|
Samhain
B' e seo aon de phrìomh fhèilltean nan Ceilteach.
Tha measgachadh an seo de bheachdan pàganach, de bheul-aithris
is de chràbhachd.
Tha an t-ainm a' tighinn bhon t-seanfhacal,
samhnag, a bha a' ciallachadh toirdse no teine agus bha na solais
seo gus cumail droch spioradan air falbh bhon dachaigh. Bha na
solais seo gan lasadh bho phìosan de ghiuthais no de fhraoch
is bhiodh na pàrantan gan toirt dhan chloinn; bha an solas
mar sin ga chur bho làimh gu làimh is ga thoirt
timcheall an taighe no an fhearainn gus an dìon.
B' e fèill co-cheangailte ri teine is
ri cumhachdan an dorchadais a bh' innte is bha an là a'
tuiteam air 31 Dàmhair agus fad an ath là, a' chiad
là de mhìos na Samhna.
Bha teintean gan lasadh a-muigh air cnuic gus
a' ghrian, a bha a' fàs na bu laige mun àm seo,
a bhrosnachadh gu tilleadh a bhlàthachadh na talmhainn.
Bha teine ùr, bho na teintean seo, ga thoirt a-steach dhan
dachaigh dìreach mar a bhathas a' dèanamh aig àm
Bealltainn.
Bha Fèill na Samhna a' comharrachadh
deireadh an t-samhraidh is toiseach a' gheamhraidh, no toiseach
na bliadhna is bha an t-ainm a' ciallachadh là eadar dà
bhliadhna; b' e an là ron t-Samhain an là mu dheireadh
den t-seann bhliadhna agus an là an dèidh na Samhna
a' chiad là den bhliadhna ùir: cha robh a' chiad
là de mhìos na Samhna idir ann! Bhathas ga fhaicinn
mar là na bliadhna ùire againn an-diugh. An-diugh
tha sinne a' faicinn mìos na Samhna mar faisg air deireadh
na bliadhna ach, anns na seann làithean, b' e toiseach
na bliadhna a bh' ann oir b' e an geamhradh a bha na Ceiltich
a' comharrachadh mar thoiseach na bliadhna. Bha an là Ceilteach
a' tòiseachadh leis an oidhche is cha b' ann leis a' mhadainn.
Bha teintean na Samhna gan cur thuige air an oidhche, calg dhìreach
an aghaidh teintean na Bealltainn a bha gan lasadh sa mhadainn.
Bha teintean na Samhna airson dìon an
aghaidh cumhachdan an dorchadais is airson cur às do dhroch
spioradan. Bhathas a' dèanamh nan teintean-èiginn
seo le a bhith a' suathadh dà sheòrsa fiodha ri
chèile agus tha an rann a leanas ag innse dè an
seòrsa fiodha a bha freagarrach:
Tagh seileach nan allt
Tagh calltainn nan creag
Tagh feàrna nan lòn
Tagh beithe nan eas.
Tagh uinnsean an dubhair
Tagh iubhar nan leuma
Tagh leamhan na bruthaich
Tagh duire na grèine.
Ann an àiteachan, is gu h-àraidh
ann an Leòdhas, chan eil cho fada bho bha samhla de bhana-bhuidseach
ga losgadh. Bhathas a' cumail na fèille seo air trì
ìrean, mar gum biodh.
A' chiad ìre
B' ann aig an àm seo a bhathas a' toirt nam beathaichean
dhachaigh bho na h-achaidhean gus an cumail aig an taigh airson
àlachadh no am marbhadh airson biadh.
Chì sinn bhon ràdh a leanas cho
cudthromach 's a bha an àm seo anns a' chuairt chroitearachd:
Oidhche Shamhna theirear gamhna
ri na laoigh
Bha na daoine gu bhith aig an taigh an dèidh
an ama seo oir cha robh obair a-muigh aca ri dhèanamh agus
bhiodh iad ag ùrachadh ceanglaichean dàimhe. Bha
na nithean seo feumail is dh'fheumte an dèanamh ach aig
an aon àm bha faireachdainn ann gun robh i na pàirt
de dh'fheallsanachd chràbhach, co-cheangailte ri cuairt
chràbhach no bhuachailleach na bliadhna is cha b' ann ri
cuairt àiteachail no ghrèineil na bliadhna.
Canar 'coltas na Samhna' ri droch aimsir as
t-samhradh agus, ann a bhith a' roinn na bliadhna bha an ràdh
seo cumanta:
Oidhche is geàrr mhìos
bho Shamhain gu Fèill Aindreis
B' e àm a bh' ann a bha cunnartach do
neach sam bith a bhith fada bhon taigh na aonar oir bha e fuasgailte
do dhroch spioradan.
An dara ìre
Bha Samhain cuideachd air a h-ainmeachadh mar fhèill nam
marbh ach cha robh am bàs air fhaicinn mar àm brònach
idir oir b' e a bha cudthromach ach bàsachadh le onair
is cuimhne a bhith ort aig Fleadh nam Marbh. B' e là iongantach
a bha seo, là nach robh idir ann; tron oidhche bha sgiath
mhòr Sgathaich ga h-ìsleachadh is bha na sgàilean
eadar na saoghail air an togail air falbh agus mì-rèite
a' faighinn cothrom a thighinn dhan t-saoghal òrdaichte.
