|
Na Lochlannaich
Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
An uair a leughas sinn eachdraidh ar dùthcha
chì sinn gu bheil mòran iomraidh innte mu na Lochlannaich.
Is iad sin na daoine a thàinig thar sàile à
Lochlann a shireadh am beòshlàinte feadh na Gaidhealtachd
agus nan Eilean. Bha iad nan daoine calma agus treun agus bu bheag
leotha na dhòirteadh iad de fhuil airson an dùilean a
choileanadh.
B' ann mu dheireadh na h-ochdamh linne a thàinig
na Lochlannaich do na h-eileanan Gaidhealach an toiseach. B' e I
Choluim Chille a' chiad àite air an do rinn iad. Loisg iad
an eaglais agus na seann leabhraichean a bha anns an eilean, agus
thug iad leo a h-uile nì a b' fhiach. Cha do thoilich seo
iad agus anns a' bhliadhna ochd ceud agus sia thill iad agus mhort
agus mharbh iad gach neach a bha air an eilean - trì fichead
agus a h-ochd air fad. Cha robh manach no eaglais no leabhar air
fhàgail san àite.
 |
 |
Rinn iad an nì ceudna anns gach eilean
a tha eadar Leòdhas agus Eilean Mhanainn. Ghabh iad seilbh
air gach rud a bha annta agus rinn iad tràillean de na h-Eileanaich.
Is e Somhairle mac Gille-Bhrìde a' chiad fhear a dh'fheuch
ri am bacadh. Bha an dùthaich seo aig a mhic na dhèidh.
Is iomadh dòigh a dh'fheuch rìghrean na h-Alba airson
na h-eileanan fhaighinn ach cha tàinig a h-aon dhiubh gu
buil gus an do chuir an treas Rìgh Alasdair ruaig orra aig
an Leargaidh Ghallda anns a' bhliadhna dà cheud deug, trì
fichead 's a trì. An sin fhuair Alba seilbh air na h-Eileanan
an Iar.
Faodaidh sinn a ràdh nach robh gnothach
sam bith aig Alba ri na h-Eileanan no ris an oirthir an iar
rè na h-ùine a bha iad an seilbh nan Lochlannach.
Rinn seo mùthadh mòr air Alba agus air Èirinn.
Ro àm nan Lochlannach bha an aon seòrsa
Gàidhlig ann an Alba agus ann an Èirinn. Nuair a thàinig
na Lochlannaich chaidh stad a chur air a' chàirdeas a bha
eadar Alba agus Èirinn. Chaidh a' Ghàidhlig a chur do thaobh
an ear na h-Alba agus dh'fhàs i an sin leatha fhèin.
Cha mhòr nach robh i air a dìochuimhneachadh buileach
agus cha chluinn sinn mòran iomraidh oirre gus an do dh'fhàg
na Lochlannaich Alba. Air an làimh eile dh'fhàs a'
Ghàidhlig Èireannach ann am modh eile agus chì sinn
an-diugh cho mì-choltach 's a tha iad.
Bha buaidh mhòr aig a' chànain Lochlannaich
air a' Ghàidhlig Albannaich. Tha iomadh facal againn a bha
na Lochlannaich a' labhairt. Chì sinn seo gu h-àraidh
ann an ainmean-àite anns na h-Eileanan.
Ach rinn Lochlannaich milleadh searbh air a' Ghaidhealtachd
an uair a ghabh iad gnothach ri I. Bha I aig an àm sin na
àite far an robh gach sgoilear a b' fheàrr ann an
Alba a' tighinn. An uair a chaidh na daoine a mhort sguir seo
agus tha I an-diugh mar àite eile an uair a dh'fhaodadh oilthigh
a bhith ann mur biodh gun tàinig a leithid de mhì-fhortan
air.
Theich a h-uile manach a bh' ann an I agus
thug iad orra do bhailtean na Roinn Eòrpa. Thug iad leotha an
leabhraichean agus sgrìobh iad leabhraichean far an robh
iad. Tha na rudan sin a-nis a' tighinn am follais agus tha sinn
a' faighinn leabhraichean Gàidhlig anns na h-àitean
a tha fada air falbh o I. Ach thuirt an t-òran:
I mo chridhe, I mo ghràidh
an àite guth mhanach bidh geum bà,
ach mun tig saoghal gu crìch
bidh I mar a bha.
Tha sinn an dòchas gu bheil sin fìor,
ach bidh cuimhne againn cò as coireach mar thachair do dh'I
- na Lochlannaich.
© na dealbhan Christine Campbell
& GRD
|