|
Oisean an Tìr na h-Òige
Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh
bhon sgeulachd a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh
Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
An uair a bha Oisean na Fèinne an
trèine a neairt, chaidh e air turas gu Tìr na h-Òige.
B' e dùthaich iongantach a bha sin. Bha i an àiteigin
eadar an talamh agus an adhar agus bha gach creutair sunndach òg.
Tha feadhainn ag ràdh gun robh Oisean ceud bliadhna anns
an tìr sin, ach tha feadhainn eile ag ràdh gun deach
mìle bliadhna co-dhiù seachad mus d' fhuair e dhachaigh.
Ach biodh sin mar a bhios e. Seo beagan dhen chunntas a th' againn
air a' chuairt a thug e gu Tìr na h-Òige.
An uair a dh'fhàg e a dhachaigh còmhla ri Niamh nan
òr-chiabh, chaidh iad chun an àird an iar. Bha an
cuan a' cumail a' dol às an sealladh agus chitheadh iad na
tonnan air fàire. Is iomadh rud iongantach a chunnaic iad
air a' chuairt ud. Chunnaic iad damh donn gun adharcan na ruith
agus cù-seilge geal, le cluasan dearga, às a dhèidh.
Turas eile, chunnaic iad boireannach òg air muin eich agus
ubhal òir aice na làimh 's i a' marcachd gu h-aotrom
air bhàrr nan tonn. As a dèidh bha balach òg,
le cleòc sgàrlaid air agus claidheamh le ceann òir
na làimh, agus e a' marcachd air each luath geal.
Bha eich Oisein agus Niaimh na bu luaithe na gaoth ghuineach na
Sguabaig (gaoth gheur an Earraich) nuair a shèideas i cho
làidir. Bha iad a' siubhal gu luath tro na speuran gus an
do dh'fhàs an t-adhar dorcha, agus gus an do dh'èirich
a' ghaoth le fuaim uabhasach. Chuir seo a' mhuir na teine dearg
agus cha robh lorg air a' ghrèin.
Ach chaidh an dorchadas seachad agus dheàrrs a' ghrian gu
làidir a-rithist. Chunnaic iad dùthaich bhrèagha
le achaidhean còmhnard làn de shìtheanan de
gach seòrsa air am beulaibh. Bha daingneach an rìgh
am meadhan a' bhaile agus bha a h-uile dath anns a' bhogha-froise
ann. Bha gach creutair ga bhlianadh fhèin anns a' ghrèin
agus bha gach lùchairt air a togail de chlachan deàlrach.
Chunnaic iad ceud gu leth duine eireachdail, treun, fo làn
armachd a' tighinn a-mach nan coinneimh.
"An e seo dha-rìribh Tìr na h-Òige?"
ars Oisean ri Niamh.
"Seo i," fhreagair Niamh. "Cha do dh'innis mise breug
mu a deidhinn agus chì thu air do bheulaibh a h-uile càil
a gheall mise dhut."
An uair sin thàinig ceud nighean àlainn a-mach nan
coinneimh air an robh cleòcannan sìoda, air an obrachadh
le òr. Chuir iad fàilte air Oisean agus Niamh agus
ghuidh iad sonas dhaibh anns an tìr àlainn dhan robh
iad air a thighinn.
As an dèidh thàinig arm mòr de dhaoine òga
treun agus bha deàrrsadh an armachd cho soilleir agus gun
robh e a' cur sgleò air sùilean Oisein. Air ceann
an airm bha rìgh Tìr na h-Òige. Bha lèine
bhuidhe air agus cleòc de òr air a muin agus bha crùn
le iomadh seud air a cheann. Bha bànrigh òg agus leth-cheud
maighdeann còmhla rithe ga leantainn. Nuair a chruinnich
iad gu lèir air an aon rèidhlean, rug an rìgh
air làimh air Oisean agus chuir e fàilte air.
"Ceud mìle fàilte, Oisein mhic Fhinn, gu Tìr
na h-Òige. Bidh do bheatha buan anns an tìr seo, agus
cha laigh aois no smal air d' òige. Tha a h-uile rud a thogas
do chridhe agus a shàsaicheas do shùil anns an dùthaich
àlainn seo, agus 's ann leatsa a tha iad uile. Creid mise,
Oisein mhic Fhinn, oir is mise rìgh Tìr na h-Òige."
"Seo mo bhànrigh, agus 's i mo nighean, Niamh nan òr-chiabh,
a chaidh a-null air a' chuan gad iarraidh gus am biodh tu pòsta
aice gu bràth."
Chrom Oisean a cheann air beulaibh an rìgh, agus Niamh. Chaidh
a h-uile duine gu dòigheil gu lùchairt an òir
far an robh fèis mhòr air a h-ullachadh a lean deich
là agus deich oidhche.
Bha Oisean agus Niamh a-nis pòsta ann an Tìr na h-Òige
agus bha gach bliadhna a' dol seachad na bu luaithe na là
geamhraidh anns an tìr againne.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|