Bhathas a' creidsinn gum biodh anaman nam marbh
a' tilleadh gu talamh aig an àm seo is gan garachadh fhèin
aig teintean an seann dachaighean. Ach a thuilleadh orra seo bha
droch spioradan a' dol mun cuairt is dh'fheumte am fuadach no
an riarachadh le ìobairtean. Bha na h-ìobairtean
seo gan toirt suas aig seann àitean-adhlacaidh, mar bu
trice mar a chì sinn bho bhàrdachd Bhurns, Tam O
Shanter.
Ann an Leòdhas b' ann aig an àm
seo a bhathas ag ìobradh do Sheonaidh, dia na mara. Bha
teaghlaichean a' tighinn chun na mara le deoch làidir is
bha ball den teaghlach a' dol a-mach dhan mhuir suas gu a shliasaidean
le cupa den deoch is ag ràdh, "A Sheonaidh, tha mi
a' toirt an cupa dibhe seo dhut is a' guidhe gun toir thu am pailteas
feamainn thugainn sa bhliadhna tha tighinn gus ar fearann a mhathachadh."
Mar iomadh fèill eile, chaidh Samhain
a ghabhail a-null bho chreideamh nan draoidhean.
Aig Fèill nam Marbh bha biadh is greadhnachas
air an ullachadh agus bha an treubh talmhaidh a' tighinn còmhla
ri buill den treubh a bh' air caochladh is ri buill nach robh
fhathast air am breith, mar gum biodh. Ged nach eil daoine a'
creidsinn seo an-diugh 's e mìrean den chleachdadh seo
a tha maireann fhathast ann an cuirmean na cloinne aig an àm
seo. Mar sin, 's e an ìre seo a thathas a' leantainn fhathast.
Bhathas a' fuine bonnach sònraichte aig
an àm seo cuideachd agus b' ann air an oidhche a bhathas
ga fhuine. Ghabh fèilltean eile a-null an cleachdadh seo
is cluinnidh sinn barrachd mu dheidhinn aig àm Fèill
Bhrìghde.
An treas ìre
Bha an ìre seo co-cheangailte ri rionnagan a' gheamhraidh
nuair a bha oidhche a' buannachadh thairis air an là agus
a' ghealach a' riaghladh thairis air leth dorcha an là.
Mar sin, 's e a tha seo ach strì eadar
solas is dorchadas, eadar fàs is crìonadh, eadar
beatha is bàs ach chan eil an t-strì seo a' gabhail
gnothach idir ri math is olc. Eadar rìoghachdan mòra
cothromach na Grèine is na Gealaich tha a' chruinne òrdaichte
ris a bheil beatha an urra agus tha rèite na cuairt sin
a' ciallachadh nach eil buaidh mhaireannach aig beatha no gu dearbh
aig bàs.
An là an-diugh
Ann am beul-aithris Chanada chante Sam Hain ris an liùdhag
leis am biodh clann a' falbh mun cuairt aig an àm seo.
Ann an cuid de dhùthchannan Caitligeach, is gu h-àraidh
sa Bhreatainn Bhig, bidh biadh ga fhàgail air bùird
dha na mairbh air oidhche Shamhna.
Gu ìre air choreigin thathas fhathast
a' cumail Oidhche Shamhna air Ghaidhealtachd na h-Alba ged a tha
cuid de dh'eaglaisean air an cleachdadh seo a chasg anns na bliadhnaichean
mu dheireadh. Bidh clann a' falbh bho thaigh gu taigh le aghaidhean-coimheach
orra a' tional airgid. Nì iad pàrtaidh an dèidh
làimh agus tha cuid de na pàrtaidhean sin air fàs
gu math spaideil is a' chlann a' suidhe aig dìnneir mhòir
ach bidh iad fhathast a' leantainn an t-seann chleachdaidh a bhith
a' tomadh airson ùbhlan ann am mias. Ann an cuid de dh'àiteachan
b' e sgonaichean trèicil a bha crochte air sreang a bhiodh
a' chlann ag ithe gus am biodh am busan làn trèicil.
Bha gèam ann cuideachd far an robh dà
chnò gan cur còmhla dhan teine. Bha iad seo, mar
b' fhìor a' riochdachadh thu fhèin is an neach a
phòsadh tu. Nuair a dh'fhàsadh na cnothan teth nan
leumadh iad còmhla b' e soighne mhath a bha seo ach mur
leumadh bha e a' cheart cho math dhut a dhol a lorg leannan eile!
Tha cleachdaidhean Samhna na cloinne san
là an-diugh a' samhlachadh nithean bho na seann fhèilltean.
Tha na h-aghaidhean coimheach a' samhlachadh nan creutairean eagalach
anns an robh ar sinnsearan Ceilteach a' creidsinn agus tha na
cleasan a bhios a' chlann a' cluich air inbhich aig an àm
seo mar shamhla air na spioradan sin cuideachd. Tha ùbhlan
aca air sgàth 's gun robh na draoidhean a' meas an ubhail
naomh agus 's e na snèipean anns am bi na solais aca as
cudthromaich buileach; tha snèipean mar shamhla air a'
chleachdadh Ceilteach a bhith a' crochadh chlaiginn nam marbh
air pòlaichean gus droch spioradan a chumail air falbh.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|