh agus 's e glè
bheag a tha an sàs an-diugh ann an obair den t-seòrsa
sin. Agus mar sin, chan eil na cleachdaidhean sin air fantainn
beò ann an riochd sam bith ged a bhios lofaichean arain
gan cumadh nam maighdeannan aig amannan.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|