Lùghnasadh
B' e fèill samhraidh a bh' ann an Lùghnasadh, a' comharrachadh
toiseach na ràithe mu dheireadh den bhliadhna Cheiltich.
Tha an fhèill seo ann air a' chiad là den Lùnasdal
agus tha i co-cheangailte ri àm an fhogharaidh nuair a tha
toradh na talmhainn air a thoirt a-steach.
Tha an fhèill phàganach a' dol
air ais gu Lugh, dia grèine. Bhathas a' creidsinn gun robh
cumhachdan sònraichte aig Lugh; ann an traidisean na h-Èireann
bha e mar laoch cumhachdach is mar shàr dhraoidh. Chuidich
e Cuchullain an aghaidh feachdan Chonnacht agus chuidich e diathan
nan ceàrd ann a bhith a' dèanamh an armachd draoidheil.
A rèir fhionn-sgeòil stèidhich
e geamachan tiodhlacaidh mar chuimhneachan air a mhuime, bana-dhia
àiteachais ris an canar Tailtu. Bha na geamachan sin air
an cumail aig amannan riaghailteach caran coltach ri na Geamachan
Oilimpiceach. Mar na Geamachan Oilimpiceach, bha mòran
dhaoine an làthair is mar sin bha feum air biadh is cuirmean.
Bha deas-ghnàthan gan cuairteachadh;
bha an crodh gu sònraichte gan dìon le bhith a'
cur teàrr air an earbaill is air an cluasan, a' ceangal
snàithlein gorm no dearg air an earbaill agus ag aithris
bheul-dhraoidheachd riutha. Bha balla de mhuing na bà ris
an canar ronag, ga chur dhan pheile bainne air là Lùghnasaidh
no air an Diardaoin às a dhèidh gus am biodh am
bainne math tron bhliadhna. Bhite cuideachd a' cur teine timcheall
air a' chrogan far am bitear a' cumail ìm no bainne. Bhathas
cuideachd a' dèanamh càise no gruth sònraichte
air an là seo, a' creidsinn gun robh maitheas air leth
annta.
Nuair a thàinig an creideamh Crìosdail
b' ann do Mhoire a bha bonnach Lùghnasaidh air a choisrigeadh.
Dh'fheumadh am bonnach seo a bhith air a dhèanamh air teine
chaorann oir b' e sin am fiodh a bh' air a mheas beannaichte.
Nuair bhiodh am bonnach deiseil b' e fear an taighe a bha a' toirt
pìos dheth dha mhnaoi is dha theaghlach. Bhathas an uair
sin a' togail iolach do Mhoire ag innse mar a chaidh am bàrr
a shaothrachadh, am bonnach a dheasachadh is a' guidhe gun toireadh
i dìon dhaibh gu là am bàis.
B' e bàrr na talmhainn a bha air leth
cudthromach oir b' ann air aran a bha na daoine beò agus
bha abachadh a' bharra na adhbhar toileachais. Bha deas-ghnàthan
co-cheangailte ri abachadh, bualadh is deasachadh a' bharra sin
gus aran a dhèanamh.
Tro thìde, dh'atharraich na fèilltean
bho bhith nan amannan airson teintean-èiginn, rèisean
is geamachan gu bhith nam margaidhean-pòsaidh ann an Èirinn.
Aig toiseach na linne mu dheireadh b' e seo an t-àm nuair
a bhiodh tuathanaich gu h-àraidh a' lorg mhnathan agus
tha iomadh òran Èireannach a' toirt cunntas air
an seo. Ron sin, b' e àm a bha seo nuair a bhathas a' dearbhadh
pòsadh; sheasadh balaich is clann-nighean ann an sreathan
a' coimhead a chèile is am pàrantan a' taghadh cèile
dhaibh. Mur obraicheadh am pòsadh cha robh aig a' chàraid
ach tilleadh chun mhargaidh an ath bhliadhna, am fear no a' bhean
a chur air ais, mar gum biodh, is tòiseachadh a-rithist
le cuideigin eile!
Ann an Stennis ann an Arcaibh bha deas-ghnàth
caran coltach ri seo a' dol air adhart; aig clach Odin ann an
Stennis bha càraidean a' toirt geallaidhean-pòsaidh
dha chèile agus bhathas a' meas nan geallaidhean seo cho
làidir 's nach bitear a' pòsadh idir. Bha doras
aig gach ceann de eaglais Stennis agus mur obraicheadh am 'pòsadh'
is gun robh iad airson dealachadh cha robh aca ach an cùlaibh
a thionndadh ri chèile aig a' chùbaid is coiseachd
a-mach à beatha a chèile air na dorsan eadar-dhealaichte
seo!
Bha cleachdaidhean caran coltach ri seo ann
an iomadh àite. San Eilean Sgitheanach dh'èirich
buaireadh eadar na Leòdaich is na Dòmhnallaich co-cheangailte
ris an dearbh chuspair seo; bha MacDhòmhnaill Shlèite
air gealladh den t-seòrsa seo a thoirt do phiuthar MhicLeòid
ach dh'fhàs e sgìth dhith is thill e gu Dùn
Bheagan i. Bha MacLeòid feargach is thuirt e seach nach
robh tein'-èiginn ann a' comharrachadh a' phòsaidh
gum bu chòir fear a bhith ann a' comharrachadh an dealachaidh.
Le sin chuir e teine ri fearann an Dòmhnallaich agus thòisich
aimhreit mhòr à sin a tha, gu ìre, beò
fhathast.
B' e àm a bha seo nuair a bhathas a'
cumail fhèilltean is mhargaidhean air feadh Alba gu lèir
agus tha tòrr de na fèilltean a bhios gan cumail
sna Crìochan fhathast le freumhan a' dol air ais chun na
fèille seo. Bha gnè na fèille a rèir
an t-seòrsa obrach a bha san àite, iasgach no àiteachas.
An là an-diugh
Nuair a leughas sinn mu dhol a-mach is mu phòsaidhean cuid
de dhaoine ainmeil san là an-diugh cha mhòr nach
fhaodar a ràdh gu bheilear a' cumail ri cleachdaidhean
margaidhean-pòsaidh Lùghnasaidh fhathast! Tha seo
fìor cuideachd le mòran de chàraidean a'
fuireach còmhla ri chèile gun phòsadh idir
is am facal, 'cèile' air brìgh ùr fhaighinn.
San là an-diugh cuideachd bidh sinn a'
cumail Là Taingealachd an Fhogharaidh nar n-eaglaisean
(ann an cuid de dh'eaglaisean bidh measan is glasraich gan toirt
a-steach). Tha seo air a thighinn a-steach dhan chreideamh Chrìosdail
bho Fhèill Lùghnasaidh.
Ach, coltach ri na fèilltean eile,
ma sheallas tu air an eadarlìon chì thu gu bheil
daoine an-siud 's an-seo a' feuchainn ri na seann chleachdaidhean
sin a chumail fhathast.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|