|
Dòmhnall MacLeòid - Fear-iùil
a' Phrionnsa
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
Rugadh is thogadh Dòmhnall MacLeòid
ann an Galltrigil, taobh an iar Loch Dhùn Bheagain anns an
Eilean Sgitheanach. B' e duine tapaidh a bha ann, agus bha e dìleas
do Phrionnsa Teàrlach. Rinn e na b' urrainn dha gus a dhìon
bho a luchd-tòrachd an àm na h-èiginn. Air
an adhbhar sin, is airidh e air càrn-cuimhne cho math ri
Fionnghal NicDhòmhnaill.
Thachair do Dhòmhnall a bhith ann an Inbhir
Nis air tòir mine mu àm Blàr Chùil Lodair.
Ged dhiùlt a cheann-feadhna, MacLeòid Dhùn
Bheagain, èirigh air taobh a' Phrionnsa, bha esan air a thaobh.

Bha Murchadh, a mhac, a bha còig bliadhna
deug a dh'aois, ann an àrd sgoil Inbhir Nis, agus òg
mar bha e, theich e às an sgoil, gus sabaid air taobh a'
Phrionnsa. Chaidh e a-mach chun a' bhlàir cuide ri càch.
Nach b' e an laochan e - mac mar an t-athair!
Cha do rinn Dòmhnall fhèin a' chùis
a bhith aig a' chòmhraig. Ach bha moit mhòr air an
uair a choinnich e ri Murchadh, beò slàn, an Arasaig.
Goirid an dèidh sin fhuair an laochan òg dhachaigh
gu a chàirdean ann an Galltrigil.
B' ann ann an coille bhig dlùth ri Ceann
Loch Mùideirt a thachair Dòmhnall ri Teàrlach.
Ged a bha am Prionnsa air èideadh an truasgan suarach, dh'aithnich
MacLeòid sa bhad cò e. Bhruidhinn Teàrlach
ris mar seo:
"Tha thu a' faicinn, a Dhòmhnaill, gu bheil mise nam
èiginn. Tha mi air an adhbhar sin gam thilgeil fhèin
air do chùram. Dèan rium mar as àill leat.
Tha mi a' cluinntinn gur duine onarach thu, anns am faod mi earbsa
a chur."
Bha sin fìor. Bha MacLeòid na bhrod
mharaiche. Bha e èolach air feadh nan eilean, air muir agus
air tìr. Ghabh e os làimh am Prionnsa a threòrachadh
gu ionad falaich, nan gabhadh sin idir a dhèanamh. Fhuair
iad air bàta ochd-ràmhach a chur air dòigh.
Bha sgioba calma air bòrd. Mhothaich Dòmhnall gun
robh droch coltas air an oidhche, agus chomhairlich e don Phrionnsa
fuireach far an robh e gu madainn. Chan fhuireadh Teàrlach
aon oidhche, ged dheigheadh e fhèin agus na bha còmhla
ris don doimhne.
Thàinig an oidhche gu bhith anabarrach
fiadhaich le stoirm is uisge, direach mar a dh'innis MacLeòid
ro làimh. Cha mhòr nach deach iad fhèin agus
am bàta air chall anns a' chuan Sgitheanach. Chaidh am fuadach
o àite gu àite anns an Eilean Fhada gus mu dheireadh
thàinig iad gu oirthir Uibhist. Chaidh iad air tìr
an Roisinis am Beinn na Faoghla.
Bha am Prionnsa fo chùram an Sgitheanaich
mu dhà mhios. Bha an dithis nam fògarraich, agus bha
luingeis chogaidh ullamh gus an glacadh nam faigheadh iad cothrom.
Mu dheireadh b' fheudar dhaibh dealachadh, agus bha Dòmhnall
fon choill. Chaidh a ghlacadh, agus a chur na phrìosanach
air bòrd bàta dom b' ainm am 'Furnace'. Gu dearbh
bu mhath a b' airidh i air a h-ainm - an àmhainn. Cha mhòr
nach do thachdadh Dòmhnall na broinn air a turas gu Lunnainn.
Dh'fhuiling e droch càradh mar phrìosanach
air bàta eile air abhainn Lunnainn. B' e an t-iongnadh nach
do chaill e a bheatha anns an toll oillteil seo, oir bha e trì
fichead bliadhna 's a h-ochd a dh'aois. An dèidh a bhith
deich mìosan san toll dhubh seo, chaidh a leigeil às.
Fhuair e aoigheachd chàirdeil o luchd-leanmhainn
nan Stiùbhartach ann an Lunnainn. Thug iad adharc-shnaoisean
airgid dha mar chuimhneachan. Air an rathad dhachaigh, thadhail
e ann an Dùn Èideann (1747). Dh'ullaich càirdean anns
a' bhaile sin cuirm air a thàillibh, agus cha robh dìth
airgid air.
Ràinig e Eilean a' Cheò mu thoiseach
a' gheamhraidh, agus is iomadh neach a thigeadh air chèilidh
air, a dh'èisteachd ri sgeul nan gàbhaidhean tron
deach e. Dh'eug e ann an Galltrigil aig aois trì fichead
bliadhna agus a dhà dheug. Bha cothrom aige iomadh uair am
Prionnsa a bhrath, ach bha e cho duineil, is cho dìleas,
agus nach tugadh duais bhrathaidh buaidh air.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|